FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Who is going to be on the stage at Belladrum? Cò tha gu bhith air an àrd-ùrlar aig Belladrum?

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2014.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2014.)

Video is playing in pop-over.

Cò tha gu bhith air an àrd-ùrlar aig Belladrum?

[Innes Rothach - Preseantair] Bidh an seinneadair ainmeil Tom Jones aig bàrr a’ chlàir aig fèis chiùil Bhelladrum faisg air Inbhir Nis as t-samhradh. Chaidh fhoillseachadh an-diugh gum bi Sir Tom air an àrd-ùrlar Oidhche Haoine leis a’ chòmhlan-ciùil, Razorlight a’ toirt na fèise gu crìch Oidhche Shathairne. Tha tuilleadh aig Doneil MacLeòid.

[Doneil MacLeòid – Neach-aithris] Tha na h-achaighean mun chuairt Fèis Chiùil Bhelladrum an-dràsta làn chaorach, ach anns an Lùnastal, bidh na mìltean dhaoine a’ taomadh sìos ann an seo airson cuid de na h-ainmean mòra ann an ceòl fhaicinn. Agus chaidh fhoillseachadh an-diugh feadhainn a bhios a’ tilleadh leithid Frightened Rabbit agus còmhlain eile, leithid The Dangleberries agus cuideachd na h-ainmean mòra a bhios a’ toirt nan cuirmean air Dihaoine agus Disathairne gu crìoch. ‘S e sin Tom Jones, an seinneadair fìor chliùiteach a th’ air còrr air ceud millean clàr a reic na dhreuchd fhada, agus cuideachd an còmhlan Razorlight.

[Doneil MacLeòid – Neach-aithris] Bidh mòran dhaoine nas òige a’ dèanamh toileachas gu bheil Razorlight a’ tighinn còmhla agus tha iad air foillseachadh an-uiridh gun robh iad gus ùine a ghabhail bho chèile fhad ‘s a bha an seinneadair Johnny Borrell ag obair air clàr dha fhèin.

[Joe Gibb] Yes, well we’re delighted they’ve decided to reform and come back. Yeah in 2008, they headlined Rockness and here they are headlining Bella and, I mean, they’ve got some great songs, some great hits and I think that’ll be quite a party that night.

[Doneil MacLeòid – Neach-aithris] Bidh mòran eòlach air Tom Jones. Tha dreuchd fìor shoirbheachail air a bhith aige thar bhliadhnaichean fada, fada. O chionn ghoirid, tha an cliù aige air a dhol an àirde a-rithist agus tha e na bhritheamh air a’ phrògram ciùil farpaiseach, The Voice.

[Joe Gibb] I think particularly Tom Jones is interesting because he’s so cross-generational, you know, because of his television exposure. He has got an appeal across the generations because people of my vintage remember him when he was a young man singing The Green, Green Grass of Home. But now he’s got a whole new audience from the voice.

[Doneil MacLeòid – Neach-aithris] Nochd an naidheachd anmoch a-raoir agus a rèir choltais tràth madainn an-diugh, thòisich daoine a’ dèanamh sreath taobh a-muigh oifis Ironworks ann an Inbhir Nis airson tiocaidean a cheannach. Ach, a rèir an luchd-obrach, thog malairt na bu thràithe air an t-seachdain sa. An dràsta, tha rabhadh air an làraich-lìn aca ag ràdh gu bheil tiocaidean a’ falbh luath agus tha seo na mhisneachd don fheadhainn air cùl Belladrum gun reic iad a-mach a-rithist, ma dh’fhaodhte an turas seo nas luaithe na àm sam bith eile. Doneil MacLeòid, BBC An Là, Belladrum.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!