FaclairDictionary EnglishGàidhlig

The Mirror Fèis Leabhraichean Dhùn Èideann

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2014.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2014.)

Video is playing in pop-over.

Fèis Leabhraichean Dhùn Èideann

[Iain Macaonghais – Preseantair] Gu cuspair gu math eadar-dhealaichte a-nis agus chaidh nobhail ghrafaig ùr sa Ghàidhlig a chur air bhog aig cuirm ann an Dùn Èideann an-dè, a’ chiad le sàr ghaisgeach neo superhero Albannach mar phrìomh charactar. Bha e mar phàirt de dh’Fhèis Leabhraichean Dhùn Èideann, le cuirm aig Comhairle nan Leabhraichean ga chumail is duais Dhòmhnaill Meek ga toirt seachad cuideachd. Tha tuilleadh an-dràsta aig Anne Lundon.

[Anne Lundon – Neach-aithris] An-dè, chunnaic a’ mhòr-shluagh an dreach ùr a tha air a thighinn air an leabhar seo agus e air eadar-theangachadh ann an Gàidhlig.

[Raghnaid Sandilands] Tha fèill mhòr air a bhith air an dreach Bheurla dheth agus chanainn gum bu chòir, ‘s e deagh sgeulachd a th’ ann agus tha sreath gu bhith ann cuideachd so tha tìde aig daoine taic a chur ris agus fios aca gum bi leabhraichean eile air thoiseach orra cuideachd so faodaidh iad a dhol a-steach air an t-saoghal agus creidsinn ann airson spealag co-dhiù.

[John Ferguson] I’m very proud that the country has three languages so it became, I think it was a no brainer, it wasn’t something we particularly had to think about but we needed to make sure that the backing was there, the interest was there and through the Gaelic Book Council we received the necessary backing to say yeah, you know, that people are going to be interested in this and particularly young Gaelic speakers don’t have to go for, if you like, the old stained texts that they’ve been going through for the last 40/50 years, there’s something new and dynamic and interesting for them.

[Anne Lundon – Neach-aithris] Cuideachd aig an tachartas, a bha gabhail àite mar phàirt de dh’Fhèis Leabhraichean ann an Dùn Èideann, bha duais Dhòmhnaill Meek ga thoirt seachad. Am measg nan sia leabhraichean chaidh ainmeachadh air a’ gheàrr-liosta anns an fharpais, b’ e An Dosan le Norma NicLeòid leis an do shoirbhich aig a’ cheann thall.

[Rosemary Ward] ‘S e prìomh amas airson na duais - bha sinn ag iarraidh bhith brosnachadh sgrìobhadh ùr. An aon chumha a chur sinn air an duais tha seo nach robh e ceadaichte dha duine sam bith leabhraichean a chur a-steach a bha ann an clò mar thà, le dòchas nan soirbhicheadh leotha leis an duais gun cumadh Comhairle Nan Leabhraichean taic riutha ann a bhith a’ lorg foillsichear, no ann a bhith faighinn an leabhair aca ann an clò.

[Anne Lundon – Neach-aithris] Leis cho soirbheachail ‘s a tha leabhar Saltire air a bhith anns a’ Bheurla, tha na tha air a bhith an sàs ann beò an dòchas gum bi e a cheart cho soirbheachail anns a’ Ghàidhlig. Anne Lundon, BBC An Là.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!