FaclairDictionary EnglishGàidhlig

New research has been produced at The University of Glasgow Rannsachadh ùr a chaidh a’ dhearbhadh aig Oilthigh Ghlaschu

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2014.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2014.)

Video is playing in pop-over.

Rannsachadh ùr a chaidh a’ dhearbhadh aig Oilthigh Ghlaschu

[Iain Macaonghais – Preseantair] Nise, tha mu cheud bliadhna air a bhith ann bhon a thàinig Gàidhlig gu bhith na cuspair aig Oilthigh Ghlaschu ach tha rannsachadh ùr a’ dearbhadh gu robh ceangal agus buaidh aig Gàidheil agus aig a’ chànan fad bheatha an Oilthigh. ‘S e “Sgeul na Gàidhlig aig Oilthigh Ghlaschu” an t-ainm a th’ air a’ phròiseact agus chaidh Kerr Gibb dhan Oilthigh gus barrachd fhaighinn a-mach.

[Dr Aonghas MacCoinnich] Uill siud “Johanas MacLeod à Hearas”, far na Hearadh agus sliochd Dhùn Bheagain….

[Kerr Gibb – Neach-aithris] Am measg amasan a’ phròiseict, tha bhith faighinn sealladh air a’ bhuaidh a bh’ aig Gàidheil is aig a’ chànan air Oilthigh Ghlaschu tro na linntinn. Chaidh an Oilthigh a stèidheachadh ann an 1451 ‘s bhon uair sin bha Gàidheil ga fhrithealadh.

[Dr Aonghas MacCoinnich] Uill chithear Gàidheil no daoine bho sgìrean Gàidhealach aig an Oilthigh bhon fhìor thoiseach tòiseachaidh. Chithear Caimbeulaich gu h-àraidh agus daoine à Siorrachd Earra-Ghàidheal agus Siorrachd Dhùn Bhreatainn a bha nan Gàidheil agus glè thric bha iad a’ tilleadh dhan Ghàidhealtachd às dèidh dhaibh ceumnachadh agus bha iad nan sagartan suas ro àm an Ath-leasachaidh mu 1560.

[Kerr Gibb – Neach-aithris] Mar sin tha pàirt air a bhith aig na Gàidheil aig an Oilthigh fada mus robh Gàidhlig mar chuspair?

[Dr Aonghas MacCoinnich] Tha sin ceart, tha Gàidheil air a bhith seo bho thùs ach cha robh Gàidhlig ga teagaisg mar chuspair aig an Oilthigh gu 1906/07 agus ma sheallas tu dha eachdraidhean oifigeil an Oilthigh chan eil cus lorg gu robh mòran de Ghàidheil no de Ghàidhlig no daoine bho sliochdan Gàidhealach a’ tighinn dhan Oilthigh ach bha bhon fhìor thoiseach tòiseachaidh agus sin pàirt dhen adhbhar son a’ phròiseact seo. Tha plana Gàidhlig aig an Oilthigh agus mar phàirt dhen sin thathar airson togail air inbhe agus seasamh nan Gàidheal agus a’ chànain aig an Oilthigh agus sealltainn dìreach gu robh iad ann ged nach eil daoine ‘s dòcha cho mothachail air sin.

[Kerr Gibb – Neach-aithris] A rèir Iain Major a bha na phrionnsabal air an Oilthigh aig toiseach an t-siathamh linn deug na latha san bha a’ Ghàidhlig aig an dàrna cuid de mhuinntir na h-Alba. ‘S beag an t-iongnadh ma-thà gun do dh’fhàg Gàidheil dìleab agus thathar an dòchas gun tog a’ phròiseact-sa ar n–aire air. Kerr Gibb, BBC An Là, Glaschu.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!