FaclairDictionary EnglishGàidhlig

The South Uist games Geamaichean Uibhist a Deas

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2014.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2014.)

Video is playing in pop-over.

Geamaichean Uibhist a Deas

[Iain Macaonghais - Preseantair] Nise, chan ann an Glaschu a-mhàin a tha geamaichean a’ dol. Tha fìor dheagh latha air a bhith aca ann an Uibhist far an robh geamaichean Uibhist a Deas a’ dol agus far an robh a’ ghrian a’ deàrrsadh cuideachd. Ag aithris à Uibhist seo an tè-naidheachd againn Shona NicDhòmhnaill.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Tapadh leat Iain. Tha sinne air an a chur seachad aig geamaichean Uibhist a Deas, far an robh a’ ghrian a’ deàrrsadh air pìobairean, dannsairean agus na thàinig a choimhead na bha dol. Seo mar a chaidh an latha.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Bho chiad char sa mhadainn bha a’ ghrian a’ deàrrsadh air machaire Àisgearnais agus nochd na ceudan aig geamaichean Uibhist a Deas. Mar as trice, bidh gu leòr a’ tighinn airson nam farpaisean pìobaireachd agus dannsa. Ach bha beagan de dh’atharrachadh air sin am-bliadhna.

[Aonghas Dòmhnallach] Tha an latha a’ dol glè mhath, mar a chì thu tha deagh shìde againn, tha sinn a’ dol air aghaidh gu math, tha iad gann de phìobairean am-bliadhna dìreach mar as àbhaist dhuinn ach tha barrachd againn anns na cuir-seachadan eile mar caitheamh an ùird agus putadh na cloiche, tha sin suas gu math am-bliadhna seach mar as àbhaist dha.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Tha an aimsir a’ cuideachadh daoine a tharraing gu na geamaichean, ach tha e cudromach cuideachd dhaibhsan a tha dannsa agus a’ pìobaireachd.

[Isabel Morrison] Uill diofar mòr agus cuideachd airson nan dannsairean, tha e cumail nan casan aca blàth agus tha mi cinnteach na pìobairean, nan corragan aca blàth agus tha sin a’ dèanamh diofar mòr air ciamar a thèid dhaibh.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] A bharrachd air muinntir an àite fhèin tha grunn a’ gabhail cuairt a dh’Uibhist a dh’aona ghnothaich airson ‘s gum faigh iad chun nan geamaichean.

[Catriona Nic a’ Phì] ‘S bidh sinn a’ tighinn a h-uile bliadhna airson pàirt a ghabhail anns na geamaichean, Seumas anns a’ phìobaireachd, an dithis chloinne agam air a’ phìob, air an fheadan nuair a bha iad na b’ òige agus cuideachd bidh iad a’ ruith cuideachd, cha bhi sinn a’ call nan geamaichean latha sam bith feumaidh mi ràdh, no bliadhna sam bith co-dhiù.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Bha barrachd dhaoine ann am farpaisean nan lùth-chleasan agus caitheamh an ùird am-bliadhna agus bha na dannsairean agus na pìobairean air am moladh.

[Natalie Matheson] Thuirt daoine gu robh iad ag iarraidh dannsa a chionn ‘s gu robh iad ag iarraidh tighinn an seo agus dannsa, tha sin math airson an dannsa agus nan geamannan seo cuideachd

[Catriona Nic a’ Phì] Feumaidh mi ràdh tha gu leòr air a bhith ann am measg na h-òigridh agus tha iad aig inbhe dìreach math dha-rìribh feumaidh mi ràdh am-bliadhna ‘s tha iad air a bhith math dha-rìribh, chòrd e rium gu mòr.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!