FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Liniclate School remember Sgoilearan Lìonacleit a' cuimhneachadh

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2014.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2014.)

Video is playing in pop-over.

Sgoilearan Lìonacleit a' cuimhneachadh

[Mairi Rodgers – Preseantair] Nis mar a thachair air feadh na dùthcha chaillear na ceudan de dhaoine à Eileanan Uibhist a dh’fhalbh dhan Chogadh Mhòr. Tha Pròiseact nan Ealan air taisbeanadh fhosgladh ann an Lìonacleit far an deach seirbheis cuimhneachaidh a chumail an-diugh fhèin. Tha an aithris seo aig Shona NicDhòmhnaill.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Dhe na ceudan a dh’fhàg na h-eileanan eadar Beàrnaraigh agus Èirisgeigh airson a dhol dhan chiad Chogadh Mòr, chaillear trì cheud agus leth-cheud dhiubh. An-diugh, aig Sgoil Lìonacleit bhathar a’ cuimhneachadh orra uile.

[Caitriona NicCuthais] Na sgoilearan, tha iad a’ tuigsinn gur e daoine às an seo fhèin, gu robh iad ceangailte ris agus tha iad, cuideachd, i a’ faighinn a-mach gur e daoine a tha ‘s dòcha, anns an teaghlach aca fhèin. ‘S dòcha nach e seanair no ‘s dòcha gur e seann sheanair aca a bh’ ann ach tha sin a’ toirt barrachd buaidh tha mi smaoineachadh orra oir tha iad a’ faicinn gu bheil ceangal aca fhèin ri na h-uabhasan a bha tachairt.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Chaidh ainm nam marbh uile a’ leughadh a-mach agus chaidh crois le gach ainm a chur dhan talamh.

[Amber] Bha mi smaointinn gu robh tòrr dhaoine a’ fàgail Uibhist agus cha robh mòran a’ tilleadh so bha tòrr a’ bàsachadh agus bha mi gu math duilich air an son, na teaghlaichean aca.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] A-nis a’ comharrachadh ceud bliadhna bho thòisich a’ Chiad Chogadh Mòr, tha taisbeanadh air fosgladh ann an taigh-tasgaidh na sgoile.

[Crìsdean] Fhuair mi a-mach gu robh na trainnsichean uabhasach grod agus fliuch agus gun do bhàsaich tòrr dhaoine le trench foot agus rudan mar sin.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] ‘S ciamar a tha sin gad fhàgail fhèin a’ faireachdainn?

[Crìsdean] Gu math doirbh a’ smaoineachadh mu dheidhinn ciamar a bhàsaich iad.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Thug pìobaire gu crìoch an t-seirbheis a’ cuimhneachadh an taic a thug pìobairean dha na bha sabaid anns a’ Chogadh. Shona NicDhòmhnaill, BBC An Là, Beinn na Faoghla.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!