FaclairDictionary EnglishGàidhlig

The Gaels and war Na Gàidheil agus cogadh

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2014.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2014.)

Video is playing in pop-over.

Na Gàidheil agus cogadh

[Dòmhnall Moireasdan – Neach-aithris] Caoraich - tha croitearan measail orra an-diugh, ach ‘s iad a bha mar mhiann aig na h-uachdarain le làn chead na stàit air cuipean mòra dhen Ghàidhealtachd ‘s na h-Eileanan fhalmhachadh do shluagh. eile a bh’ ann ach do-bheart oifigeil?

[Roddy Murray] Fìor droch dhìol a chaidh a dhèanamh air daoine, mar a chaidh daoine a sgiùrsadh às an dachaighean, a chur a’ falbh gu dùthchannan cèin agus dìreach droch rud uabhasach a chaidh a dhèanamh orra. Nam b’ ann anns an linn seo a bhiodh ann, bhiodh na daoine sin anns na cùirtean le eucoirean an aghaidh a’ chinne daoine, nam b’ ann an-diugh a bhiodh ann.

[Dòmhnall Moireasdan – Neach-aithris] Dhan stàit e bha seo àite a ghabhadh feum a dhèanamh dheth, chan e feum a dhèanamh dha. Ach tro Strì an Fhearainn, deireadh na naoidheamh Linn Deug, thòisich sin ag atharrachadh. Chaidh sluagh na Gàidhealtachd air an casan.

[Dòmhnall Moireasdan – Neach-aithris] An strì an Fhearainn a bha seo anns A' Bhràighe ‘s ann an àiteachan eile air feadh na Gàidhealtachd is nan Eilean. Thàinig rud dha na sgìrean nach robh a-riamh ann ron sin. Dh’ èist ùghdarrasan aig deas airson a’ chiad uair ri na feumalachdan aca.

[An t-Oll Dòmhnall Uilleam Stiùbhart] Chì sinn na Gàidheil a’ tòiseachadh ri obrachadh ann an dòigh gu math seòlta. Bha iad gan cur fhèin air aghaidh, tha mi a’ smaoineachadh mar sluagh a bha air leth bho chàch, ach ‘s e an fhìrinn a bh’ ann. ‘S e sin tro na h-iomairtean sin, chaidh an toirt a-steach gu poilitigs Bhreatainn ann an dòigh nach robh iad roimhe.

[Dòmhnall Moireasdan – Neach-aithris] Uidh air n-uidh, dh’ atharraich beachd na stàite Tro choimisean Napier, thàinig achd a’ toirt còraichean do chroitearan airson a’ chiad uair. Dh’ èist Riaghaltas Libearalach Ghladstone ann an Lunnainn, bha co-obrachadh a-nise eadar na Gàidheil ‘s feadhainn a bha a’ strì airson còraichean dhaibh fhèin anns an aon dòigh ann an Èirinn. Dh’ èirich seòrsa de chùmhnant eadar muinntir a’ Chinn a Tuath agus an stàit. Bidh sibhse dìleas is feumail dhuinne is coimheadaidh sinn às ur dèidh. Ach, an-dèidh dòrtadh fala a’ Chiad Chogaidh, sgaoil an cùmhnant sin gu ìre mhòr.

[An t-Oll Dòmhnall Uilleam Stiùbhart] Tha mi a’ smaoineachadh gun deach sin a dholaidh ri linn a’ Chiad Chogaidh, ‘s e sin àm nuair a chaidh na mìltean de Ghàidheil, a chogadh fo bhratach na h-Ìmpireachd, Bratach Bhreatainn agus ‘s e glè bheag a fhuair sinn air a shon, chaidh còraichean fearainn ghealltainn dha na Gàidheil an dèidh làimh, na Gàidheil anns na h-Eileanan, cha d’ fhuair iad sin idir.

[Dòmhnall Moireasdan – Neach-aithris] Bha an uair sin sluagh ghairm a-rithist a dhìth, an dèidh bliadhnaichean a thoirt a’ sabaid, ‘s a’ call an cuid de Bhreatainn, chaidh iomairt eile a dhèanamh airson talamh is cothrom air bith-beò. Tha cuimhneachain sin air feadh nan Eilean an-diugh. Chaidh fuil nan Gàidheal cho math ri càch a dhòrtadh a-rithist anns an Dàrna Cogadh. Às a dhèidh, fhuair iad buannachd seirbheis slàinte, peinnseanan is eile bhon stàit. Ach ‘s e an duine-se, Tom MacIain, Rùnaire Làbarach na h-Alba, ‘s dòch bu mhotha a rinn de dh’fheum dhan Ghàidhealtachd. Stèidhich e an Hydro agus chaidh e fhèin bhos a chionn.

[Dòmhnall Moireasdan – Neach-aithris] Bha Tom MacIain lèirsinneach, chunnaic e cothrom agus rinn e rud nach robh duine air a dhèanamh ron seo, àrainneachd na sgìre a chleachdadh agus obraichean mòra a thoirt dhan àite, le dàm a thogail agus dealan a thoirt do dh’ Alba.

[Dòmhnall Moireasdan – Neach-aithris] Bha sin na thoiseach tòiseachaidh. ‘S e Riaghaltas Làbarach eile, Riaghaltas Harold Wilson anns na trì-ficheadan a ghabh an ath cheum mhòr, a’ stèidheachadh bòrd-leasachaidh na Gàidhealtachd ‘s nan Eilean an HIDB.

[An t-Oll Tormod MacGilliosa] ‘Fhios agad, bha na rudan mòra againne anns na ficheadan leis an Hydro. An uair sin anns na trì ficheadan, bha Bòrd Leasachaidh na Gàidhealtachd againne agus an rud a tha sin, thug iad buaidh mhòr air a’ Ghàidhealtachd agus ghluais iad a’ Ghàidhealtachd air adhart. Agus tha mi a’ smaoineachadh air sgàth sin gun robh a’ Ghàidhealtachd a’ dèanamh barrachd smaoineachaidh mu dheidhinn nam feumalachdan againn fhìn ann an dòigh agus ciamar a bha sin a’ cluich taobh a-staigh an deilbh mhòir a thaobh Alba.

[Agnes Rennie] Chan eil teagamh sam bith agamsa nach do rinn an HIDB, nach e ‘s iongantach buidheann cho cudromach ‘s a thàinig a-riamh air a’ Ghàidhealtachd. Agus tha mi a’ smaoineachadh gur e rud a bha sònraichte mu dheidhinn sin, chan e a-mhàin gun robh uallaichean orra a thaobh obair mhòr eaconomaidh a chur iad air adhart ach bha cuideachd uallach sòisealta orra.

[Dòmhnall Moireasdan – Neach-aithris] Chan eil teagamh nach tàinig piseach. Faighnichidh sinn an ath-oidhch’ na rinn fèin-riaghladh na h-Alba anns a’ chòig bliadhn’ deug mu dheireadh atharrachadh agus an ann fon bhratach sin a thig an tuilleadh leasachaidh no ‘eil Alba neo-eisimeileach a dhìth? Dòmhnall Moireasdan, BBC An Là.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!