FaclairDictionary EnglishGàidhlig

The Isle of Skye pipe band take part in the European Championship of Pipe Bands Còmhlan Pìoba an Eilein Sgitheanaich a' gabhail pàirt ann am Farpais Eòrpach nan Còmhlan Pìoba

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2014.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2014.)

Video is playing in pop-over.

Còmhlan Pìoba an Eilein Sgitheanaich a' gabhail pàirt ann am Farpais Eòrpach nan Còmhlan Pìoba

[Dòmhnall Angaidh Moireasdan - Preseantair] Bidh Còmhlan Pìoba an Eilein Sgitheanaich a' gabhail pàirt sa chiad cho-fharpais nan eachdraidh air an deireadh sheachdain seo. Disathairne, bidh iad a' siubhal a dh'Fharrais airson nan Co-fharpaisean Eòrpach. Chaidh Eilidh NicLeòid a dh'fhaicinn mar a bha an deasachadh aca a' dol.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] Cluicheadairean òga an Eilein Sgitheanaich a’ cumail ceòl na pìob-mòr beò ann an sgìre far a bheil an dìleab a’ dol air ais grunn ghinealaich. Ach a dh’aindeoin na h-eachdraidh sin agus gun do choisinn cuid a bhuill duaisean iad fhèin, cha robh an còmhlan riamh ann an co-fharpais bhon a chaidh a stèidheachadh bho chionn leth-cheud bliadhna.

[Lachaidh MacIlliosa] Mar a bha e thairis air na bliadhnaichean a chaidh seachad cha robh muinntir a’ Chòmhlain Phìoba, cha robh ùine aca air sàilleabh an obair a bh’ aca agus cha robh iad airson an ùine chur seachad fad a’ Gheamhraidh a’ deasachadh agus dèanamh cinnteach gun robh iad deiseil airson a bhith cluich ann an co-fharpais.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] ‘S e an t-ionnsachadh òg a tha na pìobairean òg a’ faighinn san sgoil agus anns a’ choimhearsnachd a thug chun na h-ìre iad far a bheilear ga meas math gu leòr airson dùbhlan cho mòr ri na co-fharpaisean Eòrpach, gun luaidh air na h-uairean fada a’ deasachadh air a shon.

[Kayleigh] Thòisich sinn an-uiridh anns An Dàmhair tha mi smaoineachadh agus tha sinn air a bhith a’ cluich a h-uile oidhche Mhairt ron sin agus air Disathairne tha sinn a’ cluich ùine mhòr. Tha sinn a’ cluich san sgoil agus tha còmhlan-ciùil san sgoil cuideachd so tha sinn a’ cluich san chòmhlan-ciùil. Tha sinn a’ cur tòrr oidhirp a-steach.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] Bidh iad a’ cluich ceithir fuinn ach chan iad a-mhàin na pìobairean a dh’fheumas a bhith gleusta. Chan eil an drumaireachd idir cho sìmplidh ri bhith bualadh na h-ionnsramaid le mhaide.

[Iain] Oh tha e tòrr, tòrr nas duilghe na sin, tòrr tòrr. Tha pìosan ann a tha gu math doirbh, gu math duilich, tha dìreach pìosan beaga mar rudiments beag ann a tha gu math doirbh.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] Bidh na drumairean agus na pìobairean Sgitheanach a’ farpais ri dusan còmhlan eile aig pàirce nan Granndach ann am Farrais Disathairne, a’ spaidsearachd agus a’ gabhail ceum eachdraidheil aig a’ cheart àm.

[Kayleigh] Bidh sinn caran nearbhasach. Tha mi smaoineachadh nuair a bhios sinn an sin gum bi sinn toilichte faicinn a h-uile duine, eile a h-uile duine eile a tha sinn an aghaidh agus rudan mar sin.

[Iain] Tha mi smaoineachadh gum bi sinn beagan nas fheàrr. Bidh sinn aig an achadh agus bidh sinn deiseil. Deiseil airson cluich.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] Eilidh NicLeòid, BBC An La, An t-Eilean Sgitheanach.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!