FaclairDictionary EnglishGàidhlig

A book about Point FC is published Leabhar mu eachdraidh sgioba ball-coise An Rubha ga fhoillseachadh

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2014.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2014.)

Video is playing in pop-over.

Leabhar mu eachdraidh sgioba ball-coise An Rubha ga fhoillseachadh

[Iain Macaonghais – Preseantair] Nise nuair a bha na ceudan a’ leantainn slighe Batan na Bànrigh tro na h-eileanan a-raoir, bha tachartas mòr eile a’ dol ann an sgìre An Rubha. Bha Ionad Stoodie san sgìre loma-làn agus leabhar ùr mu eachdraidh sgioba ball-coise An Rubha ga fhoillseachadh. Air a sgrìobhadh le Mata MacÌomhair, tha Playing for The Red Jersey a' comharrachadh ceithir fichead bliadhna bho chluich an Rubha an toiseach, ‘s mar a fhuair Dòmhnall MacLaomain a-mach bha sgeulachdan gu leòr ann mun luchd-leantainn cuideachd.

[Dòmhnall MacLaomain – Neach-aithris] A-raoir aig Ionad Stoodie bha Mata MacÌomhair a’ foillseachadh an leabhair ùir aige mu eachdraidh sgioba An Rubha, Playing For The Red Jersey, agus bha e furasta fhaicinn bho na h-àireamhan a bha an làthair cho measail ‘s a tha na Rubhaich air an sgioba aca agus a bha i a’ ciallachadh do na cluicheadairean – sean is òg.

[Iain ‘Sheordie’ MacCoinnich] An uair sin bha e ciallachadh dhomh a h-uile càil. Mar a bha na balaich ag ràdh an siud a-staigh, nuair a bha iad ag ràdh nam faiceadh iad an geansaidh agad air an t-sreang aodaich gu robh iad pròiseil dha-rìribh agus b’e geansaidh dearg a bh’ann an uair sin agus bha thu pròiseil dha-rìribh a’ cluich airson An Rubha agus cha robh thu ag iarraidh cluich airson a’ chòrr aig an àm tha sin.

[Dòmhnall MacLaomain – Neach-aithris] Chan eil an leabhar-sa a-mhàin mu dheidhinn sàr chluicheadairean agus sàr sgiobaidhean An Rubha thairis air an ceithir fichead bliadhna dh’fhalbh, ged a tha gu leòr dhen sin ann. Tha e cuideachd mu dheidhinn tha an sgioba-sa a’ ciallachadh do mhuinntir na sgìre agus an strì a th’air a bhith aca cumail an sgioba a’ dol.

[Màta MacÌomhair] Aig deireadh nan còigeadan cha robh iad anns an lìog ann an Leòdhas agus cha robh cluicheadairean aca agus mura b ’e an oidhirp a rinn dithis dhaoine cha robh sgioba An Rubha air a thighinn tron sin. Ach thàinig iad tron sin agus bha deich bliadhna mhath aca nuair a bha iad a’ feuchainn ri togail sgioba a-rithist agus tha mi smaoineachadh gun e sin na deich bliadhna a bha sin, tha mi creidsinn gu robh iad, chan e a-mhàin cudromach ach bha iad cuideachd a’ sealltainn cho làidir agus a bha spiorad ann an sgìre An Rubha.

[Dòmhnall MacLaomain – Neach-aithris] Ro mhìle ‘s a seachd, mus deach an stand ùr seo a thogail, b’ àbhaist seada iarainn a bhith air an taobh-sa den phàirce agus far a bheil mi seasamh an-dràsta, b’ àbhaist buidheann de luchd-taic a bhith a’ cruinneachadh, a bha ainmeil air feadh nan eileanan. B’ iad Na Grumblies.

[Màta MacÌomhair] Bha mi ag iarraidh daoine sa choimhearsnachd sgrìobhadh thugam ‘s rinn iad sin ach cha mhòr nach robh a h-uile duine aca ag ainmeachadh Nan Grumblies. Nise bha mi fhìn eòlach air Na Grumblies ‘s bha iad a’ seasamh anns an aon àite aig a h-uile gèam. Ma bha sinn a’ dèanamh math, cha robh iad a’ dèanamh math gu leòr. Ma bha sinn a’ call, cha robh iad a’ dèanamh oidhirp gu leòr. Ach bha iad a’ tighinn chun a h-uile gèam, bha iad ag èigheachd son an sgioba agus aig deireadh an latha sin dìreach an seòrsa luchd-taic a dh’fheumadh tu.

[Dòmhnall MacLaomain – Neach-aithris] ‘S iomadh sgeulachd èibhinn a th’ ann mu na Grumblies. Seo fear mu Alasdair Sheonaidh Dòmhnallach à Garrabost.

[Murchadh ‘Am Biodan’ MacLeòid] ‘S e an còmhnaidh Ivor Finlayson, och bha e math agus bha e a’ cur tòrr tadhail. Bha e a’ missigeadh feadhainn mar a bhiodh, an t-ainm a th’air, Suarez, gun luaidh air balaich anns an Eilean agus bha Willie John ag ràdh ris an-còmhnaidh, “Feuch gun ist thu, nach e chuireadh," ars esan sin "an tadhal cha mhòr cho luachmhor ‘s a fhuair sinn a-riamh anns an Highland Amateur Cup agus tha mi cinnteach nuair a bhàsaicheas mis’ gun tig e chun an tiodhlacaidh agam.” ‘S fhreagair Alasdair, “Tha mi cinnteach gu missigeadh e sin cuideachd!”

[Dòmhnall MacLaomain – Neach-aithris] Ged nach eil mòran de na seann Ghrumblies a-nis còmhla rinn, ‘s e prìomh theachdaireachd na h-oidhche gum feum an obair mhòr a tha air a bhith air a dhèanamh thairis air na bliadhnaichean, a chumail a’ dol agus gum bi na Grumblies as ùr fhathast aig oir na pàirce ag èigheachd an seann abairt ainmeil, “Come away the reds!” Dòmhnall MacLaomain, BBC An Là, An Rubha.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!