FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Lewis group visit Tanzania Buidheann à Leòdhas a' dol gu Tanzania

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2014.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2014.)

Video is playing in pop-over.

Buidheann à Leòdhas a' dol gu Tanzania

[Iain Macaonghais – Preseantair] Tha coltas gu bheil spòrs gu leòr a’ dol ann an sin co-dhiù. Nise tha buidheann de dh’ òigridh ann an Leòdhas a’ dèanamh deiseil airson turas air leth a dhèanamh a-màireach. Tha deichnear aca a’ dol a-null gu ruige Tanzania, gus taic a thoirt do charaid dhaibh, Anndra MacÌomhair, a tha anns a’ bhaile làn-ùine ag obair do charthannas air a bheil “Go Mad in Tanzania.” Tha cuid à Leòdhas air a bhith muigh ann còmhla ris mar-thà airson obair ullachaidh a dhèanamh, ‘s a-màireach bidh deichnear eile dol a-mach. Bhruidhinn Catriona NicIllInnein ri cuid dhuibh.

[Catriona NicIllInnein – Neach-aithris] Tha Anndra MacÌomhair air a bhith ag obair ann an Tanzania airson greis a-nis. Tha a mhàthair Màiri Anna a’ fuireach ann an Steòrnabhagh agus bidh i ga chuideachadh às an sin.

[Màiri Anna MacÌomhair] Fhuair e an àm dheth obair ‘s chaidh e a-null airson mhìos agus cha do sheatlaigeadh e aig an taigh as dèidh sin. Bha e ag iarraidh a dhol a-mach ann agus thug e an uair sin an àirde an joba ‘s a h-uile càil bh’ aige seo agus sin an taghadh a rinn e a dhol a-mach an sin làn ùine. Tha e fhèin agus dithis nighean eile tha thall an sin làn-ùine, ag obair fad na tìde dhaibh.

[Catriona NicIllInnein – Neach-aithris] Tha buidheann de dheichnear à Leòdhas, caraidean do dh’ Anndra, ag ullachadh airson a dhol a-mach gu Tanzania a-màireach. Tha iad gu bhith sàs ann an iomadach seòrsa obrach fhad ‘s a tha iad ann.

[Iseabail NicLeòid] Bidh sinn a’ togail goireasan dha daoine, chan eil bùrn glan aca so feumaidh iad water tanks agus toilets ùr agus bidh sinn a’ ceannach mosquito nets agus cuideachadh le càil sam bith a dh’fheumas a bhith air a dhèanamh. Tha dhà no trì ann a bhios dol timcheall bailtean a’ cuideachadh dhaoine so bidh sinn a’ feuchainn ri cuideachadh a thoirt dhaibhsan agus cuideachadh le obair sam bith a dh’fheumas a dhèanamh.

[Catriona NicIllInnein – Neach-aithris] Tha Karen NicIlleathain ag obair do chompanaidh clò ann an Leòdhas, àite obrach gu tur eadar-dhealaichte bho far am bi i ag obrachadh anns a’ chola-deug a tha romhainn. ‘S e na dùbhlain as motha tha romhpa an-dràsta ge-tà, ‘s e mar a gheibh iad an stuth à Leòdhas a-null a Tanzania.

[Karen NicIlleathain] Tha sinn a’ faighinn toirt leinn bhaga à Glaschu a-mach ach feumaidh sinn an toiseach feuchainn ris a h-uile càil a tha sinn air a chruinneachadh a chur sìos a Ghlaschu. So tha sinn air a bhith feuchainn ri na bagannan againn fhìn a chumail rudeigin falamh, dìreach toirt leinn na rudan a dh’fheumas sinn agus an uair sin feuchainn ris nas urrainn dhuinn a chur dha na bagannan agus tha sinn air nas urrainn dhuinn a chur sìos a Ghlaschu romhainn. Tha sinn a’ feuchainn ris a h-uile càil tha sin a chur am broinn nam bagannan agus iad gun a bhith ro throm airson fhaighinn air a’ phlèana cuideachd.

[Catriona NicIllInnein – Neach-aithris] Tha sgioba à Leòdhas air a bhith muigh ann an Tanzania mar thràth airson obair càraidh a dhèanamh air na carbadan a tha an carthannas a’ cleachdadh.

[Calum ‘Kiwi’ MacLeòid] Tha na ròidean thall an sin, tha iad really rough agus tha iad trom, trom air na càraichean agus thug sinn a-null tòrr pàirtean leinn agus chuir sinn ceart a’ chuid as motha de na rudan a bha ceàrr air agus thug sinn pàirtean eile, bho thàinig sinn air ais, dh’fheumadh sinn pàirtean eile ach tha na pàirtean eile a’ dol a-mach le na daoine a tha a’ dol a-mach Dihaoine.

[Catriona NicIllInnein – Neach-aithris] Leis an sgioba a-nis deiseil airson falbh a-màireach bu chòir gun ruig iad Tanzania thairis air an deireadh sheachdain, far am bi Anndra a’ feitheamh orra agus cuideachd obair gu leòr. Catriona NicIllInnein, BBC An Là, Steòrnabhagh.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!