FaclairDictionary EnglishGàidhlig

The biggest Mod fringe festival ever Iomall a' Mhòid Nàiseanta Rìoghail as motha riamh

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2014.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2014.)

Video is playing in pop-over.

Iomall a' Mhòid Nàiseanta Rìoghail as motha riamh

[Innes Rothach – Preseantair] Chaidh fhoillseachadh gum bi Iomall a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail nas motha am-bliadhna na bha iomall a’ Mhòid riamh. Bidh còrr is trì fichead ‘s a deich tachartas ann, a’ tòiseachadh le caismeachd Lòchrain tro mheadhan Inbhir Nis an oidhche a dh'fhosglas am Mòd. Tha An Comunn Gàidhealach ag ràdh gum bi an iomall am-bliadhna na phàirt tòrr nas cudromaiche dhen Fhèis. Tha Dòmhnall Moireasdan ag aithris.

[Dòmhnall Moireasdan – Neach-aithris] ‘S ann an taigh-cluiche Eden Court a bhios co-fharpaisean mhòra a’ Mhòid. Ach, b’ ann an sin cuideachd a dh’fhoillsich An Comunn do luchd-naidheachd, an iomall as motha riamh ann an eachdraidh a’ Mhòid. Bidh e dathte ‘s bidh e spòrsail.

[Dòmhnall Moireasdan – Neach-aithris] ‘S fhada bhon a bha fhios aig a h-uile duine gun robh rud a bha dol taobh a-muigh nam farpaisean aig a’ Mhòd a cheart cho cudromach, ann an dòigh, ri na tha dol aig na farpaisean fhèin agus tha am Mòd am-bliadhna airson dèanamh cinnteach gu bheil fhios aig a h-uile duine, nach ann a-mhàin airson farpaisean a tha iad dol a thighinn a dh’Inbhir Nis ach airson cuirm tòrr, tòrr nas fharsainge ‘s nas inntinniche cuideachd.

[Dòmhnall Moireasdan – Neach-aithris] Tha iad air taic airgid fhaighinn bho Bhliadhna an Tilleadh Dhachaigh 2014 airson barrachd a dhèanamh am-bliadhna.

[Iain Moireasdan] Anns na bliadhnaichean a chaidh seachad bha an iomall a’ tachairt ma bha airgead gu leòr ann, ma bha ionmhas gu leòr aig a’ chomataidh ionadail airson iomall a dhèanamh, ach am-bliadhna fhuair sinn maoineachadh air leth airson iomall phroifeiseanta a chur air dòigh agus air sgàth sin, seo an iomall as motha a th’ air a bhith aig Mòd Nàiseanta a-riamh.

[Dòmhnall Moireasdan – Neach-aithris] Mar as àbhaist bidh seinneadairean ‘s luchd-ciùil air feadh nan taighean-seinnse ‘s nan taighean-òsta. Bidh cuirmean mòra ann, bho leithid Skippinish agus Skerryvore. Bidh blasad ann air litreachas ‘s air iomain agus tachartasan òigridh. Farsaingeachd do shean agus òg.

[Dòmhnall Moireasdan – Neach-aithris] Bidh cuimhneachain ann air òigridh thiamhaidh an linn a dh’fhalbh cuideachd, cuirm a’ cuimhneachadh a’ Chiad Chogaidh ann an talla a’ bhaile.

[Ailein Caimbeul] Tha mi smaoineachadh gu robh e iomchaidh gum biodh a leithid sin ann air a’ bhliadhna seo far a bheil sinn a’ comharrachadh ceud bliadhna bhon a thòisich a’ Chiad Chogadh agus tha mi smaoineachadh gum faodadh tu ràdh gur e iomall na bliadhna seo, gu bheil i dol nas fhaisge air a bhith na pàirt dhen Mhòd Oifigeil na bha i riamh roimhe.

[Dòmhnall Moireasdan – Neach-aithris] Thèid fàilte chridheil a chur air luchd-turais le cleasan sràide, ‘s bidh luchd-ciùil ann an ionadan turasachd mar Caisteal Urchardain agus Cùil Lodair. Dòmhnall Moireasdan, BBC An Là.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!