FaclairDictionary EnglishGàidhlig

30 years since Guth Bharraigh began 30 bliadhna bhon a thòisich an Guth Bharraigh

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2014.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2014.)

Video is playing in pop-over.

30 bliadhna bhon a thòisich an Guth Bharraigh

[Mairi Rodgers – Preseantair] Air a’ chòigeamh den mhìos bidh deich thar fhichead bliadhna ann bhon a thòisich Guth Bharraigh. Tha iad a’ cur a-mach nan ceudan lethbhric gach seachdain, an chuid ann an clò agus ann an cruth didseatach. ‘S ann airson fiosrachadh a chumail air muinntir an eilein a bha an Guth agus cha robh dad a dhùil gum biodh e dol fhathast. Chaidh Shona NicDhòmhnaill a dh’fhaicinn iris na seachdain seo ga chur a-mach.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Nuair a chaidh Guth Bharraigh a chur air bhonn o chionn deich thar fhichead bliadhna, cha b’ ann mar phàipear naidheachd ach mar dhuilleag fiosrachaidh.

[Betty Nic an t-Saoir] Bhathar mothachail air an dìth fiosrachaidh a bha air an eilean a bha seo. Bha daoine call a-mach gu mòr a thaobh sochairean sòisealta can, a thaobh fios mu chroitearachd, an t-adhartas a b’ urrainnear a dhèanamh, bha iomadach seirbheis bhathar a’ call a-mach air seach nach robh fios aig daoine mu dheidhinn.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] B’ ann le seann Gestetner a bhathar a clò-bhualadh Guth Bharraigh an toiseachd, ‘s e typewriter agus tippex na goireasan eile a bh’ ann airson a chur ri chèile.

[Betty Nic an t-Saoir] Chunna mi gu robh an dàrna duilleig, gu robh cuideigin a’ reic cuileanan agus mus do ràinig sinn an t-siathamh duilleag, chuir sinn ann ‘we have surpassed our own service. The dog advertised on page two has now been sold!’

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] An-diugh thathar a’ cur a-mach nan ceudan dhen Ghuth gach seachdain agus le teicneòlas an an-diugh gheibh Barraich air feadh an t-saoghail e aig an aon àm leothasan tha fuireach air an eilean.

[Annie NicNèill] Air post-dealain bidh sinn a’ ruighinn Astràilia. Bidh daoine air an eilean fhèin ga fhaighinn cuideachd air sàilleabh gheibh iad e nas luaithe na gheibh iad sa bhùth e a chuid mhòr dhen ùine. An uair a tha e deiseil bidh sinn ga chur ann an cruth PDF ‘s ga chur a-mach gu daoine cho luath ‘s a ghabhas. Ach feumaidh sinn feitheamh air an eilean gus am bi e printed gus a chur a-mach chun a’ bhùth bhùidseir.

[Fireannach] Uill mura faigh thu e bidh thu ga ionndrainn. Chan eil mòran ann idir.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] bhios sibh caran a’ coimhead air a shon ge-tà?

[Seumas MacAonghais] tha dol. Bheil sgath a’ dol. Uaireannan bidh càraichean for sale agus rudan.

[Annie NicNèill] Tha sinn air colbh Gàidhlig a thòiseachadh ann o chionn a’ bhliadhna a chaidh. Tha sinn a’ feuchainn ri toirt air daoine sgrìobhadh dhuinn cuideachd. Bidh sinn a’ feuchainn rudan ùra, cha bhi e ag obrachadh uaireannan ach uaireannan eile gheibh sinn deagh response agus bi daoine ag ràdh ‘oh bha siud math fhaicinn!’ Airson tòiseachadh, fhuair a’ phròiseact taic airgid airson bhliadhna.

[Betty Nic an t-Saoir] Cha mhòr gun gabh e creidsinn gu bheil e ruith fhathast. Cha robh dùil sam bith againn gu ruitheadh e còig bliadhna ‘s gun diach air mìle is còig cheud iris.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Shona NicDhòmhnaill, BBC An Là, Barraigh

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!