FaclairDictionary EnglishGàidhlig

The weather with Anne Lundon An aimsir còmhla ri Anne Lundon

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2014.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2014.)

Video is playing in pop-over.

An aimsir còmhla ri Anne Lundon

[Innes Rothach - Preseantair] Sùil air an aimsir a-nis, còmhla ri Anne.

[Anne Lundon - Neach-aithris na h-aimsir] Ceud taing, feasgar math dhuibh. Uill, cha robh coltas buileach ro dhona air an aimsir an-diugh. Greisean math de shoilleireachd agus de ghrèine, gu seach h-àraidh mun a’ Chost an Ear, ach ma bheir sinn sùil air an dealbh airson a-nochd, ‘s ann a’ sìor-fhàs nas sgòthaiche a tha i dhan mhòr-chuid. An t-uisge a tha seo a’ gluasad a-staigh dhan Chost an Iar, gluasad dhan Ear, mar a thèid an oidhche air adhart. Tha i gu bhith mu chòig no sia Celsius mun Chost an Ear. Ach anns an uisge mu sheachd no ochd Celsius mun Chost an Iar, oiteagan-gaoithe bhon Iar-Dheas cuideachd.

[Anne Lundon - Neach-aithris na h-aimsir] Sùil air adhart gu màireach ma-thà agus ‘s ann sgòthach a bhios i dhan mhòr-chuid, a’ chiad char. An t-uisge a tha seo fhathast mun chuairt, mun Chost an Iar agus seo trom agus leantainneach aig amannan ach bu chòir gun tig piseach air cùisean gu ìre mu Mheadhan agus Ceann a Deas na dùthcha agus gu seach h-àraidh Taobh Sear na dùthcha far am bi greisean math de shoilleireachd agus do ghrèine.

[Anne Lundon - Neach-aithris na h-aimsir] Sùil nas mionaidiche ma-thà air na bhios a’ tachairt feasgar a-màireach mu cheithir uairean. A’ ghaoth bhon Iar-Dheas, an ìre mhath làidir tro na h-Eileanan mu Thuath, mar an ceudna taobh nan Eileanan Siar ‘s mun Chost an Iar, an t-uisge a tha seo fhathast a’ cumail smachd air cùisean, seo trom agus leantainneach aig amannan ach thig piseach air cùisean mu Mheadhan agus Ceann a Deas na dùthcha. Mairidh i car sgòthach ged-thà. Ach, son a’ Chost an Ear greisean math de shoilleireachd agus de ghrèine a’ tighinn troimhe. Agus dh’ fhaodadh i mu cheithir-deug Celsius a ruighinn aig a’ char as àirde.

[Anne Lundon - Neach-aithris na h-aimsir] Son a’ chòrr dhen fheasgar ma-thà agus gu ruige beul na h-oidhche, chan eil atharrachadh mòr a’ tighinn air cùisean. An t-uisge a tha seo, fhathast a’ cumail smachd air cùisean mun Iar-thuath, ach bu chòir gum bi an turadh ann mun Iar, mu Mheadhan agus mu Cheann a Deas na dùthcha.

[Anne Lundon - Neach-aithris na h-aimsir] Sùil air adhart gu Diardaoin ma-thà, chì sinn an aghaidh tha seo, a’ gluasad tron dùthaich, tro na h-uairean beaga, a’ toirt leis t-sìde car fliuch, frasach, measgachadh dhe fhrasan agus greisean de shoilleireachd tron latha, Na frasan nas buailtiche mun Chost an Iar. Greisean math dhe shoilleireachd ged-thà mun a’ Chost an Ear agus dh’fhaodadh i mu thrì-deug Celsius a ruighinn aig a’ char as àirde. Sin agaibh e.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!