FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Vote with caution Bhòt le faiceil

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2014.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2014.)

Video is playing in pop-over.

Bhòt le faiceil

[Dòmhnall Moireasdan – Neach-aithris] Tha aon rud cinnteach mu na bhòtairean, mun duine chumanta. Tha sinn uile ag iarraidh soilleireachadh. Tha sinn airson ’s gun teich na sgleòthean poilitigeach is gum bi fhios againn ciamar a bu chòir dhuinn bhòtadh anns an ‘Referendum’. Tha iadsan a tha a’ tagradh airson neo-eisimeileachd cinnteach gu leòr. Ma tha sinn ag iarraidh barrachd smachd do mhuinntir a’ chinn a tuath eadar ar cùisean fhìn ‘s e Alba neo-eisimeileach a bheir slàinte, sonas is beairteas.

[Art MacCormaig] Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil na Gàidheil agus daoine air a’ Ghàidhealtachd agus sna h-Eileanan gu bhith nam pàirt nas motha de shluagh na h-Alba na tha iad na sluagh Bhreatainn is tha sin a’ ciallachadh a-rithist gu bheil e comasach dhuinn a bhith putadh air an riaghaltas rudan a dhèanamh dhuinne anns an sgìre seo, ach tha mi a’ smaoineachadh gur e an rud as motha an-dràsta ged a tha smachd is cumhachd aig a’ Phàrlamaid rudan a dhèanamh mu dheidhinn seo chan eil an t-airgead aca.

[Dòmhnall Moireasdan – Neach-aithris] Aah, an eaconomaidh. An t-airgead. Cha bu choir dèanamh dheth gum faigh sinn air falbh bho ghearraidhean Westminster ‘s gun toireadh an t-ola is eile beairteas do dh’ Alba neo-eisimeileach a dh’atharraicheas an eaconomaidh is bheir e an t-airgead a tha a dhìth do riaghaltas Hollyrood airson frithealadh air a’ Ghàidhealtachd is na h-eileanan ann an dòigh nach urrainn dhaibh an-dràsta, ach dhan an taobh eile chan eil cinnt sam bith gun greimicheadh an acair ann am muir garbh neo-eisimeileach. Chan eil an t-airgead mòr a tha na nàiseantaich a’ faicinn air fàire ach faoinsgeul dhaibhsan.

[Ruairidh Moireach] Tha an t-airgead a tha a’ tighinn gu ruige Alba, tha sin air a riaghladh le riaghaltas na h-Alba agus tha deich air fhichead billean not aca an-dràsta tha mi a’ smaoineachadh. na tha iad a’ dol a thogail a bharrachd air an sin airson cosgais sheirbheisean? A bheil ag innse sin dhuinn? Ciamar a tha iad a’ dol ga thogail agus ciamar a tha iad a’ dol ga chosg agus ‘s e ceistean mòra a tha sin a dh’ fheumas iad innse do dhaoine. Cha bhi ionmhas aca mur a bi iad a’ togail tuilleadh chìsean.

[Dòmhnall Moireasdan – Neach-aithris] Ged a bhiodh Alba neo-eisimeileach na b’fheàrr dheth chan eil luchd an Aonaidh fiù ‘s an uair sin a’ gabhail ris gum bi a’ Ghàidhealtachd is na h-Eileanan dualtach barrachd èisteachd fhaighinn. Ceart gu leòr a bhith a’ coimhead romhad ri saoghal brèagha is a’ faicinn na glainne letheach làn, ach dh’ fhaodadh e a bhith letheach falamh cuideachd. Nas fheàrr sgur a bhruidhinn tuilleadh mu Alba neo-eisimeileach, tha iad ag ràdh.

[Comh Dòmhnall Crichton] t-eadar-dhealachadh a tha a’ dol a thachairt às dèidh ‘September’ ma bhriseas sinn air falbh bho Bhreatainn? A bheil barrachd cumhachd no barrachd guth gu bhith againn? A rèir an eisimpleir mar a th’againn an-dràsta, cha chreid mi gu bheil.

[Dòmhnall Moireasdan – Neach-aithris] Ma tha chan eil gu dearbha Dùn Èideann a-riamh air an èisteachd a dh’ iarramaid a thoirt dhan Cheann a Tuath tha cuid de nàiseantaich ag aideachadh, ach canaidh iad ri luchd an Aonaidh na sgoltadh mionach na cùise ceart chì sibh gur e dìth neo-eisimeileachd as coireach ris an sin. Atharraichidh e le dùthaich bheag bheairteach neo-eisimeileach, na biodh iomagain oirbh.

[Comh Coinneach MacLeòid] Cnag na cùise, ’s e ionmhas agus ionmhas gu leòr ga chumail mu choinneamh nan rudan sin airson gum bi iad air an deànamh agus air an lìbhrigeadh ann an dòigh ceart. Nam bhiodh na comasan agus an cumhachd againne ann an Alba neo-eisimeileach, bhiodh na rudan sin a lìbhrigeadh, chanainn tòrr na b’ fheàrr agus bhiodh tòrr a bharrachd ionmhais ann agus tòrr a bharrachd chothroman dha coimhearsnachdan anns a’ Ghàidhealtachd sna h-eileanan.

[Dòmhnall Moireasdan – Neach-aithris] “Glac misneachd 's bidh thu treun”, tha na nàiseantaich a’ moladh. Ach dhan taobh eile, faodadh tu a bhith ro threun uaireannan, coltach ris an fhear-sa. Bha mi a’ togail nan dealbhan-sa o chionn seachdain air garbh reòthte anns na Hearadh, treun ach a bheil e glic? Eil cinnt sam bith air soirbheas ged a dh’atharrachamaid gu staid neo-eisimeileach. Ach tha aonta air aon rud bho gach taobh; bhòt thu le faiceall. Dòmhnall Moireasdan, BBC An Là.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!