FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Housing concerns in Staffin Draghan mu thaigheadais ann an Stafainn

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2014.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2014.)

Video is playing in pop-over.

Draghan mu thaigheadais ann an Stafainn

[Innes Rothach – Preseantair] Thàinig rabhadh gum faodadh Bun-sgoil Stafainn san Eilean Sgitheanach dùnadh leis cho doirbh ‘s a tha e do theaghlaichean òga taighean fhaighinn anns an sgìre. Ann an oidhirp piseach a thoirt air cùisean tha Urras an Taobh Sear a-nis a’ feuchainn ri talamh fhaighinn far am faodadh iad taighean a thogail. Tha an aithris seo aig Eilidh NicLeòid.

[Eilidh NicLeòid - Neach-aithris] Tha fichead bliadhna on a chaidh taighean sòisealta a thogail ann an Stafainn. Fhuair sgrùdadh anns a’ choimhearsnachd gu bheil ochd-deug às a’ cheud de thaighean air an cleachdadh le luchd-turais a-mhàin agus tha draghan ann gur e gainnead thaighean as coireach ri ìsleachadh anns an àireamh de sgoilearan bho leth-cheud ‘s a còig ochd bliadhna air ais.

[Dòmhnall Dòmhnallach] Tha an-diugh Sgoil Stafainn sìos gu aon duine deug anns an sgoil agus tha sin ag innse suidheachadh ann an ùine uabhasach goirid agus ‘s e trioblaid a th’ ann, ‘s e nach eil teaghlaichean a’ faighinn cothrom fuireach anns an sgìre.

[Eilidh NicLeòid - Neach-aithris] Tha càraid òg a’ togail an taigh seo le taic phàrantan ach ‘s e slighe fhada a th’ air a bhith ann dhaibh. Dh’fheuch iad an tòiseach àite-còmhnaidh fhaighinn leis a’ chomhairle no buidheann taigheadais bho chionn ochd bliadhna.

[Jennifer Shanks] Cha robh puingean gu leòr againne ged a bha sinn a’ fuireach a-rithist ann an carabhan, bha sinn airson a bhith a’ fuireach agus ag obair anns an àite. Bha obair againne. Bha sinn comasach ar màl a phàigheadh, cha robh sinn a’ sireadh benefits no càil sam bith. Thuirt iad rinn aig an àm ud nach robh cothrom ann am millean bliadhna gum faigheadh sinn taigh anns an àite.

[Eilidh NicLeòid - Neach-aithris] Chan e a-mhàin na dh’fhaodas tachairt dhan sgoil a tha a’ dèanamh dragh ach a’ bhuaidh cuideachd a dh’fhaodadh a bhith o cionn taigheadais air fàs eaconomaidh agus planaichean mòra anns an sgìre airson cidhe Stafainn an seo a leasachadh.

[Eilidh NicLeòid - Neach-aithris] Ma thèid am plana air adhart, bidh obair ann do suas ri fhichead duine. Tha an t-Urras Leasachaidh ag ràdh gur e call dhan choimhearsnachd a bhios ann mura bi cothrom ac’ fuireach ann. Tha iad a-nis a’ lorg talamh far an tog iad fhèin taighean ach tha beachd ann gum feum iad prìomhachas a thoirt do dhaoine às an sgìre.

[Jennifer Shanks] Chan e dìreach feadhainn a tha air faighinn ceudan de phuingean air an siostam aig a’ chomhairle agus ‘s dòcha nach eil iad a’ tighinn a-steach agus mòran a thoirt dhan bhaile idir. Chan eil iad, ‘s dòcha nach eil iad ag obair agus chan eil clann aca agus chan eil mi airson a ràdh nach fhaod daoine taighean fhaighinn ach tha mi den bheachd gum bu chòir teaghlaichean òga agus teaghlaichean às an àite a' faighinn cothrom nas fheàrr anns an àite aca fhèin.

[Eilidh NicLeòid - Neach-aithris] Tha aon làrach ac’ far an gabhadh mu shia taighean a thogail ach dhan Urras, ‘s e dìreach toiseach tòiseachaidh a tha sin ‘s tha iad ag iarraidh air croitearan talamh a bharrachd a shaoradh.

[Dòmhnall Dòmhnallach] Bhiodh e math nam biodh daoine sa sgìre deònach àite a thoirt seachad airson taighean ùra son tha feum aig an sgìre seo air taighean agus mura h-obraich sinn còmhla, cha bhi sgoil againn ann am change "an" to "am" here XXXXX beagan bhliadhnaichean.

[Eilidh NicLeòid - Neach-aithris] Eilidh NicLeòid, BBC An Là, Stafainn.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!