FaclairDictionary EnglishGàidhlig

50 years since the Forth Road Bridge opened 50 bliadhna bhon a chaidh Drochaid Rathaid Fhoirthe fhosgladh

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2014.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2014.)

Video is playing in pop-over.

50 bliadhna bhon a chaidh Drochaid Rathaid Fhoirthe fhosgladh

[Mairi Rodgers – Preseantair] Thathar a' comharrachadh leth-cheud bliadhna am-bliadhna bhon a chaidh Drochaid Rathaid Fhoirthe fhosgladh. B' i an drochaid-chrochte as fhaide san Roinn Eòrpa aig aon àm, ach cha robh dad de dhùil aig an fheadhainn a thog i gum biodh 25 millean càir ga cleachdadh gach bliadhna. Tha tuilleadh aig Padraig MacAoidh.

[Padraig MacAoidh – Neach-aithris] ‘S i de phrìomh dhrochaidean na dùthcha ach chan i fiù’s an drochaid as ainmeile thar linne Fhoirthe. Ged a tha tòrr nas eòlaich agus ‘s dòcha nas measail air an drochaid rèile tha ri taobh, tha drochaid rathaid Fhoirthe air a bhith na pàirt cudromach de bheatha na mìltean de dhaoine fad leth-cheud bliadhna.

[Padraig MacAoidh – Neach-aithris] Chaidh an drochaid fhosgladh ann an 1964 agus thugar seachd bliadhna ga togail. Aig an àm b’ e seo an ceathramh drochaid-chrochte as motha san t-saoghal, an bu mhotha den t-seòrsa taobh a-muigh nan Stàitean Aonaichte agus Canada. Agus gun teagamh sam bith rinn i diofar mhòr dhan muinntir a bha fuireach air gach taobh dhen linne agus cuideachd dha muinntir na h-Alba air fad, toirt bailtean ann an ceann an Ear na dùthcha beagan na b’ fhaisge air a chèile.

[Iain MacLeòid] Eadhon aig an àm a chaidh a togail tha mi creidsinn gu robh i gu math cudromach dhan bhaile, dhan sgìre seo, dèanamh ceangal eadar Dùn Èideann agus na sgìrean gu Tuath – Fìobha ‘s Dùn Deagh ‘s Peairt agus eadhan a’ Ghàidhealtachd fhèin. Tha mi smaoineachadh aig an àm, a’ chiad bliadhna chaidh a togail gu robh mhillean gu leth carbaid a’ dol ga cleachdadh anns a’ bhliadhna agus bho chionn ghoirid bha iad a’ dèanamh a-mach gu bheil dhà air fhichead millean carbaid a’ cleachdadh na drochaid gach bliadhna agus mar sin ‘s e slighe uabhasach cudromach a th’ ann

[Padraig MacAoidh – Neach-aithris] Ach cha robh an drochaid gun connspaid. Bha cìsean air an drochaid gu 2008, bliadhnaichean às dèidh dhan drochaid pàigheadh air a son fhèin. Aig an àm, chosg an drochaid naoi deug gu leth millean not, còrr is trì cheud gu leth millean not ann an airgead an latha an-diugh. Tòrr nas lugha nan drochaid ùr a thathar a thogail ri taobh, bhathar an dòchas gum maireadh an drochaid còrr is ceud bliadhna. Ach chan e sin a thachair.

[Iain MacLeòid] Cha robh càil a dhùil aca aig an àm gum biodh uimhir a thrafaig ga cleachdadh agus mar sin, mar a ghluais an saoghal agus eaconamaidh na sgìre mar a thuirt mi, tha deich uimhir a bharrachd de charbaidean, de làraidhean, de chòmhdhail ga cleachdadh a-nis gach bliadhna agus mar sin bha e soilleir nach b’ urrainn dhith a bhith maireadh cho fada ‘s a bha dùil aca.

[Padraig MacAoidh – Neach-aithris] Bithear an dòchas gu mair an drochaid ùr le na chosgas i, co-dhiù an leth-cheud bliadhna a mhair an seo. Padraig MacAoidh, BBC An Là, Drochaid Rathad Fhoirthe.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!