FaclairDictionary EnglishGàidhlig

The end of an special year for Inverness Gaelic Primary School Deireadh bliadhna sònraichte airson Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2014.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2014.)

Video is playing in pop-over.

Deireadh bliadhna sònraichte airson Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis

[Iain Macaonghais – Preseantair] Nise tha na sgoiltean ann an sgìre na Gàidhealtachd uile a’ dùnadh airson an t-samhraidh aig deireadh na seachdain seo, ‘s a’ chlann a’ coimhead air adhart ri iomadh seachdain gun obair dachaigh agus eile. Ach tha e sònraichte airson Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis, chionn ‘s gur e clas a seachd am-bliadhna a’ chiad chlas a chaidh tron Bhun-sgoil uile gu lèir bhon dh’fhosgail an sgoil ann an 2007. Tha Seonaidh MacCoinnich ag aithris.

[Seonaidh MacCoinnich – Neach-aithris] An no dhà mu dheireadh airson nan sgoilearan seo anns a’ Bhun-sgoil. Ach airson a’ chlas seo tha e sònraichte a chionn ‘s gur iad a’ chiad bhliadhna a chaidh tron sgoil Ghàidhlig sa Ghàidhealtachd, Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis, bho clas a h-aon gu clas a seachd. am beachd aca mun sgoil fhàgail?

[Nighean 1] Bha a’ Bhun-sgoil uabhasach math air sàilleabh rinn sinn tòrr rudan ann an Gàidhlig agus rinn sinn tòrr activities a bharrachd air obair anns an sgoil.

[Balach 1] Bha mi ag iarraidh dol dhan Àrd-sgoil airson ùine uabhasach fada oir tha mi a’ fàs uabhasach cleachdte ris an sgoil seo.

[Nighean 2] Tha mi air bhoil ach chan eil mi ag iarraidh fàgail nan caraidean a tha dol gu sgoiltean eile.

[Seonaidh MacCoinnich – Neach-aithris] Stèidhichte sa bhaile-mhòr agus le iomadh pàrant gun fhacal Gàidhlig, ciamar a bha e don chloinn Gàidhlig a thogail?

[Ciorstaidh Nic a’ Bhiocair] Tha iad a’ fàs gu math fileanta agus tha mi smaoineachadh gu bheil e mìorbhaileach mar a tha iad a’ tighinn air adhart leis a’ Ghàidhlig. Tha iad a’ sgrìobhadh stòraidhean gu math fada a-nis, ‘s urrainn dhaibh diofar seòrsa sgrìobhaidh a dhèanamh le bhith rannsachadh agus litrichean agus sgrìobhadh foirmeil agus neo-fhoirmeil agus a’ leughadh nobhailean gu math fada. Tha diofar mòr mòr, nuair a thàinig iad a-steach gu clas a h-aon cha robh iad a’ bruidhinn, cha robh iad a’ còmhradh, cha robh iad a’ sgrìobhadh, cha robh iad a’ leughadh agus a-nis tha na sgilean sin aca.

[Seonaidh MacCoinnich – Neach-aithris] Agus am beachd a th’aig pàrantan aig a bheil Gàidhlig?

[Ceitidh NicDhòmhnall] Tha i gu math nas fileanta anns a’ Ghàidhlig na bhiodh i mura biodh i air tighinn tro foghlam na Gàidhlig anns an sgoil seo. Tha mi smaoineachadh nach biodh a’ Ghàidhlig aice cho math, ‘s cha mhòr nach eil i fileanta.

[Seonaidh MacCoinnich – Neach-aithris] Agus a bheil e nas fheàrr airson a bhith ann an sgoil Ghàidhlig an àite ionad Gàidhlig ann an sgoil Bheurla airson an cànan a thogail?

[Ciorstaidh Nic a’ Bhiocair] Tha mi smaoineachadh gu bheil e dèanamh diofar mhòr chionn ‘s e coimhearsnachd Ghàidhlig tha seo agus tha a h-uile càil mun cuairt orra ann an Gàidhlig agus tha mi smaoineachadh gu bheil iad uile anns an aon t-suidheachadh agus tha fios aca gur e sgoil Ghàidhlig a th’ ann agus tha sin diofraichte bho bhith ann an sgoil Bheurla agus a bhith mar phàirt dhe dìreach ionad bheag.

[Ceitidh NicDhòmhnall] Fada nas fheàrr. Tha a’ Ghàidhlig ga bruidhinn, bha còir aice a bhith ga bruidhinn fad na h-ùine am broinn na sgoile agus tha a’ chlann a’ cluinntinn Gàidhlig fad na h-ùine.

[Seonaidh MacCoinnich – Neach-aithris] Nuair a dh’fhosgail an sgoil bha faisg air ceud uile gu lèir a’ dol ann. An-diugh tha barrachd is ceud san Sgoil Àraich a-mhàin. Ach airson na cloinne seo, tha e air an cùlaibh ‘s iad a’ gluasad suas chun na h-ath ìre. Seonaidh MacCoinnich, BBC An Là, Inbhir Nis.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!