FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Commemorating 500 years since the birth of John Knox A' comharrachadh 500 bliadhna on a rugadh Iain Knox

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2014.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2014.)

Video is playing in pop-over.

A' comharrachadh 500 bliadhna on a rugadh Iain Knox

[Innes Rothach - Preseantair] Chumadh co-labhairt ann an Dùn Èideann air an deireadh-sheachdain a’ comharrachadh gu bheil còig ceud bliadhna ann on a rugadh Iain Knox. Ged a bha Knox aithnichte aig aon àm mar an aon Albannach ris a bheil an saoghal gu lèir dlighe, tha ìomhaigh a’ chlèirich air fulang thar nam bliadhnaichean le mòran a’ ceasnachadh luach a dhìleib. Mar a tha Iain MacDiarmid ag aithris, chaidh an co-labhairt a chur air dòigh ann an oidhirp sin a chur ceart.

[Iain MacDiarmid – Neach-aithris] ‘S ann às an taigh seo a bha Iain Knox agus aig àrd a’ chumhachd san Roinn Eòrpa agus Alba. Ged a thòisich e na shagart san Eaglais Chaitligich, ‘s e a bha gu mòr air cùl an ath-leasachaidh a thug cruth atharrachadh air Alba agus a stèidhich an Eaglais Phròstanach. Am-bliadhna thathas a’ comharrachadh còig ceud bliadhna on a rugadh e, ach e agus dha-rìribh cho cudromach ‘s a tha e ‘s an latha an-diugh. Chaidh co-labhairt a chumail sa bhaile seo air an deireadh-sheachdain son beachd nas fheàrr dheth a bhrosnachadh.

[An t-Urr Coinneach Dòmhnallach] Daoine a’ sealltainn ri mar a tha cùisean air a dhol bhon uair sin ‘s an obair a rinn e aig an àm ‘s mar a chaidh cùisean bhon uair sin. Gum bu chòir dha daoine a bhith cuimhneachadh is a’ feuchainn ri bhith cumail nan cuimhneachan a tha sin, Knox gu sònraichte.

[Iain MacDiarmid – Neach-aithris] Tha ìomhaigh Iain Knox a’ cumail faire ann an carragh Eaglais Naomh Giles. Ach, tha tòrr a-nis a’ coimhead air mar fhear a tha furasta magadh, cruaidh, gun co-fhaireachdainn agus a bha gu mòr an aghaidh bhoireannaich.

[An t-Urr Coinneach Dòmhnallach] Chan eil sin a’ dèanamh picture a bu chòir dhuinn a bhith faicinn agus cha bu chaomh leam-sa bhith ann an àite sam bith no leantainn creideamh sam bith nach fhaodadh tu gàireachdainn no càil den sheòrsa mar a bhios daoine a’ dèanamh a-mach co dhiù.

[Iain MacDiarmid – Neach-aithris] Mass e a thug dhuinn bun-stèidh deamocrasaidh na dùthcha mar a bha co-labhairt na deireadh-sheachdaine a’ cumail a-mach; a bheil còir againne a bhith nas mothachail air a dhìleab?

[Duine] Was he something to do with medicine?

[Duine] He was very famous, miserable kind of guy and the Scottish dour character originates with him as he was a miserable person.

[Iain MacDiarmid – Neach-aithris] Seo far a bheil e air a thiodhlacadh air cùl cathair Eaglais Naomh Giles ann an Dùn Èideann, chan eil mòran air fhàgail mar chuimhne air Iain Knox ach carragh ann an àite-pàircidh trì air fhichead. Mar sin, chan eil an aon aithne ga thoirt dha agus ‘s dòcha gu bheil e air a dhol à cuimhne beagan, ach tha aon rud cinnteach, tha Iain Knox a cheart cho connspaideach ‘s a bha e a-riamh. Iain MacDiarmid, BBC An Là, Dùn Èideann.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!