FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Development in the Highlands Leasachadh sa Ghàidhealtachd

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2014.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2014.)

Video is playing in pop-over.

Leasachadh sa Ghàidhealtachd

[Dòmhnall Moireasdan – Neach-aithris] Baile mòr Inbhir Nis; a’ sìor fhàs agus àireamh an t-sluaigh a’ dol an àirde. Seo aon sealladh air a’ Ghàidhealtachd, ach ann an iomadh de sgìrean dùthchail na Gàidhealtachd agus nan Eilean ‘s e sgeul eile a th’ann. Chan eil dòigh air crìonadhan t-sluaigh a’ stad.

[Mòrag Rothach] Chan eil e ag obrachadh, is ‘s e dìreach, chan eil fhios agam an e gu bheil an òigridh… gun fheàrr leotha a bhith far a bheil tòrr dhaoine is an teis meadhan a h-uile càil a tha a’ dol far a bheil e nas fhasa a bhith beò.

[Dòmhnall Moireasdan – Neach-aithris] A dh’aindeoin gach adhartais eacanomaigich a thàinig air a’ Ghàidhealtachd, ‘s e sgìre le dith-ghoireasan is uireasbhaidh bun-structair a tha ann an tòrr dhith fhathast.

[Dòmhnall Moireasdan – Neach-aithris] Chan eil mòran a tha dhen bheachd gu bheil an A9 an-diugh math gu leòr airson a’ Ghàidhealtachd a cheangal ris a’ cheann a deas. Tha Riaghaltas na h-Alba air gealltainn gun a bhith ga dhèanamh dà-fhillte air fad ach bha sin o chionn bhliadhnachan agus gu leòr a’ faicinn sin na shamhla air mar a tha a’ Ghàidhealtachd ga fàgail air deireadh. Agus chan e sin a-mhàin. Na bu tràithe san t-sreath-sa, chunnaic sinn mar a bha gu h-eachdraidheil soirbheas na Gàidhealtachd ga chleachdadh airson prothaid dhaoine bhon taobh a-muigh. Tha beachd ann nach do dh’atharraich sin gu tùr

[An t-Oll Alasdair MacMhaoirn ] Tha sinn an-còmhnaidh a’ coimhead air a’ Ghàidhealtachd mar àite bochd, far a bheil daoine bochd is bochd bochd bochd bochdainn fad na t-side, ach a’ suidhe agus a’ smaoineachadh air an airgead a tha a’ falbh bhon Ghàidhealtachd no air a dhèanamh bho cultar na Gàidhealtachd agus nam b’urrainn dhuinn pàirt dhen sin a chleachdadh a dh'aona-ghnothach airson leasachaidhean a chur dhan Ghàidhealtachd, dhèanadh e diofar dha-rìribh mòr. Smaoinich air na tuathanasan gaoithe. Cà’ bheil an t-airgead a’ dol? Gu pòcaidean nan oighreachdan agus an uair sin a-mach às an sgìre cha mhòr uile gu lèir.

[Dòmhnall Moireasdan – Neach-aithris] Ach chan eil teagamh nach eil sin air tòiseachadh ag atharrachadh bho thàinig Pàrlamaid Dhùn Èideann. Tha Oighreachd Ghabhsainn an seo is iomadach fearainn eile air feadh na Gàidhealtachd is nan eilean nan samhla air rud ‘s dòcha nach biodh Taigh nan Cumantan a-chaoidh air a dhèanamh agus a chaidh fhaighinn le Pàrlamaid ann an Dùn Èideann. ‘S gabhadh an aon rud a ràdh a-nis ma ghrunn sgìrean air feadh na Gàidhealtachd ‘s nan Eilean.

[Agnes Rennie] Tha e duilich dhòmhsa fhaicinn gum biodh seo air gluasad san dòigh anns a bheil e air gluasad mur a biodh, gun robh Dùn Èideann a’ gabhail ris mar rud a bha iad fhèin airson taic a chur ris agus a lost… anns a’ choimhearsnachd againn fhìn an cothrom sin a bhith ann. Chan eil teagamh sam bith agamsa nach eil e air ùrachadh a thoirt dhan choimhearsnachd.

[Dòmhnall Moireasdan – Neach-aithris] Tha na h-oighreachdan mòra spòrs ann fhathast ge-tà; comharra eile do luchd-iomairt nach do thuig na h-ùghdarrasan buileach na tha a dhìth. ‘S ged a chaidh ‘RET’ a thoirt a-steach chaidh an uair sin earrann nan làraidhean dheth a stad. A dh’aindeoin crìonadh anns a’ chuid mhòr a sgìrean iomallach tha eisimpleirean den chaochladhann. a leithid Slèite, stèidhichte air leasachadh cànain is cultair. Rud a thòisich fada mus tàinig fèin-riaghladh.

[An t-Oll Tormod MacGiolliosa] Tha mi a’ smaoineachadh gur e aon dhe na rudan a th’air tachairt o chionn, bheil fhios agad, grunnan bhliadhnaichean a-nise gu bheil Ministear an Riaghaltais nas deònaiche rudan cruaidhe a ràdh mu dheidhinn chànan is cultar. Rudan ‘s dòcha nach canadh iad o chionn ochd, deich bliadhna air ais. Tha iad deònach a ràdh a-nis. Chan eil fhios agam an e ‘devolution’ a dh’adhbhraich sin no dìreach gu bheil iad a’ toirt aire dhan bheachd gu bheil cànan is cultar nan Gàidheal cudromach taobh a-staigh cultar na h-Alba.

[Dòmhnall Moireasdan – Neach-aithris] Tha Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean na chomharra air cruth atharrachaidh, ach ge bith an taobh dhen ‘referendum’ air a bheil iad, saoilidh mi gu bheil daoine ag iarraidh sealladh ùr air a’ Ghàidhealtachd is air na h-eileanan bhon stàit.

[Art MacCarmaig] Tha mi fhathast a’ faicinn gu bheil daoine bho na bailtean mòra ann am meadhan Alba ‘s dòcha a’ coimhead air a’ Ghàidhealtachd mar àite iomallach fhathast. Carson a tha sinn a’ toirt taic do rudan air a’ Ghàidhealtachd, ach tha rudan math air a bhith a’ tachairt, ach a dh’aindeoin sin tha mi a’ smaoineachadh fhathast gu bheil tòrr de na rudan mòra a tha ri tachairt air a’ Ghàidhealtachd is an adhartas mòr a dhèanamh nach eil iad a’ faighinn prìomhachas. Chan eil mi idir a’ faicinn carson a tha e dol a thoirt bliadhnaichean mòra airson an A9 a dhèanamh suas, mar eisimpleir, no cabhsair no drochaid a chur thairis air an t-Sròim eadar Loch Carrainn.

[Dòmhnall Moireasdan – Neach-aithris] An ath-oidhch’ faighnichidh sinn dh’atharraicheadh sealladh na dùthcha air feumalachdan a’ Cheann a Tuath. Dòmhnall Moireasdan, BBC An Là.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!