FaclairDictionary EnglishGàidhlig

An old church in Lewis is re-dedicated Seann eaglais ann an Leòdhas a choisigreadh às ùr

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2014.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2014.)

Video is playing in pop-over.

Seann eaglais ann an Leòdhas a choisigreadh às ùr

[Angela Nic’Illeathain - Preseantair] Chaidh seann eaglais anns An Rubha ann an Leòdhas, a tha a' dol air ais gu linn Chaluim Chille, a choisigreadh às ùr Disathairne. Tha eachdraidh mhòr co-cheangailte ri Eaglais na h-Aoidhe ann an Aiginis, rinnear tòrr obrach airson na ballachan a neartachadh ach tha a’ mhuir air falbh le dàrna leth dhen chladh a bha ga cuairteachadh agus tha balla-dìon a chaidh a thogail ann an staid chugallach. Seo Alasdair Mac’Illeathain.

[Alasdair R Macilleathain– Neach-aithris] Chosg urras Eaglais na-Aoidhe trì cheud mìle not a’ càradh ballachan na h-eaglaise, as dèidh dha na bliadhnaichean ‘s an droch shìde milleadh mòr a dhèanamh. Tha an t-urras a’ coimhead na h-eaglaise mar phàirt chudromach de eachdraidh a’ chreideamh Chriostail agus eachdraidh na Gàidhealtachd gu lèir.

[Cailean Scott MacChoinnich] There are something like nineteen chiefs of the Sìol Thorcuill, Lewis MacLeods buried here, at least one Earl of Seaforth buried here, a whole lot of important people over the last millennium have been buried here.

[Alasdair R Macilleathain – Neach-aithris] Ach ghabhadh an tuilleadh obair a dhèanamh.

[Cailean Scott MacChoinnich] Maybe we might be able to re-roof it. I think it would be great to have weddings or baptisms or what have you at this ancient site.

[Alasdair R Macilleathain – Neach-aithris] Tha iad a’ dèanamh dheth gun do dh’fhalbh am muir le dàrna leth a’ chlaidh timcheall an togalaich agus chan eil am muir na thàmh.

[Dòmhnall Crichton] Chaidh obair a dhèanamh air bho chionn bliadhnaichean air ais airson dìon ach tha a-rithist am muir a’ tighinn a-steach ‘s a’ toirt air falbh an taic bhon bhalla. Feumaidh iad coimhead ris na nithean sin cuideachd airson dèanamh cinnteach g’ eil an rathad air a dhìon agus gu bheil an togalach air a dhìon.

[Alasdair R Macilleathain – Neach-aithris] Ach le Disathairne airson an eaglais ath choisrigeadh agus foillseachadh leabhran fiosrachaidh air sgìre an Rubha, chaidh seirbheis a chumail san eaglais a’ chiad uair bho chionn iomadach bliadhna agus a’ chiad uair air an robh cuimhne aig duine a bha an làthair.

[An t-Urr Iain D Caimbeul] Bhiodh e math nam biodh adhradh ga chumail anns an togalach. Chan eil mullach air an togalach fhathast ach bha deagh sheirbheis againn an-diugh taobh a-staigh ballachan an togalaich agus tha sinn a’ coinneachadh far an robh adhradh ga dhèanamh do Dhia airson iomadh bliadhna agus a-nise tha sinn a’ fosgladh caibideil ùr agus tha mi an dòchas gum faic sinn seirbheisean eile gabhail àite an seo cuideachd.

[Alasdair R Macilleathain – Neach-aithris] Làrach bu chòir a bhith na tharraing mhòr ach làrach a tha cur feum air tòrr obair fhathast. Alasdair Mac’Illeathain, BBC An Là, air an Uidh ann an Leòdhas.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!