FaclairDictionary EnglishGàidhlig

The Rugby Sevens in Glasgow Farpais nan Rugbaidh Sevens ann an Glaschu

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2014.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2014.)

Video is playing in pop-over.

Farpais nan Rugbaidh Sevens ann an Glaschu

[Calum Dòmhnallach - Preseantair] Feasgar math. Bidh farpais nan Rugbaidh Sevens a’ tachairt ann an Glaschu air an deireadh sheachdain. ‘S iad na h-All Blacks a th’aig bàrr na buidhne agus dìreach earrainn ri dhol anns an fharpais. Tha dùil ri còig mìle neach gach latha, ann an Scotstoun, airson na sgiobaidhean fhaicinn ach, mar a tha Iain MacDiarmaid ag aithis, fhuair clann bho Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu cothrom fàilte shònraichte a chur orra an-diugh.

[Clann] Seas suas àrd. Seas a-mach. Bruidhnibh Gàidhlig.

[Iain MacDiarmaid – Neach-aithris] Rabhadh Gàidhlig ann an seadh Haka na Maori. ‘S ann do chluicheadairean na h-All Blacks a bha e agus iad a’ tadhal air an sgoil. Tha iad ann air thoiseach air farpais na rugbaidh sevens air an deireadh sheachdain agus an dòchas beagan ùidh a thogail am measg òigridh na h-Alba

[Gillies Kaka] It probably doesn’t get more Scottish than Gaelic so I think it’s a good opportunity to come to these kids and stuff like that and bring rugby here.

[Iain MacDiarmaid – Neach-aithris] Agus as dèidh blasad de chultar nan Gàidheal fhuair sgioba rugbaidh na sgoile cothrom trèanadh le triùir dhe na cluicheadairean.

[Aonghas] Bha e uabhasach math, an team as fheàrr anns an t-saoghal a th’ann anns na smuaintean agamsa.

[Iain MacDiarmaid – Neach-aithris] Le seachdnar anns gach sgioba agus seachd mionaidean anns gach leth ‘s e gèam luath a th’ann. Bithear a’ cluich aig diofar làraichean air feadh an t-saoghail agus le dìreach dheireadh sheachdain ri dhol ‘s iad na h-All Blacks a th’aig bàrr na buidhne.

[Gillies Kaka] We’ll be hoping to go one better than last year, we tripped up in the final so it’ll be good to come here and get a win and then maybe cement a lead.

[Iain MacDiarmaid – Neach-aithris] Aig ceann eile na còig sgioba deug tha Alba san dàrna àite deug.

[Gillies Kaka] They keep getting better, we played them in Hong Kong and we struggled against them so hopefully home crowd and stuff like that they’ll go a bit better.

[Iain MacDiarmaid – Neach-aithris] As dèidh coinneachadh riutha agus cluich còmhla riutha tha cuid am beachd a dhol ann.

[Aonghas] Tha mi a’ dol gu na sevens.

[Iain MacDiarmaid – Neach-aithris] tha thu coimhead air adhart ris?

[Aonghas] A’ coimhead air iadsan.

[Iain MacDiarmaid – Neach-aithris] ris a chuireas tu taic na h- All Blacks no Alba?

[Aonghas] Na h-All Blacks oir tha an Dadaidh agam bhon Sealan Nuadh.

[Shona] Chòrd e rium gu mòr, bha e gu math spòrsail ag ionnsachadh agus bha e math a bhith an aghaidh nan All Blacks. ‘S e cothrom math a bh’ann.

[Clann] Cùm Gàidhlig làidir. Bithibh moiteil às ur cànan. Bruidhnibh Gàidhlig.

[Iain MacDiarmaid – Neach-aithris] Iain MacDiarmaid, BBC An Là, Glaschu.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!