FaclairDictionary EnglishGàidhlig

A community group in Mull sells shares Buidheann coimhearsnachd a' reic earrannan ann am Muile

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2014.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2014.)

Video is playing in pop-over.

Buidheann coimhearsnachd a' reic earrannan ann am Muile

[Iain MacAonghais - Preseantair] Nise, tha buidheann coimhearsnachd ann am Muile a tha a’ cur romhpa sgeama Hydro a thogail an-dràsta a' reic earrannan anns a’ phròiseact. Bha aig Green Energy Mull ri trì cheud is deich air fhichead mìle not a thogail ro dheireadh na mìos seo. Is dh’inns iad bho chionn beagan ùairean a thìde gu bheil iad air an targaid sin a ruighinn. Mar a tha am fear-naidheachd againn ann an Earra-Ghàidheil, Andreas Wolff ag aithris.

[Andreas Wolff – Neach-aithris] Tha buidheann coimhearsnachd ann am Muile ag iarraidh sgeama Hydro a thogail air an allt seo faisg air Creag an Iubhair. Cosgaidh e còrr is millean not. Thathar an dòchas gun cuir muinntir Mhuile taic ris.

[Murray Finch] We have a finance package from a consortium of banks which will enable us to construct the project. But they require us to contribute our own 30% of equity into the scheme and we’re raising £330,000 through a community share issue at the moment.

[Andreas Wolff – Neach-aithris] Tha iad a-nis air an targaid aca a ruighinn, ach bidh cothrom aig daoine fhathast ro Dhihaoine earrannan a cheannach.

[Seònaid Dhòmhnallach] Tha farpais ann agus a’ bhuidheann choimhearsnachd a thrusas an t-airgead as motha gheibh iadsan duais còig ceud not.

[Andreas Wolff – Neach-aithris] Ach chan e sin an aon bhuannachd a gheibh muinntir an eilein às an seo. Nuair a bhios an sgeama deiseil aig deireadh na bliadhna, thèid stòras airgid a chur air bhonn anns am faodadh buidhnean coimhearsnachd maoineachadh fhaotainn san àm ri teachd.

[Murray Finch] From Year One, we’ll be producing something like twenty-five thousand pounds for the local community and as the capital for the project is paid off after nine or ten years, that figure will go into six figures, so it will be over £100,000 a year.

[Seònaid Dhòmhnallach] Chuir mi beagan airgid a-staigh ann oir bha mi a’ smaoineachadh gur e sgeama glè mhath a bh’ ann. Tha iad an dòchas, ann an ceann bliadhna no dhà gum bi airgead a’ tighinn air ais don choimhearsnachd.

[Andreas Wolff – Neach-aithris] Bidh an sgeama Hydro seo a’ cruthachadh ceithir cheud kilowatt de chumhachd agus leis an sin, dh’fhaodadh e dealan a chumail ri suas ri cheud agus ochdad taigh, ach thathar cuideachd an dòchas gun lùghdaich e na thathar a leigeil ma sgaoil de ghasaichean carboin air an eilean seo. Andreas Wollf, BBC An Là, Muile.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!