FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Loch nam Madadh Marina is open Marina Loch nam Madadh air fosgladh

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2014.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2014.)

Video is playing in pop-over.

Marina Loch nam Madadh air fosgladh

[Mairi Rodgers – Preseantair] Feasgar math dhuibh. Tha a' Bhana-Phrionnsa Rìoghail air acarsaid ùr ann an caladh Loch nam Madadh fhosgladh gu h-oifigeil. Chruinnich ceudan anns an sgìre airson a' Bhana-Phrionnsa fhaicinn aig a' ghoireas, a chosg na ceudan mìle not. Tha a' bhuidheann a chuir an acarsaid air chois, Comann na Mara, an dòchas a-nis gum bi an goireas làn gach bliadhna, nuair a sgaoileas a chliù am measg sheòladairean air feadh na Roinn Eòrpa. Bha Aonghas Dòmhnallach an làthair.

[Aonghas Dòmhnallach – Neach-aithris] Tha mu thrì cheud air nochdadh a-mach ann an seo ann an Loch nam Madadh airson fàilte a chur air a’ Bhana-Phrionnsa Anna agus i tighinn a dh’fhosgladh acarsaid ùr aig caladh Loch Nam Madadh.

[Aonghas Dòmhnallach – Neach-aithris] Thàinig a’ Bhana-Phrionnsa a-steach air heileacoptair ‘S e mòr a bh’ ann dha na pìobairean, criutha bàta-teasairginn an t-Òib agus na maor-chladaich. Chaidh moladh mòr a dhèanamh air Gus MacAmhlaigh agus Comann na Mara airson na h-obrach a bha iad air a dhèanamh.

[Dòmhnall MacIlleathain] Tha e air mu cheithir cheud mìle not a chosg agus fhuair sinn sin bho Oighreachd a’ Chrùin. Tha sinn ga phàigheadh air ais, ach tha sinn ga phàigheadh air ais mar a tha sinn a h-uile bliadhna agus an deal a fhuair sinn bhuapa – mar as motha a bheir sinn a-staigh a dh'airgead 's ann as motha a tha sinn a’ pàigheadh air ais agus na bliadhnaichean nach dèan sinn cho math chan fhaigh iad uimhir. Bidh e nas fhasa dhuinn a phàigheadh air ais.

[Aonghas Dòmhnallach – Neach-aithris] Fhuair a’ chlann cothrom innse mu na bha iad fhèin air a thogail de dh’airgead agus chaidh a’ Bhana-Phrionnsa a dh'fhaicinn nan goireasan ùra i fhèin. Goireasan a tha Oighreachd a’ Chrùin ag iarraidh fhaicinn ann an àitichean eile.

[Gareth Baird] It’s for the benefit of the coastal communities and particularly in this case to tap into the marine tourism industry which can bring huge benefits as we’ve already seen here in Lochmaddy in the short time that this has been open.

[Aonghas Dòmhnallach – Neach-aithris] Ach, chan eil an comann a’ dol a stad aig an acarsaid a-mhàin.

[Dòmhnall MacIlleathain] Uill tha cuideachd na pontoons tha seo fhèin, far a bheil sinn an-dràsta, tha power points againn, ‘s faodaidh iad pluggadh a-staigh dhan dealan agus faodaidh iad an uair sin innealan sam bith a theairrdseadh air bòrd, fòn-làimhe ‘s coimpiutair ‘s rud sam bith. Air tìr an uair sin tha washing machines agus dryers gu bhith againn agus tha sinn an ath-bhliadhna an dòchas gum bidh toilets agus showers agus reic diosail agus Wi-Fi a dh’aithghearr.

[Aonghas Dòmhnallach – Neach-aithris] Agus tha iad an dòchas a-nise gun tèid cliù na h-acarsaid fad agus farsaing.

[Dòmhnall MacIlleathain] Tha e air a bhith uabhasach trang am-bliadhna ‘s cha robh sinn air fios a chur a-mach gu robh e fosgailte, cha robh e deiseil an uair sin agus bha feadhainn a’ tighinn a-staigh ‘s cha robh sinn ach leigeil leotha cead dhaibh a chleachdadh agus tha iad air a bhith tighinn às gach àite. Frangaich ‘s Spàinntich ‘s Suainich ‘s Gearmailtich ‘s tòrr à Sasainn cuideachd, a bharrachd air an fheadhainn nas fhaisge air làimh.

[Aonghas Dòmhnallach – Neach-aithris] Tha a’ Bhana-Phrionnsa air a bhith coimhead na h-acarsaid dhith fhèin, tha i a-nise fosgailte agus tha iad an dòchas gum bi i làn a h-uile dhen bhliadhna. Aonghas Dòmhnallach, BBC An ann an Loch nam Madadh.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!