FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Niall Iain's journey begins Turas Nèill Iain gus tòiseachadh

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2014.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2014.)

Video is playing in pop-over.

Turas Nèill Iain gus tòiseachadh

[Angela NicIlleathain - Preseantair] Tha an craoladair Niall Iain Dòmhnallach air a bhith trang ann an New York ag ullachadh airson an turas iomraidh as motha dhe bheatha. Tha am bàta aige an ìre mhath deiseil son feuchainn tarsainn a’ Chuain Shiar gu ruige Steòrnabhagh. Thuirt e gu bheil e nis a’ feitheamh ri sìde fhàbharach anns na làithean tha romhainn. Tha Niall Iain ag amas airgead a thionail dha carthannas slàinte inntinn. Le tuilleadh, seo Iain MacAonghais.

[Iain MacAonghais – Neach-aithris] Tha aon phàirt de dhùbhlan Niall Iain Dhòmhnallaich deiseil, sin New York a ruighinn ach tha an dùbhlan as motha roimhe fhathast, iomradh tarsainn a’ Chuain Shiar. Tha e fhèin ag aideachadh gu bheil e air ùine thoirt an ìre seo a ruighinn, ach tha e misneachail mu na tha roimhe.

[Niall Iain Dòmhnallach] Tha mi gu math misneachail mu na comasan a th’agam agus an t-seòrsa ullachaidh a tha mi air a dhèanamh son NY2SY, tha mi air tòrr trèanadh a dhèanamh, tha mi air tòrr rudan ionnsachadh, na sgilean a bhios a dhìth orm son an iomairt seo a dhèanamh ceart agus ann an dòigh a bhios soirbheachail ach tha mi dìreach toilichte bhith ann an New York mu dheireadh thall, cha mhòr ceithir bliadhna an ìre seo a ruighinn agus le tòrr obair agus tòrr strì ach tha sinn ann an seo, cha mhòr nach eil mi deiseil airson toiseach tòiseachaidh a dhèanamh air NY2SY. Tha mi a’ coimhead air adhart ris, tha fadachd orm son tòiseachadh ach aig an aon àm tha an eagal orm, an aon eagal ‘s a bha orm nuair a smaoinich mi air an seo aig an fhìor thoiseach ach chan e rud dona tha sin idir tha mi smaointinn gu bheil sin toirt orm a bhith faiceallach mu dheidhinn a h-uile sìon.

[Iain MacAonghais – Neach-aithris] Chuir Niall Iain seachad ùine mhòr le obair ullachaidh, cruinneachadh airgead agus trèanadh gus an ìre-sa a ruighinn. Ach chan e a-mhàin an t-astar a tha roimhe eadar baile New York agus Steòrnabhagh - còrr is còig mìle cilemeatair – ach na dùbhlain practaigeach leithid a bhith deisealachadh bidhe agus uisge airson a chumail a’ dol air an t-shlighe

[Niall Iain Dòmhnallach] Feumaidh mise a h-uile pìos bidhe agus uisge a bhios mi cleachdadh a thoirt leam anns a’ bhàta. A thaobh bidhe, ‘s e bhios agam gach latha bidh baga a bhios mi tarraing a-mach agus sa bhaga tha sin tha am biadh agam airson fad latha, a h-uile sìon a tha dhìth orm agus cha bhi mi dèanamh sìon ach a’ goil uisge agus a bharrachd air sin tha inneal againn air bòrd – uidheamachd a bhios a’ cruthachadh uisge a dh’fhaodas mi òl bho uisge na mara agus bidh sin agam agus feumaidh mi a bhith gu math faiceallach leis a’ phìos uidheamachd tha sin, a bhith dèanamh cinnteach gu bheil e ag obair ceart, gu bheil mi coimhead às a dhèidh ceart

[Niall Iain Dòmhnallach] If the weather is too stormy outside, this is where I kind of retire to and I just close the door

[Iain MacAonghais – Neach-aithris] Tha na seachdainean a dh’fhalbh air sealladh a thoirt dhuinn air na cunnartan anns a’ Chuan Shiar ‘s leis an sin tha Niall Iain a’ cumail sùil air an t-sìde mus dèan e co-dhùnadh falbh.

[Niall Iain Dòmhnallach] Tha cùisean a’ coimhead glè mhath a thaobh na h-aimsire airson na dhà no trì làithean a tha romhainn ach chan eil sin gu leòr dhòmhsa, cha bhi mise deiseil ma dh’fhaodhte a-màireach an ceann latha eile bidh mise deiseil a thaobh a’ bhàta ‘s a h-uile sìon air bòrd agus mi-fhìn cuideachd. Feumaidh mi-fhìn a thighinn gu co-dhùnadh - seo e - tha mise deiseil son falbh. An uair sin bidh mi bruidhinn ris an duine tha cumail sùil air an aimsir anns an fharsaingeachd agus a’ faighinn comhairle bhuaithe-san mu dheidhinn bu chòir dhomh dhèanamh.

[Iain MacAonghais – Neach-aithris] Agus le gun ach beagan làithean a-nis ‘s dòcha gus an tòisich an iomairt tha e follaiseach gu bheil taic dhaoine a’ toirt spionnadh do Niall Iain.

[Niall Iain Dòmhnallach] Tha mi dìreach airson taing a thoirt dhan a h-uile duine, air ais ann an Steòrnabhagh, ann an Leòdhas, anns na h-Eileanan an Iar, ann an Alba agus nas fharsainge na sin. Tha mi ag ràdh gu bheil mi dèanamh seo nam aonar ach cha b’urrainn dhomh fiù’s an ìre seo a ruighinn leam fhìn. An taic, seòrsa cuideachaidh a tha mi air fhaighinn bho dhaoine tha e dìreach air a bhith mìorbhaileach agus tha e ciallachadh an t-uabhas dhòmhsa agus tha mi’n dòchas gum faigh mi an aon taic ‘s an aon chuideachadh bhon h-uile duine fhad ’s a tha mi dèanamh an iomairt cuideachd air sgàth bidh feum agam air an sin. Na bithibh a’gabhail dragh mum dheidhinn, tha mi deiseil airson seo agus mi deagh oidhirp air agus tha mi coimhead air adhart ris a h-uile duine fhaicinn aig an taobh eile an nuair a chuireas mi crìoch air an seo.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!