FaclairDictionary EnglishGàidhlig

A special night for Dingwall Gaelic choir Oidhche shònraichte do Chòisir Ghàidhlig Inbhir Pheofharain

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2014.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2014.)

Video is playing in pop-over.

Oidhche shònraichte do Chòisir Ghàidhlig Inbhir Pheofharain

[Iain MacIllEathain – Preseantair] Uill, tha coltas gu bheil cò-làithean-breith thall ‘s a bhos an-dràsta, oir chomharraich Còisir Ghàidhlig Inbhir Pheofharain oidhche Haoine iad fhèin trì fichead bliadhna bho a chaidh a stèidheachadh. Tha an còisir air fàs gu mòr tro na bliadhnaichean agus aig an dìnnear agus an dannsa a bh’ ann am Pavillion Srath Pheofhair oidhche Haoine, bha feadhainn a bha an sàs ann, agus feadhainn a tha fhathast. Le tuilleadh, seo Coinneach Mac a’ Ghobhainn.

[Coinneach Mac a’ Ghobhainn – Neach-aithris] ‘S iomadh rud a tha air atharrachadh sna trì fichead bliadhna a dh’fhalbh. Ach, fad nam bliadhnaichean sin, tha Còisir Ghàidhlig Inbhir Pheofharain air maireachdainn. Ann an Srath Pheofhair Dihaoine, chomharraich iad sin.

[Steafan MacÌomhair] Uill, am-bliadhna, mhìle ‘s a ceithir-deug, tha sinne, Còisir Ghàidhlig Inbhir Pheofharain, a’ comharrachadh trì fichead bliadhna bhon a chaidh an còisir a stèidheachadh an toiseach. Agus, tha cuirmean sònraichte air a bhith a’ dol againn tron bhliadhna, measgachadh de chonsairtean agus cèilidhean, ach a-nochd tha dìnnear mhòr againn agus dannsa. Agus tha seo, mar gum biodh, a’ toirt nan cèilidhean ‘s nan cuirmean gu crìoch, so, a-nochd, tha dìnnear againn agus tha dannsa againn as a dhèidh.

[Coinneach Mac a’ Ghobhainn – Neach-aithris] Chruinnich daoine a tha agus a bha an sàs sa chòisir, agus chaidh meal an naidheachd a chur air cuid dhe na th' air an còisir a stiùireadh thar nam bliadhnaichean.

[Alison Matheson] Cuid de na daoine bho chòisirean eile a’ tighinn a-nochd, agus bidh a’ chlàrsach a’ cluich tron dìnnear cuideachd, agus bidh spòrs is fealla-dhà – ‘s dòcha faisg air meadhain-oidhche, ge-tà!

[Coinneach Mac a’ Ghobhainn – Neach-aithris] Is le daoine nach eil a-nis an sàs ann, a’ cruinneachadh le na tha, bha mothachadh ann gur e coimhearsnachd gu math blàth a th’ aig a’ chòisir.

[Ùisdean MacRae] Ach, cha b’ e, cha brith dè, an còisir a bhios tu a’ bruidhinn mu dheidhinn – tha, an aon rud ann, tha seòrsa, dualchas tha faireachdainn teaghlaich mu dheidhinn, agus tha sin gu h-àraidh le Còisir Ghàidhlig Inbhir Pheofharain. Ma tha duine ann an èiginn air choreigin tha iad ann.

[Coinneach Mac a’ Ghobhainn – Neach-aithris] Chan eil ach ceathrar a bha sa chòisir an toiseach beò an-diugh.. Gu mì-fhortanach, cha d' fhuair ach aonan dhiubh ann.. Ach ‘s e a bh’ air a dhòigh a’ chèic a ghearradh is toiseach a’ chòisir a chuimhneachadh.

[Jackie Fraser] Oh, it was great! They won the Margaret Duncan trophy, and I mind after, the new stuff, the Margaret Duncan trophy was on the table, and it was half pint glasses that was round about - so it was quite good!

[Coinneach Mac a’ Ghobhainn – Neach-aithris] Chaidh crìoch a chur air an oidhche le eile ach dannsa cèilidh. Agus bithear an dòchas gu mair an còisir airson trì fichead bliadhna eile. Coinneach Mac a’ Ghobhainn, BBC An Là, Srath Pheofhair.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!