FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Edinburgh Book Festival An Sgàthan

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2014.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2014.)

Video is playing in pop-over.

An Sgàthan

[Innes Rothach - Preseantair] Bha seinn gu leòr ri chluinntinn ann an taigh Màiri agus Peigi Anndra ann an Uibhist a Deas air an deireadh sheachdain. Seo an dachaigh far an do chruinnich Mairead Fay Sheothach mòran de dh’òrain na sgìre o chionn còrr is ceithir fichead bliadhna. ‘S i Fiona J NicChoinnich a chuir air dòigh an tachartas, An Sgàthan agus bha Shona NicDhòmhnaill anns an èisteachd.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Thug an tachartas, An Sgàthan, daoine air slighe a dhùisgeadh na ciadfathan chun nan seallaidhean, fàilidhean, fuaimean agus àrainneachd air an do chuir Mairead Fay Shaw eòlas ann an Uibhist agus Canaigh. Gach rud a bha cudromach dha na daoine air na h-eileanan sin.

[Fiona J NicChoinnich] Thagh mi seachd diofar seòrsa òrain – Puirt à Beul no Cumha no luaidh agus an uair sin bha mi smaoineachadh uill, tha mise airson a bhith dèanamh rudeigin anns an aon stoidhle. So thàinig mi ann an seo agus bha mise a’ coimhead air na seallaidhean agus seòrsa faireachdainn a bha mise faighinn.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Air an rathad gu taigh Màiri Anndra bha comharran ann a bheireadh tuigse air pearsa Mairead Fay Shaw.

[Fiona J NicChoinnich] Cailleach-oidhche. Carson a tha sin cudromach? Cailleach-oidhche air a’ phiàna ann an taigh Chanaigh.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Agus beagan cheumannan suas an rathad, comharra eile.

[Fiona J NicChoinnich] Ille Mhìcheal sinn sruthan. Gabhaidh sinn e gu cridheil càirdeil. Mar bu chòir dha a bhith.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Sruthan, a’ cuimhneachadh blas, fàileadh agus àm sònraichte dhen bhliadhna.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Airson gach òrain a thagh Fiona, sgrìobh i òran Gàidhlig na fhreagairt air.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] A-nuas an rathad chuala sinn na h-òrain a chruinnich Mairead anns an taigh seo agus a-nis cluinnidh sinn na h-òrain a tha Fiona air a sgrìobhadh. A’ chiad òran – Na Machraichean Mòra.

[Fiona J NicChoinnich] ‘S ann an seo a tha na h-òrain, na seann òrain agus ‘s ann an seo a tha na h-òrain ùra. Tha na faireachdainnean a’ tighinn bhon talamh fhèin, tha a h-uile rud ceangailte ri chèile.

[Penny Burgess] Bha aon fhear ann agus bha e toirt a-staigh na gaoithe, mar gum biodh gèil is gaillean is an uair sin cho socair is cho sìobhalta ‘s bha e dìreach àlainn agus bha òran beag eile ann airson a’ chlann bheaga a bhith a’ cluich a-muigh às an taigh, mun cuairt nan cnoc ann an seo mar a bhiodh iad o chionn bliadhnaichean air ais.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Shona NicDhòmhnall, BBC An Là, Uibhist a Deas.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!