FaclairDictionary EnglishGàidhlig

A new book is published on MacKay Country Gaelic vocabulary Leabhar ùr air fhoillseachadh de bhriathrachas Gàidhlig Dhùthaich MhicAoidh

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2014.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2014.)

Video is playing in pop-over.

Leabhar ùr air fhoillseachadh de bhriathrachas Gàidhlig Dhùthaich MhicAoidh

[Iain MacIlleathain – Preseantair] Nise, bheil càil a bheachd agaibh th’ann an strianach, culaidh no irinneag? Chan e facail bitheanta th’annta dhan mhòr-chuid againn ach tha iad ann an dual-chainnt Dùthaich MhicAoidh. ‘S e glè bheag tha còmhla rinn an-diugh aig a bheil Gàidhlig na sgìre sin ach tha leabhar ùr air cuid de sheudraidh a’ chànain a chruinneachadh agus a thasgadh. Seo Calum MacIlleathain.

[Calum MacIlleathain – Neach-aithris] Òran Gàidhlig bho Dhùthaich MhicAoidh, air a sheinn le Uilleam Moireasdan à Diùranais. Tha leabhar ùr air cruinneachadh còmhla an cànan a chaidh a bhruidhinn an seo airson ginealaichean. Thairis air iomadach bliadhna bhruidhinn ùghdar an leabhair, Seumas Grannd, ri seann daoine na sgìre.

[Seumas Grannd] Strianach, 's e sin a chanas iad an àite brot agus nuair a bhios iad a’ dol dhan leabaidh air an oidhche bidh iad ag ràdh “cadal an strianaich dhut” (gun caidil thu gu math.) An àite bàta ‘s e culaidh mar a bu trice a chanadh iad. An àite nighean no caileag - "irinneag.” Agus far an canadh daoine "tha an t-uisge ann" chanadh iadsan "tha e a' bùirn.” Thug mi tòrr ùine còmhla ri aon seann duine air Taobh Mheanlais fhèin, fear air an robh Ailig George MacKay. ‘S e dìreach seòrsa de nàdar de encyclopedia beò a bh' ann a thaobh Dùthaich MhicAoidh.

[Calum MacIlleathain – Neach-aithris] Tha dòchas gun toir an leabhar cothrom do dhaoine a tha airson dual-chainnt na sgìre ionnsachadh. Tha fhathast beag chuid ann aig a bheil Gàidhlig na sgìre.

[Uilleam Moireasdan] Uill cha chreid mi nach eil cuid ga ionnsachadh sa bhun-sgoil ach chan ann a’ faighinn Gàidhlig bho na pàrantan. ‘S ann bho do phàrantan a bu chòir dhut a’ Ghàidhlig ionnsachadh. Dh’ionnsaich mi fhèin Gàidhlig bho mo phàrantan, cha robh iad a’ bruidhinn Gàidhlig rium-sa ach bha iad a’ bruidhinn Gàidhlig le chèile ‘s bha mi fhèin ga togail.

[Calum MacIlleathain – Neach-aithris] Am measg na bh’aig dualchainnt na sgìre bho thùs, bha am bàrd bhon ochdamh linn deug Rob Donn, nach do dh’ionnsaich Beurla na bheatha. Aig an deireadh sheachdain, chaidh tachartasan a chur air dòigh gus a bheatha agus a bhàrdachd a chuimhneachadh.

[An t-Oll Dòmhnall Uilleam Stiùbhart] ‘S tha iad ag innse dhuinn an t-uabhas, chan ann a-mhàin mu bheatha làitheil an t-sluaigh ach cuideachd seòrsa sealladh a bh’aig an t-sluagh cuideachd, na cleachdaidhean a bh’ aca, seòrsa beachdan a bh’ aca agus cuideachd mar a bha sin ag atharrachadh. Chionn ‘s gur e aimsir gu math bruailleanach anns an robh Rob Donn beò. Bha an saoghal ag atharrachadh ceithir timcheall air agus tha sin ri fhaicinn gu math follaiseach na chuid bàrdachd.

[Calum MacIlleathain – Neach-aithris] Thug Na Fuadaichean, no Na Ruagaidhean mar a th’ aca air ann an dual-chainnt na sgìre, buaidh mhòr an dà-chuid air tìr agus teanga Dùthaich MhicAoidh. Ach, le Gàidhlig na sgìre a-nise ann an clò, tha cothrom aig daoine briathrachas na sgìre a thuigsinn. Calum MacIllleathain, BBC An Là, Dùthaich MhicAoidh.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!