FaclairDictionary EnglishGàidhlig

The young are at the heart of the Blas festival this year Òigridh aig teis-mheadhan Fèis Bhlas am-bliadhna

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2014.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2014.)

Video is playing in pop-over.

Òigridh aig teis-mheadhan Fèis Bhlas am-bliadhna

[Dòmhnall Angaidh Moireasdan - Preseantair] Bidh òigridh aig teis-mheadhan Fèis Bhlas am-bliadhna, leis gu bheil an Fhèis a’ comharrachadh deich bliadhna bho thòisich i anns an t-Sultain, tha a’ bhuidheann a tha ga cur air adhart airson tilleadh gu freumhaichean na Fèise. Chaidh an clàr-ama airson na Fèise fhoillseachadh an-diugh le iomadh tachartas ceòlmhor air fàire agus gu leòr iomain cuideachd. Tha Dòmhnall MacLaomainn ag aithris.

[Dòmhnall MacLaomain – Neach-aithris] Chaidh Fèis Bhlas a stèidheachadh bho chionn deich bliadhna mar thoireadh air turas buidheann bho Comhairle na Gàidhealtachd gu Fèis Celtic Colours ann an Canada. Bhon uair sin tha an fhèis air fàs gu mòr le barrachd na ceithir cheud tachartas bhon uair sin.

[Art MacCarmaig] Uill tha diofar rudan a’ dol air adhart ach gu sònraichte am-bliadhna tha sinn a' dèanamh fòcas air òigridh a-rithist agus tha sinn a’ cur nan crìochan air dòigh le na Fèisean agus an òigridh a tha an sàs anns na Fèisean bho thall 's a bhos air feadh Alba agus bha sinn ag iarraidh sin a dhèanamh anns an deicheamh bliadhna airson comharrachadh gu bheil an òigridh air a bhith air leth cudromach dhan fhèis on a thòisich i.

[Dòmhnall MacLaomain – Neach-aithris] A bharrachd air ceòl, bidh cuideachd prìomhachas air a thoirt do dh’iomain, is sreath de thachartasan air feadh na Gàidhealtachd ag innse mun bhuaidh a bh’ aig a’ Chiad Cogadh air spòrs nan Gàidheal agus an ceangal a th’aig a’ phìobairesa le cupa ainmeil.

[Ùisdean MacIllinnein] Tha tòrr dheth stèidhichte air a’ chupa seo – Cupa Ic Ille Bhrath - agus cuideachd an teaghlach aig Donnchadh Mac Ille Bhrath, am pìobaire, chionn tha ceangal àraidh eadar iad fhèin agus an cupa seo agus bidh sinn a’ mìneachadh na h-eachdraidh sin a bharrachd air a bhith comharrachadh a’ Chiad Chogaidh agus cuideachd mar a thug na Gàidheil camanachd thall -thairis.

[Dòmhnall MacLaomain – Neach-aithris] ‘S e dùbhlan a th’ann gach bliadhna maoineachadh fèis den t-seòrsa seo, ach tha soirbheachas Blas gu ruige seo a’ toirt misneachd dhaibh gu bhith dol fhathast ann an deich bliadhna eile. Dòmhnall MacLaomain, BBC An Là, Inbhir Nis.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!