FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Glasgow University celebrates five years of the House of Gaelic Oilthigh Ghlaschu a’ comharrachadh còig bliadhna de Thaigh na Gàidhlig

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2014.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2014.)

Video is playing in pop-over.

Oilthigh Ghlaschu a’ comharrachadh còig bliadhna de Thaigh na Gàidhlig

[Iain MacIlleathain - Preseantair] Tha Oilthigh Ghlaschu an t-seachdain sa a’ comharrachadh còig bliadhna de Thaigh na Gàidhlig ag amas air oileanaich aig a bheil an cànan agus a’ toirt cothrom dhaibh fuireach còmhla ann an àrainn Gàidhlig. Tha e a’ brosnachadh dhaoine an dàimh ris a’ Ghàidhlig a chumail as bith de an t-slighe acadamaigeach a bhios aca. Chaidh Alasdair Friseal a chèilidh orra.

[Alasdair Friseal – Neach-aithris] Ann an mhìle ‘s a naoi, chaidh an sgeama còmhnaidh a steidhicheadh le Oilthigh Ghlaschu. Chun an an-diugh an aon sgeama de sheòrsa an Alba. Thar nam bliadhnaichean, tha farsaingeachd de dh’Oileanaich air fuireach ann an Taigh na Gàidhlig.

[Iona Whyte] Chan eil mi a-riamh air a bhith ann an suidheachadh far a bheil a h-uile duine cho sòisealta leis a’ Ghàidhlig. Tha an triùir nighean, tha sinn uile anns a’ chiad bhliadhna, 's tha sinn uile a’ dol tron an aon seòrsa rud aig an aon àm. Agus Robbie, tha esan dìreach san darna bliadhna, tha sinn uile timcheall air an aon aois. Tha na h-aon h-ùidhean againne, tha e a’ còrdadh rium gu mòr.

[Alasdair Friseal – Neach-aithris] Ach, co ris a tha e coltach a bith a’ fuireach ann an Taigh na Gàidhlig?

[Eleanor Dickson] Tha thu a-measg dhaoine aig a tha rudan co-cheangailte riutsa. Tha sibh uile anns an aon t-suidheachadh. Tha sibh uile a’ faireachdain an aon rud mu dheidhinn a’ chànan. Tha sibh uabhasach toilichte a bhith anns an suidheachadh seo. Tha sibh dìreach toilichte a bhith ga bruidhinn, toilichte a bhith a’ gabhail phàirt anns na tachartasan, agus tha thu dìreach a’ faireachdainn mar gu bheil thu pàirt de rudeigin cudromach.

[Alasdair Friseal – Neach-aithris] Agus mar dhachaigh sam bith, feumaidh a h-uile duine riaghailtean a leantainn.

[Iona Whyte] A’ phrìomh riaghailt agus chan e riaghailt a th’ ann, ‘s e gum bi sinn uile a’ bruidhinn Gàidhlig ri chèile anns an taigh.

[Alasdair Friseal – Neach-aithris] Agus a bheil sinn ag obrachadh?

[Iona Whyte] Tha… tha.

[Alasdair Friseal – Neach-aithris] Ach chan fheum thu Gàidhlig a bhith a dhèanamh Gàidhlig san oilthigh airson fuirach ann. Tha cothrom ga thoirt do dh’oileanaich sam bith aig Oilthigh Ghlaschu àite fhaighinn ann an taigh na Gàidhlig.

[Fiona Dunn] Bha sinn a-riamh ag amas air cothrom a thoirt do dh’oileanaich a bhith a’ tighinn an seo agus a bhith a’ taghadh cuspair sam bith a bha iad airson ionnsachadh ach gun a bhith a’ call leis a’ Ghàidhlig. Agus sin am prìomh amas a th’ air Taigh na Gàidhlig, ‘s e a bhith a’ brosnachadh dhaibh a bhith a’ cumail a dhol leis a’ Ghàidhlig a bhith a’ cumail ceangal ris a’ chànan agus a bhith ga cleachdadh is ga bruidhinn a h-uile là.

[Alasdair Friseal – Neach-aithris] Alasdair Friseal, BBC An Là, Glaschu.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!