FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Gaelic figures from the census Figearan Gàidhlig bhon chunntas-sluaigh

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2014.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2014.)

Video is playing in pop-over.

Figearan Gàidhlig bhon chunntas-sluaigh

[Dòmhnall Angaidh Moireasdan - Preseantair] Nise, sheall figearan bhon chunntas-sluaigh mu dheireadh gu bheil a' Ghàidhlig am measg na h-òigridh fada air dheireadh na tha i do dhaoine nas sine air taobh tuath Leòdhais, a’ gabhail a-steach Steòrnabhagh, An Rubha agus Nis. 'S ann an Uibhist a Deas a tha i nas làidire air feadh nan aoisean. Anns an Eilean Sgitheanach, tha i a’ crìonadh am measg nan daoine as sine, ach ag èirigh am measg na h-òigridh. Tha an aithris seo aig Iain MacDiarmaid.

[Iain MacDiarmaid – Neach-aithris] Nuair a chaidh an soitheach seo a chur air bhog, bha staid na Gàidhlig tòrr na b’ fhallaine na tha i an-diugh. Ach, a’ cleachdadh figearan ùra bhon chunntas-sluaigh, ‘s urrainn dhuinn tomhas a dhèanamh air ciamar a tha a’ dol dhi anns na sgìrean far a bheil i aithnichte airson a bhith làidir. Chleachd sinn na figearan sinn son tomhas fhaighinn air aois san Eilean Sgitheanach agus na h-Eileanan an Iar.

[Iain MacDiarmid – Neach-aithris] Choinnich sinn buidheann-còmhraidh aig Oilthigh Ghlaschu agus tha iad a’ meòrachadh air staid na Gàidhlig. Ann an Ceann a Tuath Leòdhais, a’ toirt a-steach Steòrnabhagh agus an Rubha, chunnacas am beàrn as motha eadar sean agus òg, le comas Gàidhlig air choireigin. Tha trì fichead ‘s a h-ochd deug às a’ cheud de dhaoine nas sine na trì fichead ‘s a chòig bliadhna a dh’ aois aig a bheil comas Gàidhlig. An taca ri fhichead ‘s a ceithir per cent de dhaoine fo aois ochd bliadhn’ deug.

[Anndra Dunn] Chanainn-sa gu bheil e fhathast, mothaichidh tu fhathast gu bheil e an ìre mhath làidir, ged a tha tòrr a bharrachd dhaoine ann a-nis na bha fiù ‘s nuair a bha mise nas òige a tha bruidhinn Beurla a-mhàin a-nise.

[Iain MacDiarmid – Neach-aithris] Tha Uibhist a Deas nas fhallaine a’ coimhead na sgìre sam bith eile. Chan eil mòran eadar-dhealachaidh eadar na h-aoisean. Ach, a bheil na h-àireamhan sin a’ toirt dhuinn an dealbh slàn?

[Alana NicAonghais] Daoine a tha nas sine na tha mi, cha cluinnidh tu Beurla aig mòran aca sin a bharrachd air feadhainn, ‘s dòcha, a bha air shifteadh ann no aig nach robh i co-dhiù. Ach, tha mi a’ smaointinn anns an aois agam fhèin, ged a tha na figearan a’ coimhead glè mhath, tha mi a’ smaointinn gu bheil fhathast tòrr obrach ri dhèanamh aig daoine a bhith caran cofhurtail a bhith bruidhinn le chèile agus barrachd Gàidhlig agus dìreach Gàidhlig nàdarra a bhith ann.

[Iain MacDiarmid – Neach-aithris] Tha àireamh luchd-labhairt na Gàidhlig air a bhith crìonadh san Eilean Sgitheanach tòrr nas fhaide na tha sna h-Eileanan an Iar, ach le sealladh nas mionaidiche, tha sinn a’ faicinn gu bheil iad ag èirigh am measg na h-òigridh.

[Iain MacDiarmid – Neach-aithris] Ann an Trondairnis, Port Rìgh agus Sniosairt, tha na h-àireamhan sean agus òg, cha mhòr co-ionann, dàrna leth dhen t-sluagh. Cha robh Gàidhlig idir aig teaghlach Keir Gibb, ach dh’ionnsaich e i sa sgoil. Tha e a’ moladh sgìrean Gàidhealtachd oifigeil a chruthachadh mar a th’ aca ann an Èirinn.

[Keir Gibb] Bhiodh sin san Eilean Sgitheanach, leis na figearan a th’ againne a-nis, bhiodh sin gu math doirbh ach tha mi a’ smaointinn gu bheil feum anns na h-Eileanan an Iar, gu h-àraidh air rudeigin de leithid, sgeama mar sin, far a bheil buannachdan ann a bhith cleachdadh na Gàidhlig agus gu bheil cothroman eacanomaigeach is a h-uile càil mar sin. Agus a thaobh foghlam, chan eil mise a’ faicinn gum bu chòir Foghlam tro Mheadhan na Beurla a bhith anns na h-Eileanan an Iar. Tha mi a’ smaointinn gu bheil sinn feumach air beachd gu math nas làidire na th’ againne an-dràsta.

[Iain MacDiarmid – Neach-aithris] Cà’ bheil na h-àireamhan seo gar fhàgail ma-thà agus tha dhìth airson an cànan fhàgail nas fhallaine? Sin na ceistean a bhios air na buidhnean-leasachaidh air a bheil dleastanas Gàidhlig a neartachadh. Iain MacDiarmaid BBC An Glaschu

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!