FaclairDictionary EnglishGàidhlig

The FilmG awards Duaisean FilmG

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2014.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2014.)

Video is playing in pop-over.

Duaisean FilmG

[Iain MacIlleathain - Preseantair] Nise, bha deireadh-sheachdain mhòr ann an Glaschu le duaisean FilmG gan toirt seachad. Seo an siathamh bliadhna dhen fharpais agus bha trì fichead ‘s a sia filmichean ann, barrachd air na bh’ aca a-riamh roimhe, an uiridh co-dhiù. Agus a rèir muinntir FilmG, bha na filmichean fìor mhath cuideachd. Chuir e air an tux agus chaidh Andreas Wolff a choinneachadh ri càch air a’ brat-dearg aig a’ chuirm.

[Andreas Wolff – Neach-aithris] An còmhlan Èirinneach, Seo Linn a dh’fhosgail cuirm duaisean FilmG ann an Glaschu air an deireadh-sheachdain. Chunnaic còrr is trì millean duine an bhidio aca air YouTube. Ach, bha naidheachdan gu leòr aig FilmG fhèin cuideachd.

[Floraidh Forrest] Tha sinn air feuchainn air rudan a dhèanamh caran diofraichte am-bliadhna. Tha sinn air toirt brosnachadh dhan h-uile duine a bhith a’ cleachdadh nam fònaichean-làimhe aca, ‘s a’ tweatadh, ‘s a’ cur suas air Facebook dealbhan, selfies, a h-uile sìon fhad ‘s a tha tachartas a’ dol.

[Andreas Wolff – Neach-aithris] Choisinn Alison Nic a’ Phiocair à Earra-Ghàidheal an duais airson an cleasaiche as fheàrr am-measg nan òigridh.

[Alison] A h-uile bliadhna, tha thu ag ionnsachadh rudeigin ùr mu dheidhinn a’ chamara. Tha tòrr rudan ri ionnsachadh mu dheidhinn. Chan ann a-mhàin air beulaibh a’ chamara. Tha tòrr, tòrr dhaoine ag obair gu math trang air a’ chùl.

[Andreas Wolff – Neach-aithris] Agus fhuair Sgoil Bàgh a’ Chaisteil dhuais.

[Claire-Frances] Tha e gu math inntinneach, mar na rudan a bhios iad a’ cleachdadh, mar editing, bha sin gu math spòrsail.

[Ceitidh] Tha e a’ brosnachadh do Ghàidhlig cuideachd.

[Andreas Wolff – Neach-aithris] Bha àireamh filmichean nan inbheach suas am-bliadhna cuideachd.

[Uilleam Moireach] Bha mi cho toilichte cothrom fhaighinn a bhith ann a-nochd, a bhith mun chuairt air an uiread de dhaoine, dìreach an tàlant a bha anns an rùm a-nochd, bha e dìreach sgoinneil a bhith mun chuairt air. Ach a bharrachd air sin, dìreach duais fhaighinn, ‘s e bonus a bh’ ann chanainn.

[Andreas Wolff – Neach-aithris] Dh’fhoillsich am Ministeir airson Cànanan Albannach, Alasdair Allan, taic-airgid airson am pròiseact a chumail a’ dol bliadhna eile. Andreas Wolff. BBC An Là, Glaschu.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!