FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Bad news Droch naidheachd

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Iolaire Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Iolaire

(Originally added to Watch Gaelic in 2015.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2015.)

Video is playing in pop-over.

Droch naidheachd

[Preseantair] Bha an droch naidheachd a’ ruiginn teaghlach às dèidh teaghlaich. Bha còrr ’s dà cheud duine cloinne air am fàgail às aonais athar.

[Mòr NicLeòid] Tha cuimhne agam ban-nàbaidh a’ tighinn a-steach agus bha an t-aodach a bh’ aig mo mhàthair air ullachadh a chuireadh m’ athair air nuair a thigeadh e, bha e air frèam air beulaibh an teine gus am biodh e blàth, tioram ga chur air nuair a ruigeadh e an taigh. Ach nuair a thàinig an naidheachd a bha seo thàinig am boireannach sin a-steach agus sgioblaich i an t-aodach sin gu lèir agus dh’fhalbh i leis a-mach à sealladh do rùm eile. Agus tha cuimhne agam glè mhath air an sin.

[Mòr NicLeòid] Chaidh an case aige a lorg agus bha gnothaichean ann a bha e a’ toirt dhachaigh thugainn a cheannaich e ann an Gibraltar air a shlighe dhachaigh agus bha na rudan sin sàbhailte agus an case sàbhailte agus chaidh a thoirt dhuinn mar a chaidh a lorg air a’ chladach.

[Mòr NicLeòid] Bha buaidh mhòr, mhòr aige air Leòdhas. Bha e mar gum biodh neart an Eilein air a thoirt air falbh ann an aon oidhche. Cha robh e furasta idir ach bha iomadh dachaigh eile a bha san aon suidheachadh anns an sgìre agus anns an eilean gu lèir agus anns na Hearadh cuideachd.

Chaidh am prògram seo, Iolaire, a chraoladh an toiseach ann an 2009.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!