FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Skiing through the medium of Gaelic A' sgitheadh tro mheadhan na Gàidhlig

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2014.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2014.)

Video is playing in pop-over.

A' sgitheadh tro mheadhan na Gàidhlig

[Innes Rothach – Preseantair] Fhuair sgoilearan o air feadh na Gàidhealtachd cothrom sgitheadh ionnsachadh ann an clasaichean a tha gan teagaisg tro mheadhan na Gàidhlig. Chaidh an sgeama a dhealbhachadh le Comann na Gàidhlig a tha airson òganaich a bhrosnachadh gus an cànan a chleachdadh ann an suidheachaidhean neo-fhoirmeil. Tha an aithris seo aig Ailean MacLeòid.

[Ailean MacLeòid – Neach-aithris] Chaidh na mìltean chun nam beanntan air an deireadh-sheachdain is fear dhe na làithean sgithidh a b’fheàrr an Alba airson bliadhnaichean ann na Sàbaid. Nam measg, bha buidheann air an toirt còmhla le Comann na Gàidhlig airson Gàidhlig a bhrosnachadh ann an suidheachadh neo-fhoirmeil. Air a’ chiad là, bha feadhainn ann nach robh a-riamh air paidhir skis a chur orra agus a bha ga fhaighinn doirbh fuireach air an casan.

[Ailean MacLeòid – Neach-aithris] Chùm iad orra ged-thà, iad uile a’ toirt taic dha na caraidean ùra aca. ‘S ann tro mheadhan na Gàidhlig a bha a’ chuid bu mhotha dhen teagaisg agus cha do chuir sin sìon a dhragh air na sgoilearan.

[Ailean MacLeòid – Neach-aithris] Cha robh cùisean idir cho soilleir air an dàrna là, ach rinn sinn cinnteach gun d’ fhuair na sgoilearan uile blas air dìreach mar a tha sgitheadh an Alba.

[Ailean MacLeòid – Neach-aithris] Ro dheireadh an turais, bha iad uile comasach faighinn bho mhullach gu bonn a’ chnuic. Bha e follaiseach gun do rinn iad adhartas air a’ bheinn, ach mu dheidhinn a’ chànain?

[Romy] Tha mi a’ smaointinn gu bheil mi a’ fàs nas fheàrr oir ann an Ìle, tha iad dìreach a’ cleachdadh mar faclan sin agus an uair sin nuair a bhios mi a’ dol air turas mar seo, bidh mi a’ cluinntinn tòrr Gàidhlig diofraichte.

[Claire-Frances] Dìreach a’ cleachdadh a’ chànain is daoine an aois agaibh fhèin, math a’ cleachdadh a’ chànain còmhla riutha is tha e dìreach math airson do chànan, cultar is rudan.

[Ailean MacLeòid – Neach-aithris] Tha coltas ann ma-thà gun d’ fhuair a’ chlann togail às an turas aca. Agus, tha coltas ann gun d’fhuair daoine nach robh co-cheangailte ris a’ bhuidhinn brosnachadh às cuideachd.

[Dòmhnall Morris] Uill, an rud a bha inntinneach an-diugh, bha sinn ann an ciutha aig bonn aon de na lioftaichean agus thàinig am boireannach seo a bhruidhinn rium, 's thòisich i a’ bruidhinn beagan Gàidhlig, bha i a’ tòiseachadh air Gàidhlig ionnsachadh, is fhuair ise brosnachadh às gun robh sinne a’ feuchainn ri Gàidhlig a bhrosnachadh, ‘s e seòrsa de chearcall a th’ ann far a bheil sinn a’ cur ris a’ chearcall a tha sin. Tha mi an dòchas gu bheil an òigridh air co-theacsa fhaighinn gu bheil iad a’ faighinn air rudan spòrsail a dhèanamh tro mheadhan na Gàidhlig. Tha sin cudromach, chanainn. Agus tha sinn an dòchas gun gabh iad tuilleadh rudan a bharrachd san àm ri teachd. Gu dearbh, tha feadhainn air tilleadh agus tha feadhainn ag iarraidh tilleadh an ath thuras aig deireadh na sheachdain, tha sin math.

[Ailean MacLeòid – Neach-aithris] Mar sin, ged a bha fìor mheasgachadh de shìde aca, tha coltas ann gur e turas soirbheachail a bh’ ann dhan fheadhainn a ghabh pàirt. Ailean MacLeòid, BBC An Là, Leac a' Ghobhainn.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!