FaclairDictionary EnglishGàidhlig

A new centre in Roskeen Ionad ùr ann an Ros Cuibhne

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2014.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2014.)

Video is playing in pop-over.

Ionad ùr ann an Ros Cuibhne

[Iain MacAonghais - Preseantair] Tha an Eaglais Shaor ann an Ros Cuibhne air còrr is trì cheud mìle not a chosg air ionad ùr a tha iad an dòchas a bheir brosnachadh dhan eaglais anns an sgìre. Tha an t-Ionad an Capstone gu bhith fosgailte dhan choimhearsnachd fad na seachdaine le tachartasan do shean is òg. Mar a tha Ailean MacLeòid ag aithris.

[Ailean MacLeòid – Neach-aithris] Bhon taobh a-muigh, chan eil cus mun Ionad Capstone a tha ga cheangal ris an Eaglais Shaor. Chithear samhla no dhà, ach ‘s ann leis a’ choimhearsnachd air fad a tha iad airson ‘s gum bi an t-àite. Tha e mu mhìle air falbh bhon Eaglais aig Ros Cuibhne air làrach a bha roimhe gu math ainmichte do mhuinntir na sgìre.

[Ailean MacLeòid – Neach-aithris] ‘S e bùth a’ Cho-op a b’ àbhaist a bhith san togalach seo agus oifisean na comhairle an ath dhoras, ach a-nis tha an coitheanal an dòchas gum bi e na cheum eadar a’ choimhearsnachd agus an eaglais.

[Ailean MacLeòid – Neach-aithris] Thathar gu bhith a’ fosgladh cafaidh an seo mu àm na Càisge. far am bi cothrom aig daoine tighinn agus ùine a chur seachad gun uallach a bhith orra barrachd a cheannach no fàgail. Bidh àite ann cuideachd do sgoilearan na h-àrd sgoile feasgar Dihaoine nuair a bhios an sgoil a’ crìochnachadh tràth agus tha fèill mhòr mu thràth air na clasaichean Knit and Natter.

[Seasaidh NicChoinnich] Ò, tha e uabhasach math, tha sinn a’ dèanamh a h-uile rud. Bidh sinn a’ dèanamh fighe 's bidh sinn a’ dèanamh crochet 's bidh sinn a’ dèanamh crafts, bidh sinn a’ dèanamh cairtean is tòrr rudan eile nach do rinn mise a-riamh ‘s tha h-uile duine cho tàlantach, agus bidh iad ga do chuideachadh. Cha leig thu leas a dhèanamh mur eil thu ag iarraidh, ach tha e uabhasach inntinneach ‘s cha leig thu leas a bhith a’ dol a Ros Cuibhne airson a dhol ann. Faodaidh duine sam bith tighinn. Tha fàilte air a h-uile duine airson tighinn a-staigh agus tha sinn a’ coinneachadh ri feadhainn nach eil a’ dol dhan eaglais, ‘s dòcha, idir ach chan eil thu a’ faighneachd dad mar sin dhaibh co-dhiù.

[Ailean MacLeòid – Neach-aithris] Bha cosgais mhòr aig a’ choitheanal airson an togalach seo a sgeadachadh mar a tha e an-diugh. Ach, fhuair iad taic mhòr bho chèile, le na daoine fhèin a’ toirt airgead no ùine an-asgaidh. Tha teachdaireachdan na h-Eaglaise Saoire aig cridhe gach a tha iad airson dèanamh na bhroinn agus co-cheangailte ris an togalach, ach chan eil cus uallaich gu bhith air luchd-cleachdaidh faclan a’ Bhìoball a leantainn.

[An t-Urr Iain MacAsgaill] Tha an t-àite fosgailte do dhuine sam bith. Chan fheum ceangal sam bith a bhith aca ri eaglais sam bith. Cha bhi e follaiseach, ‘s dòcha, gur e an eaglais a tha ga dhèanamh, ach dìreach gur e àite cofhurtail agus càirdeil a th’ ann ach ma tha daoine ag iarraidh ceum a dhèanamh no ceistean fhaighneachd bidh daoine an seo airson freagairt a thoirt dhaibh mu nithean spioradail, ach cha bhi sinn ga chur sìos an claigeann idir! Tha iad an seo dìreach airson taic fhaighinn.

[Ailean MacLeòid – Neach-aithris] Tha dùil ri barrachd na ceud gu leth aig àm fosglaidh oifigeil Dihaoine, ach bidh iad an dòchas fada a bharrachd dhaoine na sin fhaicinn san àm ri teachd. Ailean MacLeòid, BBC An Là, Alanais.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!