FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Homerule in the Highlands Fèin-riaghlaidh sa Ghàidhealtachd

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2014.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2014.)

Video is playing in pop-over.

Fèin-riaghlaidh sa Ghàidhealtachd

[Dòmhnall Moireasdan – Neach-aithris] Tron eachdraidh, tha smachd air a bhith aig muinntir na Gàidhealtachd is nan Eilean air an cuisean fhèin aig amannan a’ dol air ais gu leithid ‘Tighearnas nan Eilean’ is aig amannan eile a’ chaochladh fìor.

[An t-Oll Seumas Mac An t-Sealgair] The times when the Highlands and Islands were doing relatively well in comparison with the rest of Western Europe was when the region had most autonomy and the times when the Highlands and Islands were doing not so well was when we had least autonomy and we had least autonomy arguably in the later 18th and early 19th century which coincides with the period of clearance and eviction and all of that.

[Dòmhnall Moireasdan – Neach-aithris] Tha na làithean sin seachad, ach cha deach an dìochuimhneachadh buileach. Tha eagal air daoine gun tèid cus smachd a chur air na coimhearsnachdan aca bhon taobh a-muigh is chan eil mar a tha rudan leithid poileis is luchd-smàlaidh a-nise gan ruith gu nàiseanta a’ toirt misneachd dhaibh is ceist, an e tuilleadh dheth a thachras?

[Dòmhnall Moireasdan – Neach-aithris] ‘S dòcha gur e a’ cheist a tha seo mu sheirbheisean, leithid seirbheis smàlaidh, poileis, foghlaim is eile an rud as motha a tha a’ dèanamh dragh do dhaoine air feadh na Gàidhealtachd is nan Eilean. A bheil iad dha-rìribh gu bhith air an ruith barrachd is barrachd à Dùn Èideann.

[An Comh John A MacÌomhair] Amasan a’ Phàrtaidh Nàiseantachd barrachd cumhachd a thoirt a-mach dhan Tuath, thar an iomaill. A thaobh an ‘administration’ a tha ga dhèanamh a thoirt sìos gu Dhùn Èideann, ach tha sin a’ ciallachadh gu bheil iad a’ faighinn barrachd ionmhasachadh dha na ‘front line services’ mar a chanas iad agus canaidh tòrr dhe na daoine a tha an lùib nan gnìomhachasan sin, na poileis agus an luchd-smàlaidh, canaidh iad sin.

[Dòmhnall Moireasdan – Neach-aithris] Tha Partaidh Nàiseanta na h-Alba a tha a’ riaghladh an dràsta a’ dol às àicheadh gu bheil iadsan air a bhith buileach dona a thaobh cumhachd a tharraing dhan mheadhan, ach do fheadhainn eile tha fianais ann air a’ chaochladh

[An Comh Tormod MacLeòid] Tha sinn a’ faicinn cuideachd le na ‘planning decisions’ gu bheil an riaghaltas, mar gum biodh, a’ gabhail cus gnothaich ri rudan dhen t-seòrsa sin. Bu chòir sin a bhith air fhàgail anns na coimhearsnachdan is anns na bailtean far a bheil sin a’ dol air adhart.

[Dòmhnall Moireasdan – Neach-aithris] “’S ann a tha sinne a’ dèanamh rudan susbainteach”, tha an riaghaltas ag ràdh leithid faraidhean saora ‘RET’ a thoirt a-steach air na h-aiseagan. Rud nach d’ fhuair èisteachd ron seo, ach thug iad an uair sin pàirt nan làraidhean dheth air falbh a-rithist.

[An Comh Coinneach MacLeoid] Uill, thug iad air falbh e gu ìre, ach tha mi a’ smaoineachadh gu bheil RET air diofar mòr a dhèanamh dha na h-Eileanan mar seo bhon a thàinig e a-steach sia bliadhna air ais agus tha sinn a’ faicinn na h-àireamhan de luchd-turais a tha a’ tighinn chun nan Eilean a’ dol an-aìrde, bliadhna an dèidh bliadhna agus tha mi a’ smaoineachadh gu bheil sin gu math cudromach agus ‘s e rud cho math ‘s a th’ anns an eilean seo a-riamh ‘RET’ a thighinn a-steach.

[Dòmhnall Moireasdan – Neach-aithris] Tha taic fharsaing ann de dh’iomairt nan trì comhairlean eileanach, Arcaibh, Sealltainn is na h-Eileanan Siar, airson tuilleadh cumhachd fhaighinn dhaibh fhèin bhon iomairt “Ar n-Eileanan ri Teachd”. Ach mu sgìrean iomallach eile air an taobh siar?

[An Comh Tormod Dòmhnallach] ‘S e comhairlean eileanach a th’ annainn fhèin airson Arcaibh agus Sealtainn is chan eil sin fìor dha comhairlean eile far a bheil eilean a tha na h-aon rudan a’ bualadh orrasan cuideachd agus bhiodh sinn an dòchas rud sam bith a gheibh sinn a-mach às an iomairt a tha sinn a’ dèanamh, sìolaidh sin sìos gu eileanan eile cuideachd.

[Dòmhnall Moireasdan – Neach-aithris] Tha gun teagamh na trì comhairlean eileanach ga faicinn fhèin eadar-dhealaichte. Tha aon chomhairliche air iarraidh orra ‘Cosla’ fhàgail is buidheann tagraidh dhaibh fhèin a’ stèidheachadh eatorra.

[An Comh Dòmhnall Crichton] ‘S e mo bheachd pearsanta a tha seo, chan e beachd na comhairle, ach ‘s mathaid gum bu chòir dhuinn ceum air adhart eile a ghabhail is bristeadh air falbh bho ‘Cosla’ is tighinn mar bhuidheann eileanach airson bruidhinn ris an riaghaltas airson a ràdh riutha, seo an staid is an suidheachadh a th’againn. Tha sinn ag iarraidh ionmhas freagarrach airson dèiligeadh ris.

[Dòmhnall Moireasdan – Neach-aithris] Tha feadhainn a’ tagradh nach eil math dha na h-eileanan sgìrean dùthchail taobh siar tìr mòr a dìochuimhneachadh is iarraidh sgaradh bho sgìrean beairteach an taobh sear. ’S dòcha fiù ‘s comhairle na Gàidhealtachd a chur na leth.

[Ruairidh Moireach ] Aig an targaid a’ dèanamh loidhne tro Gharbh is tron na Luirg suas gu ‘s mathaide Inbhir Theòrsa no Bettyhill no mar sin, gum biodh taobh siar Roinn na Gàidhealtachd mar sgìre air leth còmhla ri na h-Eilean Siar is ‘s mathaid còmhla ri eileanan Earra-Ghàidheil agus gum biodh iad air an riaghladh a thaobh cho feumach ‘s a tha iad air tuilleadh taic agus cuideachaidh.

[Dòmhnall Moireasdan – Neach-aithris] Diofar smuaintean air tha dhìth is nach eil. An ath-oidhch thig sinn gu cridhe ar ceist. An e Alba neo-eisimeileach no fuireach san Rìoghachd Aonaichte is dòcha barrachd guth a thoirt dhan Ghàidhealtachd is dha na h-eileanan? Dòmhnall Moireasdan, BBC An Là.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!