FaclairDictionary EnglishGàidhlig

A challenge for the people of Gweedore in Ireland Dùbhlan air thoiseach air muinntir Gaoth Dobhair ann an Èirinn

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2014.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2014.)

Video is playing in pop-over.

Dùbhlan air thoiseach air muinntir Gaoth Dobhair ann an Èirinn

[Dòmhnall Angaidh Moireasdan - Preseantair] Am bu chòir do gach sgoil ann an sgìrean Gàidhealach a bhith na sgoil Ghàidhlig? Sin ceist a th’air cuid ann an Gaoth Dobhair, dhe na sgìrean Gaeltachta oifigeil ann am Poblachd na h-Èireann. An sin tha inbhe oifigeil aig a’ chanan agus a’ mhòr-chuid ga bhruidhinn fhathast. Ach, mar a chuala Niall O’Gallagher tha dùbhlan romhpa a gleidheadh airson an ath ghinealach.

[Niall O’Gallagher – Neach-aithris] ‘S i Gàidhlig na h-Eirinn cànan na coimhearsnachd an Gaoth Dobhair, ri chluinntinn anns na bùithtean a h-uile là. Tha i aig a’ mhòr-chuid de dhaoine san sgìre agus inbhe shònraichte aice air a sgàth.

[Niall O’Gallagher – Neach-aithris] Tha Gaoth Dobhair na Gaeltachta oifigeil, a’ fàgail nach faic thu Beurla air na sanasan rathaid agus gur e Gaelscoil a th’ anns gach anns an sgìre. Ma tha sinn airson ar cànan a shàbhaladh dha-rìribh ann an Alba, am bu chòir dhuinne an aon rathad a ghabhail?

[Niall O’Gallagher – Neach-aithris] Am beachd a bha teagaisg na Gàidhlig ann an Alba, tha e deatamach gum faigh gach pàiste foghlam sa chànan.

[Noeleen Ní Cholla] Tha mise smaoineachadh gur e sin aon de na dòighean as cudromaiche airson an cànan a chumail beò, air sgàth ‘s gu bheil gu leòr Beurla anns na meadhanan, air an telebhisean agus air an eadar-lìon agus ‘s e an sgoil an aon àite a tha cuid den chloinn a’ faighinn Gaeilge fad an agus tha sin glè mhath.

[Niall O’Gallagher – Neach-aithris] Ach tha dùbhlan ron choimhearsnachd seo. Tha goireasan a’ dùnadh, cosnaidheach gan call agus daoine òga a’ fàgail na sgìre agus an cànain air an cùlaibh

[Danny Brown] Cha bhiodh mòran dhaoine a’ creidsinn ‘s dòcha fichead bliadhna air ais, gum biodh daoine bruidhinn gun teagamh mu bhàs na Gaeltachta. Ach sin a tha dol a thachairt, mura dèan sinn rudeigin sònraichte mu dheidhinn. Mar a tha e an-dràsta, cha bhi dad sam bith air fhàgail dhan ath ghinealach ach ‘s dòcha leabhar eachdraidh no dhà oir chan eil Gaeltachta ann às aonais daoine tha fuireach ann agus ma tha na daoine sin thall ann an Astràilia no ann an Canada chan eil Gaeltachta idir ann an uair sin.

[Niall O’Gallagher – Neach-aithris] Tha fios gum feum muinntir Dhún na nGall a bhith ag obair còmhla airson an cànan a ghleidheadh, ach an-dràsta chan fhaic duine tha air fàire dhith an seo anns a’ Ghaeltachta Èireannaich. Niall O’Gallagher, BBC An Là, Gaoth Dobhair.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!