FaclairDictionary EnglishGàidhlig

An exhibition about the work of the artist Alasdair Gray Taisbeanadh mu obair an fhir-ealain Albannaich Alasdair Gray

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2014.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2014.)

Video is playing in pop-over.

Taisbeanadh mu obair an fhir-ealain Albannaich Alasdair Gray

[Iain MacIlleathain – Preseantair] Fosglaidh taisbeanadh ann an Glaschu air an deireadh sheachdain, mu bheatha agus mu obair an fhir-ealain Albannaich Alasdair Gray. Gheibh daoine cothrom còrr air ceud pìos bhuaithe fhaicinn aig gailearaidh a’ Khelvingrove sa bhaile. Tha e mar phàirt de thachartasan eile air feadh a’ bhaile airson a bheatha aig ceithir fichead a chomharrachadh. Seo Alasdair Friseal.

[Alasdair Friseal – Neach-aithris] ‘S ann freagarrach a tha e gur ann aig Gailearaidh a’ Khelvingrove a tha taisbeanadh Alasdair Gray a’ gabhail àite. B’ ann an seo a chaidh ùidh a thogail ann an ealain agus thug e an stoidhle sin leis nuair a dh'fhàs e nas sine agus a thòisich e aig Sgoil Ealain Ghlaschu. Tha grunn phìosan anns an taisbeanadh, de sgrìobhaichean agus luchd-ealain eile agus pìos a rinn e le charaidean agus a theaghlach, tòrr dhiubh bhon chruinneachadh phrìobhaideach aige.

[Iseabail Mhoireach] Tha an stoidhle aige, tha e uabhasach fhèin, ‘s e stoidhle gu math àraidh a th’ ann. Tha e furasta gu leòr an obair aig Alasdair Gray aithneachadh bhon stoidhle aige, tha seòrsa, uill, rudeigin coltach ri cartoon. Tha e a’ cleachdadh loidhne, tha e uabhasach measail air a bhith cleachdadh loidhne agus tha stoidhle peantaidh aige gu math còmhnard agus làidir tha mi smaoineachadh.

[Alasdair Friseal – Neach-aithris] Ach bha greis ann gus an d’ fhuair obair an inbhe a th’ aige an-diugh.

[Alasdair Gray] My early years, both my writing and my painting were equally uninteresting or unsaleable. Undoubtedly the books, except insofar as I designed the covers or illustrated them, were better known than my mural paintings or portraits or other work.

[Alasdair Friseal – Neach-aithris] Chithear tòrr dhen obair ealain a chruthaich e cuideachd anns na seachdadan, nuair a chaidh dreuchd neach clàraidh ealain baile Ghlaschu a bhuileachadh air.

[Iseabail Mhoireach] Chan eil fhios agam cho fad ‘s a bha e ann ach tha fhios agam gun do rinn e an t-uabhas obrach nuair a bha e ag obair aig taigh-tasgaidh tasgaidh Glasgow Green dha Elspeth King an sin. Bidh e uabhasach fhèin inntinneach an obair sin fhaicinn.

[Alasdair Friseal – Neach-aithris] Tha an taisbeanadh a’ fosgladh gu h-oifigeil a-màireach agus tha e mar phàirt de thaisbeanadh nas fharsainge air obair Alasdair Gray aig làraichean eile air feadh a’ bhaile. Alasdair Friseal, BBC An Là, Glaschu.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!