FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Kerry MacPhee to compete at the Commonwealth Games Kerry Nic a' Phì gu bhith a' farpais aig Geamannan a' Cho-Fhlaitheis

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2014.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2014.)

Video is playing in pop-over.

Kerry Nic a' Phì gu bhith a' farpais aig Geamannan a' Cho-Fhlaitheis

[Iain MacIlleathain - Preseantair] Shona NicDhòmhnaill ann an Uibhist a Deas - tha sinn a’ fuireach ann a sin an-dràsta agus Kerry Nic a’ Phì às an eilean air a h-ainmeachadh ann an sgioba baidhsagail na h-Alba airson Geamaichean a’ Cho-Fhlaitheis ann an Glaschu. Tha Kerry mar tha air cliù a chosnadh dhith fhèin a’ farpais dha na h-Eileanan Siar ann an Geamaichean Eileanach na Cruinne. Bidh i an lùib an sgioba as motha a-riamh a chuir Alba an sàs anns na geamaichean. Seo Catriona NicFhionghain.

[Catriona NicFhionghain – Neach-aithris] Bidh tri cheud ‘s a deich lùth-chleasaichean a’ riochdachadh Alba aig na Geamaichean a’ Cho-Fhlaitheis. Nam measg, bidh Kerry Nic a’ Phì. Thàinig an dearbhadh an-diugh sa mhadainn aig Caisteal Shruighlea nuair a choisich na lùth-chleasaichean a-mach air beulaibh nam meadhanan, eachdraidheil airson nighean òg à Cille Pheadair ann an Uibhist.

[Kerry Nic a’ Phì] Tha mi cho emotional! Tha mi dìreach ag iarraidh rànaich an-dràsta leis cho emotional ‘s a tha mi. Bidh mo bhràthair tric ag ràdh “tha mi gus spreadhadh!” agus sin mar a tha mise faireachdainn, dìreach bursting, air cloud nine, ‘s dìreach gus spreadhadh really ach tha mi faireachdainn cho emotional. Cha robh fios agam gum bithinn a’ faireachdainn mar seo ach tha mi dìreach cho toilichte an-dràsta

[Catriona NicFhionghain – Neach-aithris] An-uiridh fhuair Kerry am bonn òir airson an Triathlon anns na Geamannan nan Eilean ann am Bermuda. Cho-dhùin i dìreach anns an Dàmhair an-uiridh cumail oirre ann an rothaireachd a-mhàin. Air ais ann an Uibhist, tha pàrantan Kerry toilichte gu bheil toradh na h-obrach a tha i air a bhith dèanamh fad bhliadhnaichean a’ tighinn gu buil.

[Anna Nic a’ Phì] Tha mi fhìn a’ faireachdainn dìreach gur ann bho chionn bliadhna, bliadhna gu leth a rinn mi a-mach dìreach cho cudromach ‘s a bha seo dhith ‘s an obair a tha i air a chur ann, tha e doirbh a chreidsinn. Cha dearg thu really a chur ann am faclan an toileachas a tha thu faireachdainn air a son.

[Dòmhnall Mac a’ Phì] Uill aon rud, tha mì ’n dòchas gum faigh i toileachas às an dèidh na tha i air a dhèanamh de dh’obair agus a' strì bho chionn bhliadhnaichean feuchainn ri faighinn chun na h-ìre seo. A h-uile trup bhithinn ga faicinn air na làithean-saora, bhiodh i air a cois romhamsa, leth uair as dèidh còig, sia uairean sa mhadainn ag obair air a baidhsagal shìos anns an àite chùl, a-staigh còmhla ris na brògan agus an aon rud aig beul na h-oidhche ‘s tha sin air a bhith a’ dol bho chionn bhliadhnaichean.

[Catriona NicFhionghain – Neach-aithris] Tha fhios aig Dòmhnall Dòmhnallach à Bòirnis ciamar a tha Kerry a’ faireachdainn. Bha Dòmhnall seachd bliadhna a dh'aois nuair a dh’fhàg e Sgoil Staoinibrig airson fuireach air tìr-mòr. Ghabh esan pàirt ann an Geamaichean a’ Cho-Fhlaitheis, no Geamaichean na h-Iompaireachd mar a bh’aca air ann an 1958.

[Dòmhnall Dòmhnallach] Oh it’s great to represent your country it doesn't matter whether it’s the Empire Games or just getting picked for the ordinary international match, even down in England against English stars. It’s a great, great feeling. It’s beautiful, one of the greatest feelings in the world.

[Catriona NicFhionghain – Neach-aithris] Beagan sheachdainean air ais bha Kerry air ais ann an Uibhist a’ brosnachadh sgoilearan òg gus pàirt a ghabhail ann an spòrs agus bha teachdaireachd aice an-diugh airson daoine òga anns na h-Eileanan a tha airson a bhith farpais ann an spòrs aig àrd-ìre.

[Kerry Nic a’ Phì] Chan eil e math gu leòr ag ràdh “tha mi às na h-Eileanan, cha dearg mi sin a dhèanamh.” Chan eil sin math gu leòr a-nis. Feumaidh tu dìreach na opportunities a ghabhail agus mindset a bhith agad a tha ag ràdh “tha mi dol a dhèanamh seo, tha mi dol a dh'obair cruaidh agus tha mi dol a dhèanamh ge bith dh’fheumas mi dhèanamh.

[Catriona NicFhionghain – Neach-aithris] Gu dearbha ‘s e naidheachd eachdraidheil a bha seo a thàinig bho àite eachdraidheil cuideachd. Tha cha mhòr fhichead ri dhol mus tòisich na Geamaichean a’ Cho-Fhlaitheis ann an Glaschu. Gun teagamh sam bith, bidh na lùth-chleasaichidhean gu math trang eadar seo 's deireadh na h-ath mhìos a’ dèanamh deiseil airson Geamaichean a’ Cho-Fhlaitheis

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!