FaclairDictionary EnglishGàidhlig

The Highands from the Middle Ages A' Ghàidhealtachd o na Meadhan Aoisean

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2014.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2014.)

Video is playing in pop-over.

A' Ghàidhealtachd o na Meadhan Aoisean

[Dòmhnall Moireasdan - Neach-aithris] Bho Leòdhas aig an Iar gu Sealltainn aig Tuath gu Earra-Ghàidheal aig deas, tha a’ Ghàidhealtachd ‘s na h-Eileanan sònraichte. Air an ochdamh deug dhen t-Sultain, bidh an aon cho-dhùnadh romhainn-ne ‘s a bhios ron chòrr de dh’ Alba, ach chan eil sinn mar an còrr de dh’ Alba ann an iomadh dòigh.

[Dòmhnall Moireasdan - Neach-aithris] A h-uile h-oidhche an t-seachdain-sa air An Là, bidh mi a’ coimhead air a’ Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan ann an solas a’ Referenduim a tha gu bhith againne anns an t-Sultain. Coimheadaidh sinn air mar a tha Alba agus An Rìoghachd Aonaichte air a bhith a’ dèiligeadh ris an sgìre gu h-eachdraidheil is cuiridh sinn a’ cheist mhòr dh’fhaodadh co-dhùnadh taobh seach taobh anns an referendum a bhith a’ ciallachadh dhan Ghàidhealtachd ‘s dha na h-Eileanan?

[Dòmhnall Moireasdan - Neach-aithris] Bha a’ Ghàidhealtachd ‘s na h-Eileanan eadar-dhealaichte fad linntean, ‘s tha buaidh na h-eachdraidh sin gar fàgail eadar-dhealaichte gu ìre, fiù ‘s an-diugh. Chì sinn na freumhaichean sin ann am poilitigs nam meadhan aoisean. Cha robh Rìgh na h-Alba a’ riaghladh ach cuid dhen dùthaich. Bha Rìoghachdan cumhachdach eile na insert aghaidh, Tighearnas nan Eilean aig an Iar agus Iarlan Arcaibh san fhìor cheann a tuath. Bha sgìrean eile cuideachd aig nach robh ach beagan smachd leithid Iarlan Mhoireibh a bha sgapadh feadh mòran de mheadhan na sgìre.

[An t-Oll Seumas Mac An t-Sealgair] Scotland itself, or the Scottish Kingdoms, the Scottish Monarchy behaved towards the Highlands and Islands in a very imperialist sort of way. There was a long period in the Middle Ages when the Highlands had a sort of great degree of autonomy and thinking of organisations like the Lordship of the Isles in the west and in the kind of Gaelic-speaking areas, particularly, or the Earldom of Orkney further North. And these were principalities that were for all practical purposes independent, but they were gradually taken over, destroyed, submerged by an expanding Scottish state.

[Dòmhnall Moireasdan - Neach-aithris] Am Mol a deas, ann an Steòrnabhagh, seo far na stèidhich an seann Rìgh Seumas còmhlan à Fìobha san t-Seachdamh Linn Deug a dh’ fheuchainn ris an Eilean a ghabail thairis agus cuideachd ron Aonadh, chaidh Tràchdas Ì a chur an cèill, riaghailtean a’ feuchainn ri na Gàidheil a dhèanamh nas coltaiche ris a’ chòrr dhen dùthaich

[An t-Oll Dòmhnall Uilleam Stiùbhart] Bha an Rìgh Seumas, an Siathamh Rìgh Seumas, cha b’ e beachd a b’ fheàrr a bh’ aigesan air a’ Ghàidhealtachd idir, idir, gun teagamh sam bith, gu seachd àraid air muinntir nan eilean. Sin na Gàidheil a bha borb, na Gàidheil a bha fiadhaich agus gun teagamh sam bith, bha e a’ feuchainn aig diofar ìrean, aig diofar amannan, ri, uill chanadh sinn cur às dha na Gàidheil anns na h-Eileanan.

[An t-Oll Seumas Mac An t-Sealgair] The people who were really leading that assault on the Highlands were the Scottish Government, the Scottish Monarchy and indeed as time went on the Scottish Parliament.

[Dòmhnall Moireasdan - Neach-aithris] Bha seann Phàrlamaid na h-Alba, seo ann an Dùn Èideann a’ faicinn na Gàidhealtachd mar thrioblaid ron Aonadh agus nuair a thàinig an dùthaich ùr ann an seachd-deug ceud ‘s a seachd, bha sinn nar trioblaid fhathast. Thàinig a’ chùis gu ìre às-dèidh Chùil Lodair nuair a chaidh feuchainn air fearann, cànan is dòigh-beatha nan Gàidheal a thoirt bhuapa.

[Dòmhnall Moireasdan - Neach-aithris] Gur às bith ciamar a sheallas tu air an rud a thachair às dèidh Blàr Chùil Lodair, ‘s e a bh’ ann ach an Stàit a’ feuchainn ri, chan e a-mhàin ar-a-mach a chur sìos, ach dòigh-beatha, sgìre dhen dùthaich a mhùchadh, chanadh cuid, a’ cur às dha.

[Dòmhnall Moireasdan - Neach-aithris] s’ urrainn a ràdh an-diugh am biodh Alba neo-eisimeileach air càil eadar-dhealaichte a dhèanamh. Ach tha mòran a’ faicinn gun do dh’fhàg e làrach chun an latha an-diugh.

[Ruairidh MacIlleathain] Na rudan a thachair às-dèidh Chuil Lodair, dh’fhàg sin na Gàidheil gu ìre mhòr mar t-sluagh gun mhisneachd. Agus tha sinn a’ faicinn sin fhathast. Tha cion misneachd aig na Gàidheil chun an latha an-diugh. Ged a tha cùisean air atharrachadh beagan ‘s gu bheil, beagan de phiseach air tighinn oirnn, dòcha thairis air a’ ghinealach no dhà a dh’fhalbh.

[An t-Oll.Dòmhnall Uilleam Stiùbhart] Saoilidh mi gu bheil mar gum biodh spectrum de bheachdan mu na Gàidheil, an chuid aig muinntir Riaghaltas Dhùn Èideann agus muinntir Lunnainn cho math às-dèidh agus ron Aonadh. Air aon làimh, dh’ fhaodadh a bhith gun robh na Gàidheil borb, dh’ fhaodadh e a bhith gun robh iad nan cunnart dhan riaghaltas as bith càite an robh e ann an Dùn Èideann no ann an Lunnainn. Air an làimh eile dh’ fhaodadh a bhith gun robh na Gàidheil gu math feumail, gu seachd àraid ann an cogadh.

[Dòmhnall Moireasdan - Neach-aithris] Gach oidhche an t-seachdain sa, coimheadaidh sinn ri ceangal na Gàidhealtachd ‘s nan Eilean ris an stàit tro na linntean agus tha dhìth oirnn bhon an stàit an-diugh, gu dearbh, an stàit. Dòmhnall Moireasdan.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!