FaclairDictionary EnglishGàidhlig

The Gaels' History: Fixing a shinty stick Eachdraidh nan Gàidheal: A’ càradh camain

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Lean gu Dlùth Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Lean gu Dlùth

(Originally added to Watch Gaelic in 2015.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2015.)

Video is playing in pop-over.

Eachdraidh nan Gàidheal: A’ càradh camain

[Hugh Dan] Tha John the Caley air a stampa fhèin fhàgail air sgioba an eilein, càradh chamain am measg rudan eile.

[Hugh Dan] Seall dhomh dè tha ceàrr air an fhear seo.

[Iain MacNeacail, nach maireann] Uill am fear a tha seo ann a seo fhuair e buille no dhà ann an sin agus rinn e dìreach boineasgar mar a chanas iad. Chì thu ann an sin fosgailte e. ’S feumaidh mi a-nise feuchainn ri sin a chur ceart. ’S an aon dòigh air an dèan thu e ’s e an Araldite a th’ againn ann an seo, mix-eadh ann an sin ’s an uair sin dèanamh cinnteach gu bheil seo glan.

[Hugh Dan] Ach chanadh cuid a dhaoine gur dòcha dìreach gum b’ fhiach dhut sin a chaitheamh a-mach. Carson a tha thu a’ dol ga chàradh co-dhiù?

[Iain MacNeacail] Ò gu sealladh feart, a bhròinein, a bheil fios agad gu bheil na camain a tha seo suas ri deich nota fichead agus ma ghabhas iad càradh idir, ged nach dèan iad ach aona ghèam, chan eil thu a’ cosg an uiread de dh’airgead.

[Iain MacNeacail] Uaireannan gheibh mi pìos sreang mar a tha seo agus ceangailidh mi e ann an sin. Dà phids a chur air.

[Hugh Dan] Agus an e nylon a tha seo? An e sin an rud as fheàrr?

[Iain MacNeacail] ’S e, nylon. Tha an nylon seo math gu leòr och ma gheibh thu pàirt den t-seann seòrsa sreang a bhitheamaid a’ faotainn sisal. ’S e as fheàrr buileach.

[Hugh Dan] An robh sin a’ teannachadh cuideachd?

[Iain MacNeacail] Teannachadh. Tha thu ga dhèanamh mar sin, a’ cur charan ann.

[Hugh Dan] A bheil thu fhèin a’ smaointinn gum bi e cho math an uair sin ’s a bha e mus do chuir thu...

[Iain MacNeacail] Tha e nas fheàrr!

[Hugh Dan] Tha e nas fheàrr!

Chaidh am prògram seo, Lean gu Dlùth, a chraoladh an toiseach ann an 2009.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!