FaclairDictionary EnglishGàidhlig

The Gaels' History: The shinty cup Eachraidh nan Gàidheal: Cupa na Camanachd

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Lean gu Dlùth Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Lean gu Dlùth

(Originally added to Watch Gaelic in 2015.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2015.)

Video is playing in pop-over.

Eachraidh nan Gàidheal: Cupa na Camanachd

[Hugh Dan MacFhillinein] Cha robh a’ chiad sgoil agam agus an t-saoghal mòr fad às.

[Hugh Dan MacFhillinein] Leth-cheud bliadhna air ais, bha e tòrr na b’ fhasa faighinn a-steach ann an seo. An-diugh, tha na geataichean uile glaiste is feansa mòr. Bha là brèagha ann, tha mi cinnteach, bha mi air am feansa a leum, ach cha tachair sin a-rithist. Tha an-còmhnaidh toll anns an fheansa.

[Hugh Dan MacFhillinein] Fhios, ged a tha an t-àite seo fhèin air atharrachadh gu mòr. The cuid de rudan nach eil air atharrachadh idir agus leis an sin gu bheil clann òg a-muigh a’ cluich. Bhitheamaid a’ cluich a-muigh an seo bho mhoch gu dubh air làrach na sgoile ann an seo agus an seo fhèin. Tha e air atharrachadh pìos mòr. Seo far an robh phàirc againne, ‘s e pàirc blaze a th’ ann, an uair sin agus gu dearbha, cha robh e càilear sam bith a bhith a’ cluich ann. Sìos bhon taigh againne fhèin a-nis aig àireamh trì fichead ‘s a sia, bha a’ mhòr chuid dhe na taighean sin, bha cuideigin ann a bha a’ cluich spòrs is rud a bha àraid mun oisean is an fhìor-oisein shìos an siud, bha grunn cluicheadairean ‘s daoine a bha ainmeil ann an sgioba Chill Mhàilidh, mar eisimpleir. Tha cuimhne a’m, bha Billy Davie a’ cluich ann agus bha fear ‘s dòcha a bha nas ainmeile aig ceann sreath ‘s e Jimmy Chisholm a bh’ air agus ‘s e rèitire uabhasach ainmeil a bh’ ann agus ‘s ann air an t-sràid seo a-nis air aon oidhche chunnaic mi Cupa na Camanachd airson a’ chiad turas. Thàinig bus sìos air an t-sràid ‘s bha e air cuairt a chur air a’ bhaile uile gu lèir. ‘S bha Cill Mhàilidh air a’ chupa a bhuinnig. Agus thàinig iad sìos an t-sràid, dhà no trì tursan, tha cuimhne a’m, am bus a’ dol seachad, ‘s daoine crochte a-mach air doras a’ bhus agus iad a’ smèideadh ‘s ag èigheachd. Bha e dìreach mar gum biodh Chupa na Cruinne air tighinn air ais dhan Chaol agus ‘s e rud mòr a bha sin dhuinne, rud mòr dha-rìribh a bh’ ann.

Chaidh am prògram seo, Lean gu Dlùth, a chraoladh an toiseach ann an 2009.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!