FaclairDictionary EnglishGàidhlig

The weather with Anne Lundon An aimsir còmhla ri Anne Lundon

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2014.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2014.)

Video is playing in pop-over.

An aimsir còmhla ri Anne Lundon

[Anne Lundon – Neach-aithris na h-aimsir] Ceud taing Alasdair. Feasgar math dhuibh. Uill ‘s e fìor mheasgachadh de fhrasan agus greisean de shoilleireachd a bha tro mhòran sgìrean an-diugh ach ma bheir sinn sùil air na tha gu bhith a’ tachairt a-nochd, ‘s ann rudeigin sgòthach a bhios i mun Chost an Iar, frasan uisge a tha seo a’ cumail smachd air cùisean, seo gu bhith a’ gluasad gu an Ear tron dùthaich mar a thèid an oidhche air adhart, a’ fàgail an turadh gu ìre air a chùlaibh ach frasan a bharrachd a’ gluasad a-staigh mun Iar-Dheas nas fhaide air an oidhche, i gu bhith eadar sia agus a h-ochd Celsius anns an fharsaingeachd agus bu chòir gur ann lag a bhios a’ ghaoth gu ìre mhòr, oiteagan gaoithe ‘s mathaid mu na costaichean.

[Anne Lundon – Neach-aithris na h-aimsir] Sùil air adhart gu a-màireach ma-thà agus ‘s ann rudeigin sgòthach agus fliuch a mhaireas i mun Chost an Iar, greisean de shoilleireachd ge-tà a tighinn troimhe mar a thèid an latha air adhart, an t-uisge seo a’ gluasad a-staigh mu cheann a Deas na dùthcha, cuideachd a’ cumail smachd air cùisean.

[Anne Lundon – Neach-aithris na h-aimsir] Ach ma bheir sinn sùil nas mionaidiche air na bhios a’ tachairt feasgar a-màireach mu cheithir uairean agus mairidh i rudeigin sgòthach tro Shealtainn le ceò agus sgleò sgapte, frasan a’ cumail smachd air cùisean tro chnap mhòr dhen Ghàidhealtachd agus dh’fhaodadh cuid dhiubh a bhith trom le tàirneanaich nan cois ach bu chòir gum bidh greisean de shoilleireachd a’ tighinn troimhe eadar frasan sam bith. Greisean grèine tro Ghlaschu agus Dun Èideann ach tro Dhùn-Phris, Gall-Ghàidhealaibh ‘s na Crìochan an t-uisge seo a’ cumail smachd air cùisean, agus son an còrr dhen fheasgar agus gu ruigeadh beul na h-oidhche chan eil atharrachadh mòr a’ tighinn air cùisean, an t-uisge tha seo fhathast gu bhith mun cuairt ach thig an turadh gu ìre le greisean de dh’iarmailt shoilleir a’ tighinn troimhe.

[Anne Lundon – Neach-aithris na h-aimsir] Nise sùil air adhart gu Diardaoin agus chì sinn bhon dealbh a tha seo gu bheil sinn gu mòr fo smachd bruthadh ìosal, na h-aghaidhean tha seo a’ tighinn gar n-ionnsaigh, a’ ciallachadh gu bheil i gu bhith rudeigin caochlaideach airson Diardaoin agus gu ruige deireadh na seachdain agus greisean de shoilleireachd agus cuideachd frasan, fìor mheasgachadh dhen chuid agus i gu bhith a’ ruighinn mu thrì-deug no ceithir-deug Celsius aig a’ char as àirde ach bu chòir gur ann lag a bhios a’ ghaoth anns an fharsaingeachd. Sin dhuibh an aimsir.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!