FaclairDictionary EnglishGàidhlig

The weather with Kirsteen MacDonald An Aimsir le Kirsteen NicDhòmhnaill

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2014.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2014.)

Video is playing in pop-over.

An Aimsir le Kirsteen NicDhòmhnaill

[Kirsteen NicDhòmhnaill – Neach-aithris na h-aimsir] Feasgar math dhuibh a chàirdean. Uill abair thusa gu robh i teth ann an cuid a sgìrean de dh'Alba an-diugh. Gu dearbha ruig i seachd thar fhichead Celsius ann an Srath Alain ann an Siorrachd Pheairt agus gu dearbha cha robh mòran sgìrean eile air cùl sin idir.

[Kirsteen NicDhòmhnaill – Neach-aithris na h-aimsir] A-nochd ma-thà ‘s ann tioram a mhaireas cùisean gu ìre mhòr, gu dearbha ‘s ann car sgòthach a bhios cùisean tro sgìrean mu thuath agus dh’fhaodadh gum faicear smùidrich uisge anns na sgìreansa cuideachd. Greisean de dh’iarmailt shoilleir mu mheadhan agus mu cheann a deas na dùthcha. Nise bidh i eadar mu dheich agus trì-deug Celsius a-nochd anns a’ chumantas mar sin dheth cha bhi i faireachdainn buileach cho bruthainneach is a bha i bho chionn oidhche no dhà. Anns a’ chumantas ma-thà a-nochd tha sinn a’ sùileachadh gum bi a’ ghaoth lag agus i tighinn bhon Iar-Thuath ach bidh i làidir tro na h-eileanan mu thuath.

[Kirsteen NicDhòmhnaill – Neach-aithris na h-aimsir] A’ toirt sùil air adhart gu a-màireach ma-thà, tha sinn a’ tòiseachadh an tioram le greisean de shoilleireachd agus grèine tro mhòran sgìrean mu mheadhan agus mu cheann a deas na dùthcha ach a-rithist ge-tà ‘s ann car sgòthach a bhios cùisean aig amannan co-dhiù mun àird a tuath.

[Kirsteen NicDhòmhnaill – Neach-aithris na h-aimsir] Seo agaibh an dealbh ann am barrachd doimhneachd feasgar a-màireach ma-thà. Tha sinn a’ sùileachadh gur ann car sgòthach agus fionnar a mhaireas i tro na h-eileanan mu thuath. Tro na h-Eileanan Siar an aon seòrsa rud cuideachd, timcheall air còig-deug no sia-deug Celsius agus dh’fhaodadh gum faicear corra fhras mu na costaichean mun Iar-Thuath cuideachd. A-rithist ge-tà mar as fhaide gu deas a thathar ‘s ann a bhios i sìor fhàs nas fheàrr, greisean de shoilleireachd agus grèine ach chan eil i gu bhith faireachdainn buileach cho blàth ‘s a tha i air a bhith faireachdainn bho chionn no dhà, aon thar fhichead ma dh’fhaodte dhà thar fhichead celsius aig a’ char as àirde.

[Kirsteen NicDhòmhnaill – Neach-aithris na h-aimsir] Nise a’ toirt sùil air adhart gu ciaradh an fheasgair. Chan eil an t-uabhas ag atharrachadh idir. Dh’fhaodadh gum faicear corra fhras a-rithist mu thuath, aimsir car sgòthach anns na sgìrean-sa, a-rithist a’ chuid as fhèarr den ghrèin ri fhaicinn mu mheadhan agus ceann a deas na dùthcha.

[Kirsteen NicDhòmhnaill – Neach-aithris na h-aimsir] A’ toirt sùil air adhart gu Dihaoine. Bruthadh àrd fhathast a’ cumail smachd air cùisean gu ìre ach a’ putadh air falbh rud beag nas fhaide gu siar. Mar sin dheth tha sinn a’ sùileachadh a-rithist gur ann tioram a bhios i gu ìre mhòr, caran sgòthach gu sònraichte mu cheann a tuath na dùthcha, a’ chuid as fhèarr den ghrèin mu mheadhan agus mu cheann a Deas na dùthcha.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!