FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Success for Struileag Soirbheachas do Struileag

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2014.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2014.)

Video is playing in pop-over.

Soirbheachas do Struileag

[Angela NicIlleathain – Preseantair] Uill air ais gu Geamaichean a’ Cho-Fhlaitheis agus a thuilleadh air an naidheachd as ùire innsidh Alasdair dhuinn beagan cuideachd mu na tha tachairt air an iomall. Alasdair.

[Alasdair Friseal – Neach-aithris] Tapadh leatsa Angela agus fàilte oirbh air ais. Uill, a thuilleadh air an spòrs tha an t-uabhas a’ dol air iomall nan geamaichean. Chruinnich mu thrì cheud neach a choimhead air dealbh-chluich ceòlmhor Gàidhlig aig Glasgow Green. Bha sin mar phàirt de fhèis 2014. Leis cho soirbheachail ‘s a bha e, tha Struileag a-nis an dòchas a dhol air cuairt mu thimcheall air Alba agus thall-thairis agus tha cothrom aig a h-uile duine pàirt a ghabhail anns a’ phròiseact, mar a tha Andreas Wolff ag aithris.

[Andreas Wolff – Neach-aithris] Chruinnich mu thrì cheud neach aig Glasgow Green air an t-seachdain-sa gus dealbh-chluich Gàidhlig fhaicinn. Tha Struileag mu dheidhinn cultar nan Gàidheal a tha air sgaoileadh air feadh an t-saoghail.

[Alasdair MacCuthais] Bha sin dìreach mìorbhaileach. Cha robh fhios agamsa gu robh e gu bhith cho làidir ‘s a bha e agus bha briathran ann a bha dìreach… chan urrainn mi cantainn bha mi a’ faireachdainn.

[Andreas Wolff – Neach-aithris] Chan ann a-mhàin mu chultar traidiseanta a bha e idir ge-tà agus cuid de na sgeulachdan a’ dèanamh ceangal ris an an-diugh.

[Calum Barker] Tha dhà dhiubh mu dheidhinn ma tha thu gun taigh ‘s gun dachaigh agus dìreach air na sràidean agus tha iadsan uabhasach fhèin, anabarrach math.

[Joy Dunlop] Gu bheil tòrr dhiofar rudan ann. Tha cuspairean ann air am bi daoine eòlach, air am bi na Gàidheil eòlach ach cuideachd sgeulachdan ùra, mar a thuirt Calum daoine fuireach air an t-sràid neo cogadh.

[Andreas Wolff – Neach-aithris] Tha CD co-cheangailte ris a’ chuirm a-nis ri fhaotainn. ‘S e ‘Children of the Smoke’ an t-ainm a th’ air. Bidh leabhar cuideachd a’ tighinn a-mach as t-fhoghair agus chan eil sin gu leòr.

[Naomi Harvey] Tha làrach-lin eadar-ghnìomhail againn, làrach-lin sgeulachdan far am faigh daoine cothrom a dhol a-staigh dhan làraich agus a dèanamh rannsachadh air diofar sgeulachdan bho dùthchannan air feadh an t-saoghail far a bheil Gàidheil a’ fuireach agus a’ cumail an dualchas aca beò ach cuideachd gheibh iad cothrom duilleag a chruthachadh dhaibh fhèin far an urrainn dhaibhsan an sgeul acasan innse.

[Andreas Wolff – Neach-aithris] Tha tachartasan Gàidhlig eile a’ dol sa bhaile cuideachd. Chithear an taisbeanadh seo sa chafaidh anns an Saltmarket gu ruige Didòmhnaich

[Rona Dhòmhnallach] Gach madainn tha bùithtean-obrach againn a thaobh Gàidhlig. Ma tha cuideigin ag iarraidh blasad de Ghàidhlig fhaighinn no òrain Ghàidhlig faodaidh iad tighinn sìos ann an seo aig leth uair an dèidh naoi gach madainn airson sin a dhèanamh agus feasgar tha acoustic performances againn bho sheinneadairean gu math ainmeil air feadh saoghal Gàidhlig.

[Andreas Wolff – Neach-aithris] Tha Struileag an dòchas a dhol air chuairt agus chithear prògram mu dheidhinn air BBC Alba aig àm na Nollaig.

[Alasdair Friseal – Neach-aithris] Andreas Wolff ag aithris an sin.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!