FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Looking for more information about a soldier from Tiree A' lorg tuilleadh fiosrachaidh mu shaighdear à Tiriodh

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2014.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2014.)

Video is playing in pop-over.

A' lorg tuilleadh fiosrachaidh mu shaighdear à Tiriodh

[Mairi Rodgers – Preseantair] Bidh prògram sònraichte air BBC ALBA a-nochd mar phàirt de chomharrachadh nan ceud bliadhna bho thòisich an Cogadh Mòr. Tha am prògram a’ leantail Dòmhnall Meek is e a’ lorg tuilleadh fiosrachaidh mu bhràthair a sheanmhar, Iain Dòmhnallach, a chaidh a mharbhadh sa chiad chogadh. Bidh an sgeulachd cuideachd ri cluinntinn ann an trì prògramanan air Radio nan Gàidheal air a bheil an t-ainm Iain Againn Fhìn. Le tuilleadh mun sgeulachd a tha seo, seo Alasdair MacIllFhinnein

[Alasdair MacIllFhinnein – Neach-aithris] B’ e saighdear à Eilean Thioridh bho thùs a bh’ ann an Iain Dòmhnallach. Fear a chaidh a mharbhadh aig Blàr Arras san Fhraing anns a’ Chiad Chogadh. Cha robh e ach na dhuine òg nuair a chaidh a mharbhadh le peilear, fhad ‘s a bha e a’ toirt cobhair do shaighdear eile. ‘S e ogha dha bhràthair a th’ ann an Dòmhnall Meek, agus le a bhith a’ leughadh litrichean agus pàipearan aig a bheil ceangal ri Iain, ghabh e ùidh ann an sgeulachd bràthair a sheanmhar. Tha Dòmhnall air tighinn dhan Fhraing, gu àite sònraichte – an làrach far an do thuit Iain Dòmhallach.

[Dòmhnall Meek] Chan e a-mhàin gu bheil mi ga fhaicinn, ach tha mi ceangal, mar gum biodh, ris a’ bhall mu dheireadh don teaghlach air nach robh mi fhèin eòlach, anns na mionaidean mu dheireadh a bh’ aige dhe bheatha. Is tha sin a’ toirt sìth dom chridhe, dha-rìribh, sìth.

[Alasdair MacIllFhinnein – Neach-aithris] Bha e gu math cumanta aig an àm sin, saighdearan a thiodhlacadh far an do thuit iad. Agus sin dìreach mar a thachair do dh’Iain Dòmhnallach. As dèidh a’ chogaidh, chaidh a thiodhlacadh às ùr, ann an Cladh Coimisean Uaighean Cogaidh a’ Cho-Fhlaitheis, air oir baile Arras. Còrr is ceud bliadhna as dèidh do dh’Iain falbh, tha Dòmhnall air an rathad chun a’ chlaidh gus an uaigh fhaicinn..

[Dòmhnall Meek] An rud a tha sònraichte an sin, ‘s e gu bheil sgrìobhadh shìos aig bonn na cloiche ann an sin, Not forgotten in Caolis, Tiree. Is tha sin fìor. Cha mhòr nach eil ceud bliadhna bhon a dh’fhalbh e, agus seo mise nise nam sheasamh ann an seo. A’ phrìomh smuain an-dràsta, ‘s e cho taingeil is a tha mi gu bheil mi ann. Agus gun do dhùin mi an cearcall.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!