FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Commemorating Rememembrance Day A' comharrachadh Latha Cuimhneachaidh

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2014.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2014.)

Video is playing in pop-over.

A' comharrachadh Latha Cuimhneachaidh

[Mairi Rodgers – Preseantair] Feasgar math dhuibh. Chomharraich daoine air feadh an t-saoghail deireadh a’ chiad Chogaidh Mhòir an-diugh. Chruinnich daoine còmhla gus an fheadhainn a chaill am beatha anns a’ chogadh sin, agus ann an iomadh cogadh as a dhèidh a chuimhneachadh. Tha Coinneach Mac a’ Ghobhainn ag aithris.

[Coinneach Mac a’ Ghobhainn – Neach-aithris] Aig aon-uair-deug, dhen aonaibh-latha-deug dhen aonaibh-mìos-deug, chuimhnich an dùthaich air fad air na rinn an ìobairt bu mhotha air rud nas cumhachdaich na facail sam bith – sàmhchair. Ceud bliadhna bhon a thòisich a’ chiad chogadh, comharra dhen deireadh. Chruinnich iad aig taigh-baile Inbhir Nis, mar a chruinnich iad air feadh na seann ìmpireachd agus an t-saoghal air fad. Aig geata Bhenain sa Bheilg, tha còrr air leth-cheud mìle ainm sgrìobht’. Saighdearan nach deach an lorg a-riamh. B' e seo cogadh a sgrios coimhearsnachdan. Nam measg, coimhearsnachdan Gàidhealachd.

[Murchadh Peutan] Uill, às an Eilean Sgitheanach agus Loch Aillse, chaill dìreach goirid air sia ceud balach òg am beatha. Nise, ma smaoinicheas tu air an àireamh a tha sin agus a-mach à sluagh, ‘s dòcha deich no dusan mìle, chan eil rian nach robh buaidh uabhasach aige sin air a h-uile, a h-uile pàirt den choimhearsnachd. Nuair a smaoinicheas tu air sgiobaidhean spòrs, mar eiseimpleir, sgiobaidhean ball-coise, sgiobaidhean iomain, nuair a smaoinicheas tu air na dannsaichean a bha a’ gabhail àite anns na tallaichean is rudan mar sin. Chan eil rian nach do chuir e sgleò air a h-uile càil a bh’ ann airson iomadach bliadhna.

[Coinneach Mac a’ Ghobhainn – Neach-aithris] Is aig tùr Lunnainn, cuimhneachan sònraicht’ airson a h-uile coimhearsnachd. Ochd ceud, ceithir fichead ‘s a h-ochd mìle, cheud is fhichead ‘s a sia crom-lusan. Gach fear na shamhla airson saighdear Breatannach a bhàsaich sa chiad chogadh. Tha còrr air còig millean duine air a dhol a dh'fhaicinn an t-sealladh iongantach seo. Is eadar cuimhneachain cogaidh mar seo, is an fheadhainn anns na bailtean fhèin, bithear an dòchas nach dìochuimhnichear gu bràth ìobairt saighdearan a’ chogaidh mhòir. Coinneach Mac a’ Ghobhainn, BBC An Là.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!