FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Glasgow Gaelic School pupils get a grip on the Queen's Baton Sgoilearan Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu faighinn grèim air a’ bhatan

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2014.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2014.)

Video is playing in pop-over.

Sgoilearan Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu faighinn grèim air a’ bhatan

[Alasdair Friseal - Preseantair] Nise thionndaidh an t-uabhas a-mach air na sràidean air taobh siar Ghlaschu, gu math tràth an-diugh anns a’ mhadainn airson sùil a thoirt air relay Batan na Bànrigh, an dàrna latha mu dheireadh dhen relay tha sin agus am batan a’ dèanamh air an fhosgladh oifigeil air oidhche Chiadain agus fhuair sgoilearan Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu cothrom air grèim fhaighinn air a’ bhatan sin mar a tha Ailean MacLeòid a-nis ag aithris.

[Ailean MacLeòid – Neach-aithris] Bha a’ ghrian a’ deàrrsadh agus a’ phìob a’ seinn, ‘s mu cheud gu leth air tighinn a Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu tràth madainn an-diugh gus am batan fhaicinn.

[Ailean MacLeòid – Neach-aithris] Mar a chì sibh, ‘s e fàilte uabhasach bhlàth a fhuair am batan nuair a ruig i na sgoil agus bha cuideachd aoigh shònraichte aca a thàinig a chèilidh orra cuideachd.

[Ailean MacLeòid – Neach-aithris] Chan e Clyde a bha daoine airson fhaicinn ge-tà, leis a’ bhatan a’ toirt aire an t-shluaigh air fad agus Abbie a’ toirt cothrom dhan h-uile duine an làmhan a chur air no dealbh a tharraing còmhla rithe ‘s gàire mhòr oirre fad na h-ùine.

[Abbie NicNèill] Oh tha e cho math chionn ‘s seo far a bheil mi a’ dol a h-uile latha agus seo an adhbhar a tha mi ruith còmhla ris a’ bhatan so tha mi cho toilichte bhith ruith aig an sgoil agam. Bha mi ag iarraidh dannsa còmhla ris an uair a fhuair mi am batan ‘s e sin a’ chiad rud a bha mi ag iarraidh dèanamh leis, dannsa.

[Ailean MacLeòid – Neach-aithris] ‘S e eile a bha aig an Sgoil Ghàidhlig a fhuair an cothrom am batan a ghiùlain air falbh bhon sgoil, ‘s i ag aithneachadh cho mòr ‘s a bha an urram dhith.

[Iona Nic ‘Ille Bhàin] Tha e a’ ciallachadh rud gu math pròiseil airson Alba agus an coimhearsnachd agad fhèin. Tha e ciallachadh gu robh daoine ag iarraidh ortsa bhith siubhal leis a’ bhatan agus a’ sealltainn cho taingeil ‘s a tha iad dhut airson nan rudan a tha thu air a dhèanamh dhan a' choimhearsnachd aca. ‘S e rud gu math pròiseil a th’ ann. ‘S e leth uair as dèidh naoi anns a’ mhadainn agus tha iad uile duine air faighinn a-mach às an leabaidh anns a’ chiad dol a-mach agus tha e dìreach a’ ciallachadh tòrr mòr dhòmhsa agus dha slighe a’ bhatain gun tàinig an uiread de dhaoine a-mach agus coimhearsnachd na Gàidhlig cuideachd

[Ailean MacLeòid – Neach-aithris] Bha an latha gu math soirbheachail le coimhearsnachd na sgoile a’ tighinn còmhla airson cultar agus an cànan a thaisbeanadh ri muinntir a’ Cho-fhlaitheis ‘s iad airson sealltainn cho beòthail ‘s a tha a’ Ghàidhlig sa bhaile.

[Alison Nì Dhorchaidhe] Uill bheil fhios agad, tha e mar chuid den feadhainn fhaighinn dha tòrr dhaoine an seo ann an Glaschu agus tha e gu math cudromach ann an cultar na h-Alba agus tha mi smaoineachadh gum bu chòir i gum bi sinn a’ comharrachadh sin aig na tachartasan leithid seo leis a’ bhatan a’ tighinn dhan sgoil.

[Ailean MacLeòid – Neach-aithris] Tha latha fhathast aig a’ bhatan ri dhol mun cuairt bhaile Ghlaschu mus bi teachdaireachd na Bànrigh air a leughadh aig a’ chuirm-fhosglaidh ann am pàirce Celtic oidhche Chiadain. Tha iomadach dòigh-siubhail air a bhith aig a’ bhatan air an t-slighe mun cuairt na cruinne, ach cha chreid mi gum bi feum air bàtaichean aiseig son am pìos mu dheireadh. Ailean MacLeòid, BBC An La, Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!