FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Dancers on the Skye Bridge Dannsairean air Drochaid an Eilein Sgitheanaich

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2014.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2014.)

Video is playing in pop-over.

Dannsairean air Drochaid an Eilein Sgitheanaich

[Angela NicIlleathain - Preseantair] Chuireadh stad air trafaig air Drochaid an Eilein Sgitheanaich oidhche Haoine, chan ann air sgàth na gaoithe no luchd iomairt an aghaidh chìsean ach airson dannsairean. Bha seo mar phàirt de shreath thachartasan air feadh Alba son geamaichean a’ Cho-fhlaitheis a chomharrachadh. Chaidh Eilidh NicLeòid a dhanns’.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] Ceithir uairean feasgar agus tha an fheadhainn òga dol tro na ceumannan aca. An ceann trì uairean a thìde bidh iad am measg còrr air ceithir fichead duine, a’ dannsa ceud troigh os cionn Caol Loch Aillse, cothrom is cinnteach nach fhaigh iad ach aon turas.

[Hayleigh Bloomfield] I thought it was a really great idea to show how excited we are that the Commonwealth Games are coming to Scotland

[Tay Healey] I don’t really see how many times it happens in a lifetime, to dance on Skye Bridge and get actually close for once.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] Chruinnich òg agus sean aig talla Chaol Acainn son a dhol tron dannsa a rinn Ballet Na h-Alba son Geamannan a’ Cho-fhlaitheis a chomharrachadh. Bha diofar bhuidhnean air feadh Alba ga thaisbeanadh aig an aon àm.

[Màiri NicAoidh] An ceangal eadar an Eilean Sgitheanaich fhèin agus tìr mòr agus a h-uile duine cho toilichte g’eil iad a’ danns’, ‘s e rud uabhasach math a th’ann an danns’, tha a h-uile duine toilichte ga dhèanamh agus tha e a’ toirt toileachas dha tòrr daoine agus an còrr a dh’iarradh tu?

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] Cha bheag an obair a bh’aig Skye Dance son an tachartas a chur air dòigh agus eadar sàbhailteach agus eile chosg an dannsa ceithir mìle not.

[Dòmhnall Dòmhnallach] Nach eil sin math gu bheil an cothrom ga thoirt dhuinn seo a dhèanamh agus an samhla tha seo dhen Eilean agus do dh’Alba agus a chur gu feum airson tachartas co-cheangailte ri na Commonwealth Games. B’ fheàrr leam fichead mìle uair nach robh e cho cosgail, och tha mi smaoineachadh gum bi seo ann an cuimhne dhaoine airson iomadach bliadhna ri thighinn.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] Gun ach leth uair a thìde ri dhol, sguir an t-uisge agus shocraich a’ ghaoth a bha bagairt bacadh buileach a chur air dannsa na drochaid. Leis a h-uile duine cruinn aig a’ phàirt as àirde dhith chuireadh stad air an trafaig seachd uairean air an diog.

[Ross Cooper] It was the equivalent of having a dance on a motorway so to speak, which is not an easy thing to do, there’s a wee bit of red tape involved but Transport Scotland, BEAR Scotland helped a lot. All the relevant organisations from Police Scotland to Alba Traffic Management to Phoenix Productions all helped make it possible today.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] Agus mar a bhios iad ag ràdh, mur a h-urrainn dhut a’ chùis a dhèanamh orra ‘s fheàrr dhut a dhol an sàs còmhla riutha. Eilidh NicLeòid, BBC An Là, drochaid an Eilein Sgitheanaich.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!