FaclairDictionary EnglishGàidhlig

The final radio programmes are broadcast from the Rosebank building Na prògraman rèidio mu dheireadh air an craoladh bho thogalach Rosebank

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2014.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2014.)

Video is playing in pop-over.

Na prògraman rèidio mu dheireadh air an craoladh bho thogalach Rosebank

[Innes Rothach - Preseantair] Chaidh na prògraman rèidio mu dheireadh an craoladh bho thogalach a’ BhBC air Sràid na h-Eaglaise ann an Steòrnabhagh an-dè. Thairis air a’ chola-deug a tha romhainn, gluaisidh na seirbheisean rèidio agus telebhisean gu ionad ùr air Rathad Shìophoirt air iomaill a’ bhaile. Mar a tha Aonghas Dòmhnallach ag aithris, tha seo a’ toirt còig bliadhna deug thar fhichead de chraoladh ann an Togalach Rosebank gu crìoch.

[Aonghas Dòmhnallach – Neach-aithris] Ged a bha 'm BBC a’ cruinneachadh naidheachdan ‘s prògraman eile sna h-Eileanan, ‘s ann seachdain a’ Mhòid naoi ceud deug trì fichead ‘s a naoi deug a chaidh stèisean BBC Rèidio nan Eilean fhosgladh an toiseach. Aig an àm, fhuair i taic mhòr bho Chomhairle nan Eilean agus taic làidir anns a’ choimhearsnachd fhèin.

[Ailean Dòmhnallach] Bha barrachd a-mach às a’ cheud ag èisteachd ri Rèidio nan Eilean aig an àm a bha sin na bha ag èisteachd ri stèisean rèidio sam bith anns an dùthaich. Tharraing e daoine ri chèile. Bha iad uabhasach faisg, bha iad a’ faireachdainn gur ann leotha a bha e. Agus anns a’ chiad bhliadhna, thug sinn ochd ceud duine ùr gu craobh-sgaoileadh Gàidhlig anns a’ bhliadhna sin air an rèidio. Agus anns an dòigh sin, bha sinn a’ toirt air daoine creidsinn annta fhèin, bruidhinn am measg a chèile, deasbad am measg a-chèile, ‘s iad fhèin a thoirt air adhart aig an àm a’ chomhairle cuideachd ag obair air an aon rud.

[Neen NicAoidh] Rèidio nan Eilean, sin dìreach rud a bh’ ann, prògraman dha na daoine às na h-eileanan, agus cha robh feasgar no seachdain a’ dol seachad nach robh Cailleach NicArtair shìos an rathad an seo bhiodh i tighinn suas le duf a h-uile feasgar Dihaoine. Bha sinn a’ faighinn bèicearachd, bha a h-uile seòrsa rud a’ tachairt.

[Magaidh Choineagan] Bha teipichean a’ dol air plèanaichean, bha teipichean a’ dol air busaichean, bha teipichean a’ dol air aiseigean agus mar sin, bha an dòigh anns an robh sinn a’ tarraing a h-uile càil ri chèile, saoilidh tu an-diugh uabhasach doirbh ach aig an àm a bha sin dìreach a’ smaoineachadh gur e, fiù ‘s gun robh sinn a’ faighinn teipichean agus daoine a’ bruidhinn Gàidhlig oir ‘s e rud mìorbhaileach a bh’ ann an sin fhèin.

[Jo NicDhòmhnaill] Tha cuimhne 'am an t-Ollamh Dòmhnall Meek a bhith ag ràdh gun robh e coltach ri glaodh no rudeigin a bha a’ tàthadh coimhearsnachd na Gàidhlig ri chèile air sgàth tha a’ choimhearsnachd sgapte.

[Aonghas Dòmhnallach – Neach-aithris] Ann an naoi ceud deug ceithir fichead ‘s a còig, bha an t-seirbheis air leudachadh gu ìre agus gun deach BBC Radio nan Gàidheal a chur air cois.

[Coinneach MacÌomhair] Leudaich cùisean an uair sin, agus dh’ atharraich cùisean son chaidh Radio nan Gàidheal a chruthachadh agus dh’ atharraich sin a’ chùis seo bho bhith na stèisean a bha cha mhòr na stèisean choimhearsnachd dhan an taobh an Iar gu bhith na stèisean nàiseanta.

[Jo NicDhòmhnaill] Bha saorsa aig an luchd-obrach a bha seo, air falbh, ‘s dòch’ bho ùghdarras Ghlaschu, bha saorsa aca rudan ùr’ fheuchainn agus cha robh an t-airgead ach gann, ach bha tòrr misneachd, am measg an luchd-obrach a bha seo, mar a tha fhathast.

[Aonghas Dòmhnallach – Neach-aithris] Le teachd tuilleadh phrògraman telebhisean Gàidhlig agus an uair sin, BBC ALBA, tha an t-seirbheis agus an luchd-obrach air fàs ro mhòr do Thogalach Rosebank.

[Ailean Dòmhnallach] ‘S e fìor dheagh naidheachd a bh’ ann, an t-seachdain-sa chaidh, a’ faicinn àite ùr airson craobh-sgaoileadh ga fhosgladh shìos air Rathad Seaforth ann an Steòrnabhagh agus tha ceud duine a-nis ag obair ann an Steòrnabhagh anns na meadhanan rèidio is telebhisein.

[Marion NicFhionghain] Dh’ fhàs sinn a-mach às an togalach a tha seo bho chionn fhada. Le sin, tha sinn a’ dol sìos gu Taigh Shìophoirt, goireasan ùr’, stiùideothan gleansach ùr’ agus tha mi cinnteach às gum bi iomadh cothrom cruthachail aig a h-uile duine a bhios ann. Cuimhnich gun do thòisich ceathrar a-staigh anns an togalach a tha seo ‘s a tha fhichead a-nis a’ gluasad sìos an rathad agus tha mi cinnteach gum bi sinn a’ cur ris an àireamh a tha sin.

[Coinneach MacÌomhair] Bha feum air goireasan obrach na b’ fheàrr is na b’ èifeachdaich, ach an-dèidh sin, mar a tha seann charaid, chuireadh tu suas ris na teachdan geàrr anns a bheil thu air fàs cho eòlach air agus bidh e rudeigin duilich dhut faighinn eòlach, ‘s dòch’, air an fheadhainn ùr’, air sgàth gu bheil daoine ùr’ a’ tighinn a-steach le dòighean ùr’ agus eòlas tòrr nas fheàrr na th’ agads’.

[Aonghas Dòmhnallach – Neach-aithris] Ceum ùr eile ann an craoladh nan Gàidheal. Aonghas Dòmhnallach, BBC An Là, ann an Gàrradh Rosebank, ann an Steòrnabhagh.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!