FaclairDictionary EnglishGàidhlig

A tractor is sold to raise money for charity Tractar ga reic airson airgead a thogail do chathrannas

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2014.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2014.)

Video is playing in pop-over.

Tractar ga reic airson airgead a thogail do chathrannas

[Mairi Rodgers – Preseantair] Nis, bhiodh sibh deònach pàigheadh airson tractair beag Ferguson Brown bho 1936? Uill, thèid an dearbh thractair a reic aig railidh ann an Deimhidh aig deireadh na mìos. Tha Uilleam MacMhathain, leis a bheil e, ga thoirt seachad airson airgead a thogail dhan charthannas Cancer Research UK. Fhuair e fhèin dearbhadh o chionn ghoirid gu bheil an tinneas aire-san cuideachd. Choinnich an tè-naidheachd againn Eilean Green ris agus ris an tractair.

[Eilean Green – Neach-aithris] Tha an tractair beag Ferguson Brown agus crann dha, gan reic còmhla aig railidh ann an Deimhidh air an 27mh dhen mhìos seo, gus airgead a thogail airson nam buidhnean rannsachaidh aillse Cancer Research UK.

[Eilean Green – Neach-aithris] Tha Uilleam MacMhathain 90 bliadhna a dh’aois agus seo an dàrna tractair a thathar a’ reic airson carthannas. Chaidh a’ chiad fhear a reic, dhà no trì bliadhnaichean air ais, son airgead a thogail son an Highland Hospice agus fhuair e seachd mìle gu leth not. Tha e an dòchas fada a bharrachd fhaighinn airson an fhir seo.

[Uilleam MacMhathain] Well I inherited it from my brother about five years ago. It was in a bit of a state when I got it, flat tyres, aye cost a bit in repairs but, a lot of my friends, relatives and friends died of cancer so I thought that would be a good thing to do for Cancer Research. I would think it would make at least 12,000. Probably a bit more.

[Eilean Green – Neach-aithris] Tha Uilleam air a bhith ag obair cruaidh air a’ chroit fad a bheatha ’s tha na caraidean aige den bheachd gu bheil e gu math iomchaidh gun tog an tractair beag sònraichte seo tòrr mòr airgid airson carthannas air an do chuir iad uile eòlas.

[Ailean Caimbeul] Tha mi smaoineachadh gur e còig cheud a chaidh a dhèanamh uile gu lèir, agus tha e seo ga àireamh cheud agus rudeigin. Mar sin tha e toirt beachd do dhaoine cho sean ‘s a tha e agus cuideachd cho annasach ‘s a tha e agus ri linn sin cho luachmhor ‘s a tha e agus ged nach eil gnothaich aige ris ann an dòigh tha mi cinnteach, mi fhìn agus Iain air ar cuid dòrainn fhèin fhaotainn ri aillse agus mar sin mar as motha a thogas e airson rannsachadh aillse ‘s ann as fheàrr leinne.

[Iain MacLeòid] Tha sin ceart aidh agus cuideachd a’ cuimhneachadh gu bheil Uilleam fhèin 90 bliadhna an t-seachdain a chaidh agus tha e dìreach mìorbhaileach.

[Ailean Caimbeul] aig a tha fios, mar a bha thu a ràdha na bu thràithe, tha muinntir an airgid mhòir uile a’ coimhead air BBC ALBA agus tha sinn an dòchas gum bi cuideigin ann le sporan mòr a thig a cheannach an tractair tha seo. Bhiodh e glè mhath dìreach aig ceann taighe duine sam bith.

[Eilean Green – Neach-aithris] Eilean Green, BBC An Là, Baile Bhlàir.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!