FaclairDictionary EnglishGàidhlig

The Gaelic Learner of the year Neach-ionnsachaidh Gàidhlig na Bliadhna

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2014.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2014.)

Video is playing in pop-over.

Neach-ionnsachaidh Gàidhlig na Bliadhna

[Dòmhnall Angaidh Moireasdan - Preseantair] Air falbh bho na farpaisean sin ‘s e fear à Dùn Phris air an deach duais Neach-ionnsachaidh Gàidhlig na Bliadhna a bhuileachadh. Bha Iain Howieson ag obair fad bhliadhnaichean a' teagaisg. Thuirt na britheamhan gun robh e na dheagh eisimpleir do luchd-ionnsachaidh, agus na dhearbhadh gun gabh Gàidhlig ionnsachadh aig àm sam bith de bheatha. Tha Eileen NicDhòmhnaill ag aithris.

[Fireannach] Seo an teisteanas a rinneadh air an neach a tha a’ cosnadh na duais seo am-bliadhna agus tha e cho math dhomh innse dhuibh aig an toiseach gur e, an neach a tha a’ cosnadh na duais am-bliadhna gur e John Howieson às an Eilean Sgitheanach.

[John Howieson] Bha co-là-breith sònraichte agam an-uiridh agus thuirt mo bhean, “bu toil leam prèasant sònraichte a cheannach dhut” agus thuirt i ’s dòcha bungee jump no bliadhna sa cholaiste agus thuirt mise uill, b’ fheàrr leam bliadhna sa cholaiste.

[Eileen NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Thug Seonaidh Howieson ceum a-mach aig Sabhal Mòr Ostaig o chionn bliadhna. Tha e ag obair a dh’ionnsaigh ceum le urram. Bha e fad bhliadhnaichean a’ teagaisg agus mu dheireadh na cheannard air Sgoil Phort Rìgh. Bha riamh ùidh aige ann an cànan agus cultar nan Gàidheal ge-tà. Ach, cha robh e riamh a’ saoilsinn gum faigheadh e duais a-mach às.

[John Howieson] ‘S e urram mòr mòr a th’ ann. Cha robh mi an dùil ri rud mar sin sam bith agus tha e mìorbhaileach math, tha mi uabhasach moiteil agus taingeil dhan h-uile duine a tha air a bhith a’ bruidhinn rium sa Ghàidhlig.

[Eileen NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Thuirt na britheamhan gu bheil e na dheagh eisimpleir dhan ghinealach aige agus nach e an-còmhnaidh an t-ionnsachadh òg an t-ionnsachadh bòidheach.

[Iain MacLeòid] ‘S e deagh eisimpleir a th’ ann saoilidh mi dha inbheach a tha air a’ Ghàidhlig a thogail agus ‘s e dearbhadh a th’ ann gu bheil e comasach a’ Ghàidhlig ionnsachadh aig ìre nas sine na do bheatha na tha anns an sgoil.

[Eileen NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Chan e seo a’ chiad duais a tha Maighstir Howieson air a chosnadh son a chuid Gàidhlig ge-tà. Tha cuach mòr sa chabinet aige mar tha. Chaidh cur ris an sin an-diugh agus ‘s dòcha gun tèid a-màireach cuideachd agus e na fharpaiseach air Bonn Òr a’ Chomuinn Ghàidhealaich. Dh’fhaighnich mi dha ge-tà, co-dhiù an robh e am beachd leantainn air leis a chuid Ghàidhlig san ùine fhada?

[John Howieson] Tha e air a bhith cho math gun do dh’aontaich mi a bhith a’ tilleadh agus tha mi dèanamh an dàrna bliadhna a-nis agus ‘s dòcha gun dèan mi an treas bliadhna cuideachd. Chì sinn.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!